Dè an t-eun, le ainm Beurla a thàinig bhon Ghàidhlig, a tha na eun-stàite oifigeil ann an dùthaich thall thairis? Sin ceist dhuibh! Uill, ann an
Litir 56 anns a’ bhliadhna dà mhìle (2000), sgrìobh mi mun fhacal ptarmigan ann am Beurla, agus mar a thàinig e bhon Ghàidhlig tàrmachan. Chaidh am “p” neo-fhuaimnichte a stobadh a-steach le muinntir nam faclairean Beurla agus tha e a-nise stèidhichte. Tha ptarmigan mar sin a’ coimhead coltach ri facal a thàinig bhon t-seann Ghreugais – mar pterodactyl – seach fear a thàinig bhon
Ghàidhlig.
Tha àite sònraichte aig an tàrmachan ann an Alasga anns na Stàitean Aonaichte. Tha na h-eòin cho pailt, agus fhuair na daoine uiread de thaic
bhuapa, le bhith gan ithe nuair a bha biadh eile gann, ’s gur e an tàrmachan eun-stàite Alasga. Chaidh an inbhe sin a bhuileachadh air ann an naoi
ceud deug, caogad ’s a còig (1955).
Chan eil an tàrmachan ann an Alasga buileach co-ionnan ris an tàrmachan againne. ’S e an t-eun air a bheil sinn fhèin a’ gabhail tàrmachan, no ptarmigan ann am Beurla, Lagopus mutus. Tha e diofraichte bho a charaid, a’ chearc-fhraoich (no red grouse) air a bheil luchd-saidheans a’ gabhail Lagopus lagopus.
Ann an Alba, chan eil dath na circe-fraoiche ag atharrachadh anns a’ gheamhradh. Cha bhi i a’ dol geal idir. Ach bithidh an tàrmachan. Agus ann an
Alasga bidh Lagopus lagopus a’ dol geal anns a’ gheamhradh – oir tha tòrr a bharrachd sneachda acasan na tha againne.
Mar sin, ged a tha an t-eun nas dlùithe ann an càirdeas ris a’ chirc-fhraoich againne, ’s e ptarmigan seach grouse a tha daoine
a’ gabhail air. Willow ptarmigan mar ainm slàn. Agus ’s e an seòrsa a th’ ann an Alasga fo-ghnè shònraichte – Lagopus lagopus alascensis.
Tha Alasga air a bhith anns na naidheachdan gu mòr on a chaidh an Riaghladair aca – Sarah Palin – a chur air adhart mar thagraiche nam Poblachdach airson Iar-cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte. Ach tha amharas agam, ged a
chaidh na sgiobannan-camara gu ruige Juneau is Anchorage is Fairbanks, nach do bhodraig iad dhol gu Chicken. Seadh, Chicken, Alasga. Ainm neònach –
agus tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a dh’èirich e.
Tha Chicken ann am meadhan Alasga, air an taobh an ear faisg air a’ chrìch le Canada. Chan e baile mòr a th’ ann idir. Anns a’ bhliadhna dà mhìle
(2000), cha robh ach seachd duine deug a’ fuireach ann.
Chaidh Chicken a stèidheachadh anns an naoidheamh linn deug le mèinnearan a bha an tòir air òr. Tha mèinnearachd a’ dol fhathast – ach le digearan
san latha an-diugh, seach spaidean. Aig toiseach an fhicheadamh linn, bha gu leòr de dhaoine ann airson oifis puist fhosgladh. Ach, airson sin, dh’fheumadh iad ainm oifigeil a thaghadh airson na coimhearsnachd. Dè bha iad a’ dol a thaghadh mar ainm air a’ bhaile?
Uill, bha tàrmachain gu math pailt anns an sgìre. Bhiodh na mèinnearan fhèin gan ithe. Mar sin, cho-dhùin muinntir an àite “Ptarmigan” a bhith air a’
bhaile mar ainm. Ptarmigan le “p” neo-fhuaimnichte. Ach, bha am “p” na thrioblaid. Cha b’ urrainn do mhuinntir an àite thighinn gu aonta air mar a
bhiodh am facal air a litreachadh. Agus mar sin, leig iad “Ptarmigan” seachad mar ainm agus thagh iad “Chicken” na àite!