Tha mi ag innse na seann sgeulachd Na h-Amhaisgean no Na Trì Saighdearan. Fhuair am boireannach a-mach às a’ chaisteal, air falbh bho na
h-Amhaisgean. Chaidh i dhachaigh do a h-athair a bha na Rìgh ann an Rìoghachd na Fuarachd. Gheall i don t-saighdear gun tilleadh i le maighdeannan
coimheadach airson a phòsadh.
Dh’fhàg an saighdear an caisteal cuideachd. Chaidh e don taigh a b’ fhaisge air. ’S ann le bean-shìth a bha an taigh. Latha a bha seo, bha e a’ tarraing
uisge às an tobar. Chunnaic a’ bhean-shìth an Rìgh, a nighean agus na maighdeannan coimheadach a’ tighinn dhan ionnsaigh. Thàinig i air cùlaibh an
t-saighdeir gun fhiosta dha agus chuir i prìne draoidheachd ann an cùl a chinn.
Nuair a ràinig an Rìgh e, bha an saighdear na throm shuain. Mar a bu mhotha a chrathadh an Rìgh e, ’s ann a bu truime a chaidleadh e.
“Chan eil fhios a’m dè an seòrsa duine a tha seo,” ars an Rìgh, “nuair nach gabh e dùsgadh idir.” Dh’fhalbh an Rìgh dhachaigh.
An uair sin, spìon a’ bhean-shìth am prìne draoidheachd agus dhùisg an saighdear. Chaidh e don chaisteal agus lorg e a chompanaich, an dithis shaighdearan
eile.
“A bheil sibh a’ tighinn còmhla rium a Rìoghachd na Fuarachd?” thuirt e.
“Chan eil,” ars iadsan, “tha sinn math gu leòr far a bheil sinn.”
Agus leig e an sin iad. Choimhead e timcheall agus lorg e trì cìrean-eich. Thug e na cìrean leis agus dh’fhalbh e air an rathad a dh’ionnsaigh Rìoghachd na
Fuarachd. Stad e mu dheireadh aig bothan ri taobh an rathaid. Bha bodach liath ann. Bha e a’ cìreadh fheusaig le badan fraoich.
“Nach garbh a’ chìr a th’ agad!” thuirt an saighdear.
“Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.
“’S cinnteach gu bheil nas fheàrr agam fhìn,” thuirt an saighdear. Agus thug e tè de na cìrean-eich aige don bhodach.
“’S aithne dhomh fàth do thurais,” thuirt am bodach. “Tha thu air tòir do leannain, nighean an Rìgh, ann an Rìoghachd na Fuarachd. Cuiridh tu seachad an
oidhche a-nochd cuide rium agus cha mhiste do thuras a-màireach e.”
Rinn e sin agus, an làrna-mhàireach, nuair a bha e a’ dèanamh deiseil airson falbh, thuirt am bodach liath ris, “’S e mo bhràthair as fheàrr a chuireas air
do thuras thu. Tha e aig astar latha is bliadhna às a seo, ach bheir mise dhut paidhir bhrògan is bheir iad ann thu ann an aon latha. Nuair a ruigeas tu
taigh mo bhràthar, thoirt dhìot na brògan, tionndaidh iad an rathad seo agus bidh iad air ais agam ro dhol-fodha na grèine.”
Dh’fhalbh an saighdear agus, aig ciaradh an fheasgair, chunnaic e bothan ri taobh an rathaid. Thug an saighdear na brògan dheth. Thionndaidh e iad agus
dh’fhalbh iad leotha fhèin air an rathad dhachaigh. Nuair a bha iad a-mach à sealladh, chaidh an saighdear a-steach don bhothan. Bha bodach liath ann na
shuidhe aig an teine air stoc craoibhe. Bha e a’ cìreadh fheusaig le badan giuthais.
“Nach garbh a’ chìr a th’ agad!” thuirt an saighdear.
“Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.
Feumaidh sinn an stòiridh fhàgail aige sin. Ach cuiridh sinn crìoch air an-ath-sheachdain.