FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bàs an Daimh (2)

Tha an dealbh Bàs an Daimh, ann an Gailearaidh Nàiseanta

Audio is playing in pop-over.

Bàs an Daimh (2)

Tha an dealbh Bàs an Daimh, ann an Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba, a’ sealltainn Cailean Fitzgerald a’ sàbhaladh beatha Rìgh Alasdair III. B’ e Cailean an tùsair, a rèir beul-aithris, aig Clann ’ic Coinnich. Fhuair e fearann bhon Rìgh ann an Cinn Tàile, a’ gabhail a-staigh Eilean Donan. ’S e ogha Chailein – Coinneach – a thug ainm don chinneadh.

Bha Clann ’ic Coinnich air a bhith dìleas do rìghrean na h-Alba. Ach thug an còigeamh Iarla Shìophort, Uilleam MacCoinnich, taic do na Seumasaich nan ciad ar-a-mach ann an seachd ceud deug is còig-deug (1715). Chaill e an tiotal agus fearann aige.

Ge-tà, cha do chuir sin stad air bho bhith a’ toirt taic do na Seumasaich anns an dàrna ar-a-mach ann an seachd ceud deug is naoi-deug (1719). Ach chaill arm nan Seumasach, agus feachd shaighdearan Spàinnteach, ann am Blàr Ghleann Seile. Agus leag saighdearan an riaghaltais Caisteal Eilean Donan gu làr.

Aona bhliadhn’ deug às dèidh sin, chaidh aig Uilleam air cuid dhen fhearann aige a cheannach air ais. Am measg sin bha oighreachd air Eilean Leòdhais. Nuair a thàinig an treas ar-a-mach Seumasach ann am Bliadhna Theàrlaich, thug a mhac, Coinneach, taic do Rìgh Deòrsa. Ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a sia (1766) chaidh an tiotal, Viscount Fortrose, a bhuileachadh air.

Còig bliadhna às dèidh sin, thabhainn Coinneach don riaghaltas rèisimeid de shaighdearan Gàidhealach a stèidheachadh. Agus chaidh an seann tiotal a bhuileachadh air – Iarla Shìophort. Seachd bliadhna às dèidh sin, chaidh an rèisimeid aige a stèidheachadh – na Sìophortaich.

Chaochail Coinneach gun oighre fireann agus dh’fhalbh an tiotal leis. Chaidh ceannas na fine gu cousin dha. Chaochail esan agus fhuair a bhràthair, Francis Humberston MacCoinnich, an tiotal mar cheann-cinnidh. Rinn Francis obair-leasachaidh air a’ chala ann an Steòrnabhagh. Agus rinn e leasachadh mòr air a’ phrìomh chaisteal aige, Caisteal Bhrathainn, ann an taobh an ear Rois.

Bha ùidh mhòr aig Francis anns na h-ealain. ’S e a dh’iarr air a’ pheantair Ameireaganach, Benjamin West, an dealbh mòr iongantach, Bàs an Daimh, a dhèanamh. Tha e coltach gun robh MacCoinnich am beachd an dealbh a chrochadh ann an Caisteal Bhrathainn.

Chosg e ochd ceud gini – sùim mhòr mhòr aig an àm. ’S e an seòrsa deilbh a bhiodh rìghrean no riaghaltasan mar as trice a’ coimiseanadh. Agus tha e cinnteach gun do rinn MacCoinnich soilleir do West – ’s dòcha aig coinneamhan ann an Lunnainn – gun robh e ag iarraidh dealbh a shealladh cho treun agus dìleas ’s a bha Clann ’ic Coinnich. Bha an Rìgh Deòrsa dhen bheachd gur e fìor dheagh dhealbh a bh’ ann. Mas e propaganda a bh’ ann, dh’obraich e.

An-ath-sheachdain, cuiridh mi crìoch air an eachdraidh seo de Bhàs an Daimh, ach feumaidh mi innse dhuibh dè thachair do Francis Humberston MacCoinnich, Mòrair Shìophort (chaidh a dhèanamh na bharan ann an seachd ceud deug, naochad ’s a seachd – 1797). Dh’fhàs e bodhar nuair a bha e na bhalach agus cha robh cainnt mhath aige.

Bha ceathrar mhac aige. Ach chaochail a mhic gu lèir roimhe. Nuair a chaochail Francis fhèin ann an ochd ceud deug is còig-deug (1815), bhàsaich “Na Sìophortaich” leis. Agus thug a bhàs gu buil faidheadaireachd aig Coinneach Odhar Fiosaiche. B’ e sin gun tigeadh na Sìophortaich gu ceann le bàs cinn-chinnidh a bha bodhar agus balbh.

Litir 608 Litir 608 Litir 610 Litir 610

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!