Bidh mi an-còmhnaidh a’ faireachdainn an-fhoiseil nuair a chluinneas mi Albannaich a’ cur sìos air Sasannaich a leanas an sgiobannan bhall-coise gu
dùthchannan eile. Bidh na Sasannaich ri fòirneart, tha iad ag ràdh, ach … na h-Albannaich? Uill, bidh iadsan làn fhealla-dhà. Bheir iad pògan do na
boireannaich, is beiridh iad air làimh air na fir. Cha bhi iad a’ sabaid.
Bidh mi an-fhoiseil air sgàth ’s gu bheil cuimhn’ agam nuair a bha a’ chùis gu math eadar-dhealaichte. Gach dàrnacha bliadhna, ghabhadh muinntir Lunnainn
eagal mòr ro na mìltean de dh’Albannaich a rachadh ann airson nan geamannan eadar Sasainn agus Alba. ’S iad na h-Albannaich a bha buaireasach aig an àm.
Agus, an latha an-diugh, gach turas a tha Celtic agus Rangers a’ cluich an aghaidh a’ chèile, tha obair mhòr aig poilis Ghlaschu ann a bhith a’ cumail na
sìthe. Gu mì-fhortanach, chan e dìreach droch fhaireachdainn eadar diofar sgiobannan a th’ air cùl sin, ach droch fhaireachdainn eadar dà chreideamh.
Ach tha caochladh clòimhe ann an clò Chaluim. Agus tha iomadh taobh aig luchd-leantainn bhall-coise. Mar shamhla dhen sin, tha buaireadh air a bhith ann
aig geamannan eadar Celtic is Rangers, bho àm gu àm, nach robh stèidhichte air gràin eadar Pròstanaich is Caitligich.
’S ann mar sin a bha e ann an naoi ceud deug ’s a naoi (1909), aig cuairt dheireannach Cupa na h-Alba, aig Pàirc Hampden. Bha an trioblaid cho dona ’s nach
robh an Cupa air a thoirt seachad air a’ bhliadhna sin idir. Chan e creideamh a dh’adhbharaich an t-strì, ge-tà, ach airgead.
Bha cùisean eaconomaigeach ann an Glaschu truagh truagh. Bha mòran de mhuinntir a’ bhaile gu math bochd. A dh’aindeoin sin, lorg trì fichead ’s a deich
mìle duine airgead gu leòr airson a dhol don gheam. Chosg e tasdan do ghach duine, airgead mòr aig an àm.
Bha Celtic agus Rangers co-ionann aig deireadh a’ ghèim, agus bha aca ri chluich a-rithist. Bha an darna gèam ann, a-rithist aig Hampden, agus chaidh còrr
is trì fichead mìle duine ann airson a choimhead. Bha dùil ann gun tigeadh an fharpais gu crìch air an latha sin, agus bha pàipear-naidheachd air a ràdh
gum biodh ùine a bharrachd ann aig deireadh a’ ghèim, nan robh an dà sgioba co-ionann a-rithist.
Uill, as dèidh ceithir fichead mionaid ’s a deich, bha iad co-ionann, agus dh’fhuirich an luchd-coimhead a-staigh, a’ feitheamh ri ùine a bharrachd. Ach
cha robh ùine a bharrachd ann am planaichean an fheadhainn a bha a’ ruith na farpais. Mu dheireadh, thàinig oifigear air a’ phàirc agus thug e
bratach-oisein air falbh, mar dhòigh gus innse don t-sluagh gu robh an geam seachad.
Bha an luchd-coimhead dhen bheachd gu robh na h-ùghdarrasan ag iarraidh geam eile airson tuilleadh airgid a dhèanamh, agus chaidh iad às an rian. Loisg iad
na lìn agus na puist, mhill iad na bùthan far an robh an t-airgead air a chruinneachadh, gheàrr iad pìoban an luchd-smalaidh, agus chaidh iad an sàs ann an
sabaid leis a’ phoilis gu seachd uairean feasgar.
Agus co chaidh a choireachadh? Uill, rinn am pàipear-naidheachd, an Glasgow Times, ceangal eadar an geam agus buaireadh aig coinneamhan Comhairle
nan Aonaidhean agus Comhairle Baile Ghlaschu air an t-seachdain roimhe sin. Nan robh dath an sàs anns a’ chùis, a rèir a’ phàipeir, chan e uaine neo gorm a
bh’ ann – ach dearg. Chan eil fhios a’m mu dheidhinn sin, ach bha an dearg chaoch air luchd-leantainn gach sgioba, agus iad a’ sabaid ri guaillibh a’
chèile, chan ann an aghaidh a’ chèile, air an droch latha sin.