A bheil sibh eòlach air an fhacal aisir ? Tha Dwelly ga eadar-theangachadh mar “passage, pass, path, defile”. Tha e a’ nochdadh
ann an dà ainm-àite ann an iar-thuath Chataibh, faisg air a’ Pharbh – Aisir Mòr agus Aisir Beag. Is iad sin na bailtean croitearachd air a bheil Oldshoremore agus Oldshorebeg ann am Beurla. Chan eil na h-ainmean idir co-cheangailte ri seann chladaichean.
Gu tuath air na bailtean sin, tha seann bhaile-fearainn air a bheil Inshore. Tha e pìos beag air falbh bhon chladach, ceart gu leòr, agus
cha chuireadh e iongnadh orm nam biodh cuid de luchd-tadhail a’ smaoineachadh gun robh an t-ainm co-cheangailte ri astar bhon mhuir. Ach chan eil.
Tha Inshore a’ tighinn bhon Ghàidhlig Innis Odhar – the dun meadow – agus tha an t-ainm gu math freagarrach airson an àite.
Nach eil an t-àm ann na mapaichean againn a bhith dà-chànanach? Tha mòran ainmean, air a bheil dreach Beurla a-mhàin air na mapaichean, nach eil a’
dèanamh ciall sam bith. Ach tha an t-ainm Gàidhlig ciallach! Ann an iar-thuath Chataibh, tha baile beag ann air a bheil Rhiconich –
R-H-I-C-O-N-I-C-H. Dè fon ghrèin a tha sin a’ ciallachadh? ’S e an t-ainm tùsail air – An Ruigh Còinnich. Uill, tha e a’ dèanamh ciall
a-nise, nach eil? Tha mapa na h-Alba a’ bruidhinn rinn tro ar cànan – nuair a bheir sinn an cothrom dha.
Tha Aisir Mòr is Aisir Beag air oighreachd bheag a tha leis a’ bhuidhinn ghlèidhteachais, Urras Iain Mhuir. Tha am fearann gu lèir fo
chroitearachd, ged as e cùl-cinn a tha sa chuid as motha dheth. Tha deichnear a’ ruith beagan is leth-cheud croit. Carson a bha ùidh aig an Urras
anns an oighreachd seo? Uill, tha tràigh mhòr bhrèagha oirre – Bàgh Sheannabhaid, no Sandwood Bay. Tha glè bheag de thràighean gainmhich
air tìr-mòr na h-Alba a tha cho brèagha rithe. Agus tha a’ chuid as motha dhen fhearann air an oighreachd às aonais sluagh.
Dìreach taobh a-muigh na h-oighreachd tha bothan ann. ’S e an t-ainm air an àite anns a bheil e – An Srathan. Tha mòran eòlach air a’ bhothan mar Strathan Bothy. Tha e air a chumail an òrdugh le Comann Bothain nam Beann mar a tha ceud bothan eile ann an Alba. Mar a
tha a’ chuid as motha de bhothain, ’s e dachaigh a bh’ ann uaireigin.
Tha an Srathan pìos mòr air falbh bho thaigh sam bith eile. Tha e beagan mhìltean thar na mòintich air frith-rathad garbh. Agus feumaidh tu dhol
tarsainn abhainn mus ruig thu am bothan. Gu tuath air an t-Srathan, chan eil duine sam bith a’ fuireach.
Chan eil mi cinnteach cuin mu dheireadh a bha daoine a bhuineadh don àite a’ fuireach anns an t-srathan. Tha greis bhuaithe. Ach thachair rud
neònach ann o chionn beagan bhliadhnaichean. Ghluais cupall a-steach agus rinn iad an dachaigh ann gun chead bho dhuine sam bith. B’ iad Robbie is
Anne Northway agus bu mhath leam innse dhuibh mun deidhinn. Tha an stòiridh gu math annasach.
Anns an t-Sultain 2000, ghluais Robbie is Anne don t-Srathan cuide ri dusan cù, ceathrad gèadh, meall chearcan is thunnagan, agus gearran. Cha robh
an dithis aca ann an deagh shlàinte ach, a dh’aindeoin sin, thug iad an àirneis a-steach leotha don dachaigh ùr aca – air an druim. Bha sin fhèin
doirbh gu leòr – ach cha b’ ann leothasan a bha am bothan. Am biodh Comann Bothain nam Beann riaraichte le daoine a’ fuireach fad na h-ùine ann am
fear de na bothain aca? Chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.