FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Griogair MacGriogair (2)

Bha an t-Albannach, Griogair MacGriogair, air a dhol don Fhraing.

Audio is playing in pop-over.

Griogair MacGriogair (2)

Bha an t-Albannach, Griogair MacGriogair, air a dhol don Fhraing. Bha e air a bhith ri foill. Thug e a chreidsinn air mòran dhaoine gun robh dùthaich ann am Meadhan Ameireagaidh air an robh Poyais. Chaidh mòran air slighe fhada airson a dhol a dh’fhuireach ann. Chaill iad airgead mòr. Chaill feadhainn am beatha.

Ach bu choma le MacGriogair. Bha e anns an Fhraing, a’ cur sgeama air dòigh airson Frangaich a thàladh a Phoyais mar luchd-tuineachaidh. Chuir e companaidh Fhrangach air chois. Bha aig daoine a bha ag iarraidh a dhol a dh’fhuireach ann am Poyais ri earrannan a cheannach anns a’ chompanaidh – air cosgais ceud franc gach duine.

Bha MacGriogair dhen bheachd gun robh an t-àm aige “Bun-reachd” Phoyais atharrachadh. Ann am Breatainn bha e math gu leòr a bhith a’ cumail a-mach gur e prionnsa a bh’ ann – His Serene Highness Gregor I, Prince of Poyais, mar a bh’ aige air fhèin. Ach anns an Fhraing, chaidh Poyais na poblachd. Agus cò an ceannard-stàite a bh’ aca? Cò ach MacGriogair fhèin!

Ach cha deach cùisean cho math dha anns an Fhraing. Mhothaich oifigearan Frangach gun robh feadhainn air cead-siubhail iarraidh airson a dhol gu dùthaich air nach cuala iad aithris riamh. Chuir iad soitheach na companaidh ann an grèim ann an Le Havre.

Thuig cuid dhen luchd-tuineachaidh nach robh cùisean mar bu chòir. Dh’iarr iad air na h-ùghdarrasan an gnothach a sgrùdadh. Chaidh oifigearan aig MacGriogair a chur an grèim. Ach cha robh sgeul air MacGriogair fhèin.

Mu dheireadh thall lorgadh MacGriogair. Bha casaidean foill air an cur às a leth. Chaidh cùis-chùirte air adhart ann an ochd ceud deug is sia air fhichead (1826). Mhair a’ chùis ceithir latha. Agus fhuaireadh MacGriogair neoichiontach.

Goirid às dèidh sin, thill e a Lunnainn. Bha e air a chur an grèim agus chuir e seachad seachdain anns a’ phrìosan. Ach chaidh a shaoradh. Agus an do leig e seachad gnothach Phoyais? Cha do leig! Lean e air le bhith a’ reic sgeamaichean – ged nach robh e cho furasta a-nise. Bha e air sguir a ràdh gum b’ esan Prionnsa Phoyais, eadhon ann am Breatainn. Chùm e air leis an stòiridh a bh’ aige san Fhraing – gun robh na dùthchasaich air a thaghadh mar Cheann-suidhe ann am Poblachd Phoyais!

Ach bha farpais aige a-nise. Bha feadhainn eile air oifisean fhosgladh ann an Lunnainn, feuch fearann ann am “Poyais” a reic do dhaoine. Ghluais MacGriogair a dh’Alba ach bha a chridhe thall ann an Ameireagaidh. Ann an ochd ceud deug, trithead ’s a naoi (1839), ghluais e a Bhenesuèla. Leis gun robh e air sabaid airson neo-eisimeileachd ann am Bhenesuèla. Chaochail e an sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1845).

’S iongantach mura rinn MacGriogair gàire bho àm gu àm nuair a mheòraich e air an fhoill a rinn e agus mar a fhuair e dheth leis. Ach saoil an robh càil air a chogais, oir rinn e cron mòr air feadhainn a bha ro dheònach a ghealltanas a chreidsinn – gun lorgadh iad dùthaich bheartach air taobh thall a’ chuain. Bha beul brèagha aige, ach ’s e an gnìomh a dhearbhas.

Litir 585 Litir 585 Litir 587 Litir 587

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!