FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tòmas Garnett agus Tobar Leac an t-Sagairt

’S ann tric, nuair a tha mi a’ coimhead air

Audio is playing in pop-over.

Tòmas Garnett agus Tobar Leac an t-Sagairt

’S ann tric, nuair a tha mi a’ coimhead air mapaichean dhen Ghàidhealtachd, a bhios mi a’ mothachadh ainm-àite inntinneach a tha ag innse dhomh gu bheil stòiridh co-cheangailte ris. Gu mì-fhortanach, uaireannan tha e doirbh no eadhon do-dhèante an stòiridh a lorg.

O chionn ghoirid thàinig mi tarsainn air ainm dhen t-seòrsa sin ann am Muile – beinn air a bheil Maol Tobar Leac an t-Sagairt. Tha e ann am meadhan ceann a deas an eilein. Tha e faisg air an rathad eadar Creag an Iubhair, às am faighear bàt’-aiseig chun an Òbain, agus Fionnphort, às am faighear bàt’-aiseig gu ruige Ì Chaluim Chille.

Maol Tobar Leac an t-Sagairt . Feumaidh gu bheil tobar faisg air làimh. Agus, nuair a tha thu ga ghoogladh air an eadar-lìon, tha gu dearbh fear ann – Tobar Leac an t-Sagairt. Ach cò sagart a bh’ ann? Agus carson a chaidh an tobar ainmeachadh air a shon?

Uill, bha Tòmas Garnett ann anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, naochad ’s a h-ochd (1798), agus fhuair esan an stòiridh. Sgrìobh e mu dheidhinn anns an leabhar aige Observations on a Tour Through the Highlands and Part of the Western Isles of Scotland. Tha e a’ dol air ais do linn Chaluim Chille.

Chaochail sagart a bh’ ann an Torasaigh, ann an taobh sear Mhuile, a’ fàgail beàrn ann do chuideigin eile a bheathachadh fhaighinn an sin. Bha gu leòr de shagartan a’ fuireach còmhla ri Calum Cille ann an Eilean Ì. Agus dh’iarr dithis aca air Calum Cille am beathachadh fhaighinn ann an Torasaigh.

Cha robh Calum Cille airson dragh a chur air duine seach duine aca. Mar sin, thuirt e riutha – am fear a bu luaithe a ruigeadh Torasaigh, ’s e a gheibheadh a bheathachadh. Ach ’s e an oidhche a bh’ ann, agus thoirmisg e an dithis bho bhith a’ tòiseachadh gus an tigeadh a’ mhadainn. Chan eil dùil gun d’ fhuair sagart seach sagart cadal.

An ath mhadainn, dh’fhalbh fear dhiubh na bu tràithe na ’m fear eile. Lorg an sagart eile a’ chiad fhear, agus e na laighe marbh ri taobh an tobair. Bha dùil gun robh e air uiread de chabhaig a dhèanamh ’s gun do dh’òl e cus uisge, agus gur e sin a thug bàs dha. Bha cuid, ge-tà, dhen bheachd gun robh an dàrna sagart air am fear eile a mhurt, airson dèanamh cinnteach gum faigheadh e a bheathachadh. Co-dhiù, chaidh an tobar ainmeachadh airson an t-sagairt. Tha e a’ giùlain an ainm fhathast – Tobar Leac an t-Sagairt.

Nuair a leugh mi barrachd de dh’earrann leabhar Gharnett mu a thuras a Mhuile, thàinig mi tarsainn air cunntas inntinneach de sheanfhacal Gàidhlig a chuala an t-ùghdar: Sgrìobh e mar seo e: Is mairg a loisgeadh a thiompan ris. Seo mar a tha e ga mhìneachadh anns an leabhar: Among the proverbs which are common in this and some of the islands is the following one: when you meet with ingratitude from a person who has benefited by your means, where you had reason to expect a very different conduct, it is common to say, “what a fool I was to burn my harp for him or her”. Is mairg a loisgeadh a thiompan ris. Bheir mi sùil air an t-seanfhacal sin anns an ath Litir.

Litir 669 Litir 669 Litir 671 Litir 671

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!