Thàinig leabhar beag a-mach o chionn glè ghoirid a tha a’ toirt fiosrachadh seachad air dualchainnt air a’ Ghàidhealtachd a tha an ìre mhath air a
dhol à bith. Tha dìreach dithis air fhàgail a tha fileanta innte. Agus dè an dualchainnt a th’ ann? A bheil mi a-mach air dualchainnt Ghàidhlig ann
am badeigin air tìr-mòr?
Uill, gu h-inntinneach, chan eil mi a’ bruidhinn air a’ Ghàidhlig idir. Tha mi a-mach air dualchainnt na h-Albais a bhuineas do bhaile beag
Chrombaidh anns an Eilean Dubh. Canar “Dualchainnt Iasgairean Chrombaidh” rithe. Ged a tha beagan dhen chainnt sin aig feadhainn anns a’ bhaile
fhathast, chan eil ach dithis air fhàgail a tha fileanta. Is iad sin na bràithrean Bobby agus Gordon Hogg.
Tha Beurla de sheòrs’ air choreigin air a bhith ann an grunn bhailtean san Eilean Dubh fad ceudan bhliadhnaichean. Ged a bha iad air an
cuairteachadh le Gàidhlig, bha Beurla Ghallta air a labhairt ann an Abhach, a’ Chananaich, Ros Mhaircnidh agus Cromba. Agus cha robh an dualchainnt
anns gach baile buileach co-ionann ris an tè san ath bhaile.
Chan eil fios le cinnt cuin a nochd a’ chainnt sin an toiseach anns an Eilean Dubh oir tha na h-ainmean-àite ag innse dhuinn gun robh a’ Ghàidhlig
ann mus robh a’ Bheurla ann. Ach ’s urrainn do na Hoggs an sinnsireachd a dhearbhadh ann an Cromba air ais gu sia ceud deug, naochad ’s a h-ochd
(1698) co-dhiù. Agus ’s iongantach mura robh luchd na Beurla ann nuair a chaidh inbhe Baile Rìoghail a bhuileachadh air Cromba anns an treas linn
deug.
Thathar ag ràdh gun robh uaireigin trì dualchainntean eadar-dhealaichte de dh’Albais ann an sgìre Chrombaidh – dualchainnt nan iasgairean,
dualchainnt muinntir a’ bhaile agus cainnt nan tuathanach. Bhuineadh na tuathanaich don Ghàidhealtachd agus bha Gàidhlig aca no aig an sinnsirean.
Cha leigeadh tu leas dhol fada a-mach à Cromba airson Gàidhlig a chluinntinn agus, anns an ochdamh linn deug, chaidh mòran Ghàidheal a-steach don
bhaile airson obair fhaighinn. Chaidh eaglais shònraichte a thogail dhaibh – tè ris an canar an Caibeal Gàidhlig. Gu mì-fhortanach tha an togalach
an-diugh ann am fìor dhroch staid.
Bha buinteanas aig muinntir a’ bhaile – an fheadhainn a bha an sàs ann am malairt no a bha nam maraichean – don Ghàidhealtachd agus do Mhoireibh.
Bha cainnt eadar-dhealaichte acasan bho na tuathanaich is na h-iasgairean.
Ach ’s e cainnt nan iasgairean a mhair chun an latha an-diugh.
Chan eil fios le cinnt cò às a thàinig sinnsirean nan iasgairean. Ach, a rèir beul-aithris ionadail, thàinig iad à timcheall Linne Foirthe nuair a
bha Seumas IV air an rìgh-chathair – aig deireadh a’ chòigeamh no toiseach an t-siathamh linn deug. Agus thathar dhen bheachd gun robh sinnsirean
aca às an Òlaind no à Lochlann.
Ciamar a tha dualchainnt nan iasgairean eadar-dhealaichte bho dhualchainntean eile? Uill, gu tric, bidh “h” air a cur ann, no air a leigeil às, an
aghaidh chleachdaidhean “àbhaisteach”. Canar “oos” airson hoose agus “am” airson ham; agus canar “haypel” airson apple
agus “heggs” airson eggs.
Agus airson Ciamar a tha thu?, canaidh iad Oo thee keepan? Thathar a’ cleachdadh – chun an latha an-diugh – faclan sean-fhasanta
mar thou, thee agus thy. Thathar ag ràdh gur e sin buaidh a’ Bhìobaill orra, oir bha iad gu math cràbhach.
Agus, leis gun robh iad air an cuairteachadh leis a’ Ghàidhlig fad ceudan bhliadhnaichean, saoil a bheil faclan aca a bhuineas don Ghàidhlig bho
thùs? Bheir sinn sùil air sin an ath-sheachdain.