An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu Reachdas Ì, no The Statutes of Iona, a rinn cron mòr air Gàidheil taobh an iar na
h-Alba ann an sia ceud deug ’s a naoi (1609). Chaidh dòighean ùra a sparradh air na cinn-chinnidh. B’ fheudar dhaibh an ainmean a chur ri cunnradh
ann an Eilean Ì as t-samhradh sa bhliadhna sin. Bha dà earrainn ann an Reachdas Ì a bha gu sònraichte millteach air dòigh-beatha agus dualchas nan
Gàidheal.
B’ e a’ chiad earrann gun robh aig gach duine-uasal Gàidhealach, aig an robh ionmhas luach co-dhiù trì fichead beathach mairt, ri a mhac a bu shine
a chur don Ghalltachd airson foghlam Beurla. Mura robh mac aige, bha aige ris an nighean a bu shine aige a chur don Ghalltachd airson foghlam
Beurla.
A rèir na h-earrainn eile, cha bhiodh cead tuilleadh aig bàird a bhith a’ dol timcheall taighean nan ceann-cinnidh. Bhiodh aig na cinn-chinnidh
bàrd sam bith a nochdadh a chur a-mach às an sgìre aca. Bha an riaghaltas a’ dèanamh coimeas eadar bàird agus “beggars [and] vagabonds”.
Ann an dòigh, dh’fhaodar a ràdh gur e rud math a bh’ ann gum biodh cinn-chinnidh dà-chànanach, oir b’ i a’ Bheurla cànan oifigeil na rìoghachd. Bha
na cinn-chinnidh gu tric ioma-chànanach, agus Laideann aca, agus cha b’ e sin fàth na h-earrainn sin co-dhiù. Chanainn gun robh trì rudan fa-near
don riaghaltas leis an earrainn sin – gum b’ urrainn dhaibh mic nan ceann-cinnidh a chumail mar ghiallan nam biodh feum air (airson dèanamh
cinnteach gum biodh an athraichean a’ coileanadh toil an riaghaltais), gum faigheadh iad foghlam Pròstanach, agus gum biodh iad a’ fàs na bu
Ghallta.
Agus dh’obraich e, ged a thug e ùine, ’s dòcha.
Dh’fhosgail caolas eadar cinn-chinnidh agus an tuath. Dh’fhàs na h-uaislean Gallta. Tro thìde dh’fhàs mòran dhiubh Sasannach nan dòigh. Agus cia
mheud de na cinn-chinnidh an-diugh aig a bheil Gàidhlig? Glè bheag, ma tha gin ann idir.
Cha b’ e sin an aon ionnsaigh a thug an Riaghaltas Albannach air na Gàidheil anns an t-seachdamh linn deug. Ann an sia ceud deug is sia-deug
(1616), chuireadh achd an sàs leis an amas foghlam Beurla a sgaoileadh air feadh na rìoghachd, agus bàs a thoirt air a’ Ghàidhlig.
Ach dè mun earrainn eile ann an Reachdas Ì – airson stad a chur air na cinn-chinnidh bho bhith a’ toirt taic do bhàird? Bha àite sònraichte aig na
bàird aig ceann shuas saoghal na Gàidhlig agus bha iad a’ tighinn beò air an airgead a thug cinn-chinnidh dhaibh. Bha e gun chiall a bhith a’
dèanamh coimeas eadar na daoine foghlamaichte sin agus “beggars [and] vagabonds”. Cha robh an sin ach propaganda riaghaltais.
Tha sinn a’ cluinntinn gu tric mun bhliadhna shònraichte a bhios ann an ath-bhliadhna air a bheil Homecoming Scotland 2009. Chan urrainn dhomh
Gàidhlig a thoirt dhuibh air sin oir chan eil facal Gàidhlig aig Homecoming Scotland air an làraich-lìn aca.
Bithear a’ comharrachadh mòran rudan matha mu Alba an ath-bhliadhna. ’S dòcha gum bu chòir cuideachd a bhith a’ cuimhneachadh mar a thòisich an stàit
ar dìmeas a dhèanamh air a’ Ghàidhlig – le droch phoileasaidhean a lean gu o chionn ghoirid. Ach a bheil na buidhnean Gàidhlig, no na craoladairean
Gàidhlig a’ dol a chomharrachadh Reachdas Ì an ath-bhliadhna? Bu chòir dhaibh.