Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu dhiofar fhaclan airson ailbhean ann an Gàidhlig, agus mar a chunnaic Ceiltich na creutairean
Afraganach sin nuair a chaidh arm Hannibal tarsainn nan Ailpean gu ruige an Ròimh anns an treas linn ro Chrìosd. Bha mi a’ leughadh seann
phàipear ann am Fraingis, air an robh Les Celtes et Les Éléphants. B’ e an t-ùghdar H Gaidoz, Àrd-ollamh a’ Chruinn-eòlais agus Sluagh-eòlais anns
an École des Sciences Politiques ann am Paris.
Ach cha b’ e cogadh Hannibal an aon turas a bha ailbheanan air an cleachdadh ann am batail. Timcheall àm Hannibal bha cath mòr anns an Ear-mheadhanach
eadar na h-Èiphitich fo Ptolemy agus na Seleucidich fo Antiochus. Bha na ficheadan de dh’ailbheanan Afraganach aig Ptolemy agus na ficheadan de
dh’ailbheanan Àisianach aig Antiochus. Ged a tha an fheadhainn Afraganach nas motha nan fheadhainn Àisianach, a rèir aithris bha an fheadhainn Àisianach na
b’ fheàrr ann an sabaid. A dh’aindeoin sin, ge-tà, ’s e Ptolemy a thug buaidh.
Agus dh’fhuiling Ceiltich a-rithist buaidh nan ailbheanan ann an cogadh. Ceud bliadhna às dèidh Hannibal, timcheall na bliadhna ceud, fichead ’s a h-aon
(121) RC, chuir na proconsulan Ròmanach, Domitius Ahenobarbus agus Quintus Fabius Maximus, arm gu ruige ceann a deas na Gaille. Anns an sgìre sin bha
treubh làidir Ceilteach a’ seasamh an aghaidh cumhachd na Ròimhe. B’ iad sin na h-Arverni fo cheannas an rìgh, Bituitus.
Rinn na Ròmanaich a’ chùis air na Ceiltich agus thathar ag ràdh gur e gun robh ailbheanan-cogaidh aca a bu choireach. Chuir na creutairean mòra sin eagal
air na Ceiltich. Nuair a bha e air Gallia Transalpina a cheannsachadh, chaidh Domitius air chuairt mhòir tron dùthaich air muin ailbhein.
Agus an do chleachd na Ròmanaich ailbheanan nuair a bha iad a’ ceannsachadh nan Ceilteach ann am Breatainn? Uill, chleachd, a rèir choltais. Tha am Proif.
Gaidoz ag ràdh gun do chleachd Iulius Cesar iad. Ràinig na Ròmanaich abhainn far an robh arm Breatannach a’ dol a sheasamh nan aghaidh. Ach ghabh na
Breatannaich eagal ro na h-ailbheanan is rinn na Ròmanaich a’ chùis. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh, ge-tà, nach e Cesar a chuir ailbheanan-cogaidh
gu feum ann am Breatainn ach an t-Ìmpire Claudius anns a’ bhliadhna 43 AC nuair a ghabh na Ròmanaich smachd air Camulodunum, far a bheil Colchester
an-diugh.
An uair sin tha am Proif. Gaidoz a’ sgrìobhadh rudeigin car inntinneach. Gabhaibh mo leisgeul ma leughas mi an toiseach e anns an Fhraingis thùsail:
Par un singulier contraste, les descendants de ces Bretons, les Anglais, sont aujourd’hui la seule puissance européene qui ait des éléphants dans son
armée.
Tuigidh sibh mar a bhiodh cuid anns an Roinn Eòrpa a’ coimhead air Breatannaich agus Sasannaich mar co-ionann ri chèile! Co-dhiù, tha e ag ràdh gur iad
Breatannaich an naoidheamh linn deug an aon fheadhainn Eòrpach a bha a’ cleachdadh ailbheanan anns an arm aca. Bha e a’ ciallachadh arm Bhreatainn anns na
h-Innseachan.
Anns an rosgrann mu dheireadh tha am Proif. Gaidoz ag ràdh gum b’ e sin la revanche des Celtes sur les Éléphants – dìoghaltas nan Ceilteach air na h-Ailbheanan. Mmm. Chan eil fhios a’m mu dheidhinn sin.