Tha dà eun ann air a bheil ainmean ann am Beurla a thàinig bhon Ghàidhlig – an ptarmigan, neo tàrmachan, agus an capercaillie,
neo capall-coille. Chan eil fhios a’m cò às thàinig am “p” aig toiseach an fhacail ptarmigan. Gu dearbh, ann an sia ceud deug is
seachd-deug (1617), sgrìobh an Rìgh, Seumas a Sia, gu Iarla Thulaich Bhàrdainn, ag iarraidh air “termigantis” a chur thuige. Bha am facal air a litreachadh
le “t” aig an toiseach, is chan e “p”.
Chan eil mi buileach cinnteach nas motha dè tha am facal tàrmachan a’ ciallachadh. Leugh mi gu bheil e co-cheangailte ris a’ ghniomhair tàrmaich a tha a’ ciallachadh “gin” neo a bhith a’ cumail beathaichean gus am bi àl aca. Ach chan eil mi a’ faicinn carson a bhiodh sin iomchaidh
airson an tàrmachain seach eun sam bith eile.
Tha smuain eile agam, ged nach eil mi cinnteach a bheil susbaint mhòr sam bith innte. Ann an Ros an Iar, canaidh na Gaidheil tormachan ris –
tormachan an t-slèibhe. Agus tha facal ann – torman – a tha a’ ciallachadh nàdar de dh’fhuaim – rumbling neo murmuring. Uill,
bidh tàrmachain a’ dèanamh fuaim taitneach gun teagamh. Uaireannan, air mullach beinne, cluinnear iad mus fhaicear iad. Agus ’s dòcha gun canadh cuid gur e
nàdar de thorman a tha anns an fhuaim sin.
Anns an t-seachdamh linn deug, bha tàrmachain gu leòr air monaidhean àrda ceann a deas na h-Alba, a bharrachd air a’ cheann a tuath. Bha iad eadhon ann an
eileanan mar Ile agus Arainn. An-diugh, chan eil iad idir cho pailt ’s a bha iad uaireigin, agus ’s e an t-àite as fheàrr air an son am Monadh Ruadh, agus
na beanntan eile làimh ris. Mar is trice, chithear iad ann an àiteachan nas àirde na dà mhìle troigh ach, bho àm gu àm, bidh droch shìde a’ gheamhraidh gan
iomain gu talamh ìosal. Chaidh fear a ghlacadh turas air Eilean Iù, faisg air a’ chladach.
Ged nach eil an tàrmachan cho pailt ’s a bha e uaireigin, tha e fada nas sàbhailte nan capall-coille ann an Alba. Tha an capall-coille, eun mòr a tha
càirdeach don tàrmachan agus don chirc-fhraoich, a’ fuireach ann an coilltean-giuthais, agus chan eil gu leòr dhiubh sin air fhàgail. Thogadh a’ cheist
grunn tursan an robh e ceart a bhith a’ smaoineachadh gur e capall-coille dha-rìreabh an t-ainm a bh’ air. Uill, o chionn còrr is ceithir ceud bliadhna,
sgrìobh an t-Easbaig Leslie gur e sin a bh’ ann – capall-coille – horse of the forest. ’S dòcha, a-rithist, gur e am fuaim a tha an coileach a’
dèanamh is coireach airson an ainm.
Ach tha eachdraidh dhuilich aig an eun seo ann an Alba. Ann an seachd ceud deug, ceithir fichead ’s a còig (1785), chaidh e à bith. ’S e sgrios nan
coilltean agus sealg a bu choireach. Chaidh a thoirt air ais bhon t-Suain, a’ tòiseachadh ann an ochd ceud deug, is seachd-deug ar fhichead (1837).
Ach tha dragh mòr aig luchd-saidheans mu dheidhinn. Tha iad ag ràdh nach eil ach mìle air fhàgail agus gu bheil iad ann an cunnart dhol à bith a-rithist.
Am measg eile, bidh iad a’ bàsachadh ann am feansaichean a tha a’ dìon nan coilltean an aghaidh nam fiadh. Tha mi ’n dòchas nach can sinn, anns an àm ri
teachd, nach eil ach aon eun air a’ Ghaidhealtachd air a bheil ainm Beurla a thàinig bhon Ghàidhlig. Beannachd leibh.