FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bàs Chiuinlaoich

Bu mhath leam uirsgeul sònraichte innse dhuibh an t-seachdain seo.

Audio is playing in pop-over.

Bàs Chiuinlaoich

Bu mhath leam uirsgeul sònraichte innse dhuibh an t-seachdain seo. Tha e mu dheidhinn treun-laoch Gàidhealach air an robh Conlaoch mar ainm. ’S e Albannach a bh’ ann. Gaisgeach eireachdail treun le buinteanas don Eilean Sgitheanach.

’S e ainm an uirsgeil Bàs Chiuinlaoich no, ann am Beurla, The Death of Conlaoch. Tha e air innse an dà chuid ann an Alba agus Èirinn. Tha mi a’ dol a stèidheachadh mo sgeòil-sa air na chaidh a chruinneachadh à beul-aithris ann an Alba.

Nuair a bha e na dhuine òg, dh’fhàg Cù Chulainn a dhachaigh ann an Ulaidh. Thàinig e a dh’Alba, don Eilean Sgitheanach, far an do dh’ionnsaich e sgilean sabaid aig a’ bhanrigh ghaisgeil, Sgàthach. Bha ise a’ fuireach ann an Caisteal Dhùn Sgàthaich ann an Slèite. Chithear an tobhta dhen chaisteal aice fhathast.

’S e treun-laoch a bh’ ann an Cù Chulainn. Dh’ionnsaich e bho Sgàthach mar a chleachdadh e an gath-bolg no fiery dart. ’S e ball-airm iongantach marbhtach a bh’ anns a’ ghath-bholg. A bharrachd air a bhith na ghaisgeach le buill-airm, bha Cù Chulainn tarraingeach do na boireannaich. Fhuair e dlùth ri bana-ghaisgeach Albannach air an robh Aoife agus dh’fhàg e trom i. Ach thill e a dh’Èirinn.

Mus do dh’fhalbh e, gheall e do dh’Aoife gun tilleadh e uaireigin agus gum pòsadh e i. Ach cha do thill. B’ fheudar do dh’Aoife an gille aca a thogail leatha fhèin. Chuir i “Conlaoch” air a’ ghille mar ainm.

Fhuair an gille trèanadh bho a mhàthair a mhair seachd bliadhna ann an Dùn Tuilm ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Agus mar a thachair do Chù Chulainn roimhe, chuir e seachad ùine ann an Dùn Sgàthaich ann an Slèite. B’ e sin an t-àite a b’ ainmeile far an ionnsaicheadh treun-laoich òga na sgilean a bhiodh a dhìth orra air blàr a’ chatha.

Rinn Aoife cinnteach gum biodh a h-uile lùth-chleas aig Conlaoch ’s a bh’ aig Cù Chulainn. Ach dh’fhàg i aon rud a-mach a dh’aona-ghnothach. Cha do dh’ionnsaich Conlaoch mar a chleachdadh e an gath-bolg. Rinn Aoife sin oir bha i ag iarraidh Cù Chulainn a pheanasachadh airson a bhith a’ dèanamh mealladh-dòchais oirre.

Dh’iarr i air Conlaoch dhol a dh’Èirinn, gun a bhith ag innse do dhuine sam bith cò e. Thuirt i gun robh i ag iarraidh gun toireadh e Cù Chulainn a dh’Alba leis. Bha fios aice gum marbhadh Cù Chulainn a mhac leis a’ ghath-bholg, agus gun cuireadh sin troimhe-chèile e. B’ e sin an dìoghaltas aice.

Ràinig Conlaoch Èirinn. Thachair e ri Conall, oide Chù Chulainn. Thug e a bhuill-airm bho Chonall agus chuibhrich e e. Chuala Cù Chulainn mu dheidhinn agus thàinig e.

Dh’fhaighnich e de Chonlaoch cò e. Dhiùlt Conlaoch innse. Thòisich an dithis air sabaid. Ach rinn Cù Chulainn a’ chùis air Conlaoch leis a’ ghath-bholg. Nuair a bha e a’ bàsachadh, dh’inns Conlaoch ainm do Chù Chulainn. Bha fios aig Cù Chulainn gun robh e air a mhac fhèin a mharbhadh agus, gu dearbh, bha e troimhe-chèile.

Litir 564 Litir 564 Litir 566 Litir 566

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!