Thathar a’ smaoineachadh gun robh Francis Humberston MacCoinnich a’ dol a chur an deilbh ainmeil a dh’òrdaich e – Bàs an Daimh – an-àirde ann an
Caisteal Bhrathainn ann an Siorrachd Rois. Bidh cuimhne agaibh gu bheil an dealbh, a chaidh a dhèanamh ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a sia (1786), a’
sealltainn tùsair Clann ’ic Coinnich, Cailean Fitzgerald, a’ sàbhaladh beatha Rìgh na h-Alba, Alasdair III.
Tro na naochadan dhen ochdamh linn deug (1790an), ge-tà, bhathar a’ leasachadh Caisteal Bhrathainn. Agus dh’fhuirich an dealbh mòr iongantach, a tha a-nise
ann an Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba, ann an Lunnainn airson còrr is trithead bliadhna. Bha e ann an stiùidio an fhir a pheant e, Benjamin West. Thathar
a’ smaoineachadh gun robh e air a roiligeadh suas fad cuid mhath dhen ùine sin.
Ann an ochd ceud deug, fichead ’s a h-aon (1821), bliadhna às dèidh bàs West, chaidh an dealbh a ghluasad gu tuath. Bha e ann an Caisteal Bhrathainn gu
naoi ceud deug, caogad ’s a dhà (1952) nuair a chaidh an caisteal a leagail. Chaidh an dealbh a ghluasad an uair sin gu Talla Baile na Cananaich is Ros
Mhaircnidh. Tha mi a’ tuigsinn gun robhar a’ cluich badminton aig amannan anns an talla far an robh e crochte!
Anns na h-ochdadan, cho-dhùin oighrean nan Sìophortach gun robh aca ri a reic. Chaidh e gu rùp ann an Lunnainn. ’S e Gailearaidh Nàiseanta nan Ealain ann
am Washington DC a cheannaich e airson prìs mhath – còrr is leth-mhillean not. Bha Bàs an Daimh a’ fàgail na dùthcha dhan do rinneadh e. Bha e a’ dol don
dùthaich anns an do rugadh am fear a pheant e. ’S ann à Pennsylvania a bha Benjamin West.
Ach cha b’ e sin deireadh an sgeòil. Leis gun robh e cho luachmhor mar phìos ealain, chuir Riaghaltas Bhreatainn stad air bho bhith a’ dol a-null thairis.
An uair sin, chaidh a cheannach le Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. Bha àite air a ghleidheadh dha ann an Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn
Èideann. Ach bha an dealbh cho mòr, agus bha e air a bhith air a roiligeadh uiread, ’s gun do rinneadh co-dhùnadh gum biodh air e a chrochadh anns a’
ghailearaidh agus gur ann an sin fhèin a bhiodh an glèidheadair ag obair air nuair a bhiodh obair gleidhidh a dhìth air.
Agus bha obair gleidhidh a dhìth air. Thòisich i ann an dà mhìle ’s a ceithir (2004). B’ fheudar don ghlèidheadair sracadh sa chanabhas a chàradh. Agus b’
fheudar dha faighinn cuidhteas bhàrnais a bha thairis air a h-uile nì. Bha tòrr ath-pheantadh mionaideach a dhìth air an dealbh. Rinn an
glèidheadair an obair anns a’ ghailearaidh agus bha cothrom aig a’ phoball sùil a thoirt air fhad ’s a bha e ga dèanamh.
Thathar a’ smaoineachadh gun robh ìomhaighean snaighte àrsaidh ann an ceann West nuair a dhealbhaich e an dealbh – rudan mar An Gall a’ Bàsachadh
anns an Ròimh agus Fear-sabaid Bhorghese anns an Louvre ann am Paris. Agus thathar a’ dèanamh dheth, a thaobh stoidhle peantaidh, gun tàinig West
gu mòr fo bhuaidh Rubens. Ge bith dè an fhìrinn a th’ ann a thaobh sin, tha an dealbh iongantach. Mholainn gun toir sibh sùil air an ath
thuras a tha sibh ann an Dùn Èideann.