FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Craobh an Tillidh

Thairis air na bliadhnaichean tha mi air tighinn tarsainn air

Audio is playing in pop-over.

Craobh an Tillidh

Thairis air na bliadhnaichean tha mi air tighinn tarsainn air dà chraoibh air a bheil ainm Gàidhlig, gun ainm Beurla a bhith orra. Tha Craobh an Tillidh ann an Rat Mhurchais faisg air an Aghaidh Mhòir. ’S e sin a’ chiad chraobh a chitheadh na buachaillean is cìobairean nuair a thilleadh iad bho na monaidhean len cuid sprèidh.

Gu sear air sin, thairis air na beanntan, tha Craobh an Òir. Sin far an do chuir uachdaran ciste òir ann an dìomhaireachd anns an t-seann aimsir. Nuair a chladhaich e a’ chiste suas, thugadh an t-ainm air a’ chraoibh. No ’s e sin an stòiridh co-dhiù. Ma tha sibh fhèin eòlach air craobh air a bheil ainm Gàidhlig b’ fhìor thoigh leam cluinntinn bhuaibh.

Bha mi ann an Cataibh o chionn ghoirid, ann am Bun Ilidh. Chuala mi mu dheidhinn craobh anns an sgìre air a bheil, no air an robh, The Làmh Tree. ’S e làmh am facal Gàidhlig air am bi sibh uile eòlach. Cha d’ fhuair mi a-mach dè a’ Ghàidhlig a bh’ air a’ chraoibh bho thùs, ach tha mi a’ dèanamh dheth gur e Craobh na Làimhe a bhiodh ann. Tha e inntinneach gur e The Làmh Tree a th’ aig daoine, seach The Hand Tree.

Bha a’ chraobh a’ fàs faisg air seann drochaid air an rathad mhòr gu deas air Bun Ilidh làimh ri – mas urrainn dhomh sin a ràdh – Loids Ghartaidh. Tha stòiridh ann, a tha beò ann am beul-aithris na sgìre, a tha a’ mìneachadh mar a fhuair a’ chraobh a h-ainm.

Iomadh bliadhna air ais bha gille ag obair anns an loids mar chonbhair. ’S e sin neach a bhios a’ coimhead às dèidh nan con. Cha robh olc sam bith sa ghille ach bha e crotach. Air sàillibh sin, bha eagal air na bana-shearbhantan òga roimhe. Bha aon tè – banarach a bh’ innte – air an robh Annabel. Bha i a’ fuireach cuide ri a pàrantan ann an taigh faisg air an loids. Gach oidhche, às dèidh dhi a’ bhleoghann a dhèanamh, bhiodh i a’ falbh dhachaigh tarsainn na drochaid.

Oidhche a bha seo bha fìor dhroch shìde ann. Bha gèile is uisge mòr ann. Agus bha tuil san allt. Chaidh an drochaid a sguabadh air falbh leis an tuil. Bha fios aig a’ chonbhair air na thachair agus chaidh e a-mach a chur fios air Annabel nach robh an drochaid ann. Stad e faisg air an allt. Chaidh e an taic craobh airson beagan fasgaidh fhaighinn.

Nuair a ràinig Annabel an t-àite, chuir an conbhair a làmh a-mach airson stad a chur oirre dhol faisg air an allt. Bha i a’ smaoineachadh gun robh an gille a’ toirt ionnsaigh oirre. Ruith i air falbh aig peilear a beatha a dh’ionnsaigh na drochaid. Thuit i don allt agus chaidh a bàthadh.

Air an làrna-mhàireach lorgadh an gille marbh aig bonn na craoibhe. Bhathar a’ smaoineachadh gun tàinig cuairt air. Ach bha lorg làimhe loisgte air a’ chraoibh. Bha daoine ag ràdh gun tug an conbhair mallachd air a’ chraoibh mus do chaochail e. Às dèidh sin, cha d’ rachadh duine faisg air a’ chraoibh. Chaidh rathad eile a dhèanamh eadar an loids agus an t-allt.

Agus a bheil i fhathast ann – Craobh na Làimhe? Chaidh mi a choimhead air a son. Tha mòran chraobhan anns an àite a-nise agus cha d’ fhuair mi lorg air seann tè le lorg làimhe oirre. Agus chuala mi às dèidh làimh gun do thuit i ann an stoirm mòran bhliadhnaichean air ais. Is mòr am beud.

Litir 543 Litir 543 Litir 545 Litir 545

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!