FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Reachdas Eilean Ì

Tha ceist agam dhuibh aig toiseach na Litreach an t-seachdain

Audio is playing in pop-over.

Reachdas Eilean Ì

Tha ceist agam dhuibh aig toiseach na Litreach an t-seachdain seo. An ath-bhliadhna – ann an dà mhìle ’s a naoi (2009) – bithear a’ comharrachadh droch thachartas ann an eachdraidh nan Gàidheal ann an Alba. Tachartas a thug buille chruaidh dha-rìribh air na Gàidheil mar shluagh.

A bheil fios agaibh dè bh’ ann? Thachair e o chionn ceithir cheud bliadhna – an ath-bhliadhna – ann an sia ceud deug ’s a naoi (1609). ’S dòcha nach robh e cho cruaidh air na Gàidheil ann an taobh sear is meadhan na Gàidhealtachd ach bha e cruaidh orra air an taobh an iar. Rinn e cinnteach gur ann air an rathad sìos a bhiodh a’ Ghàidhlig ann an Alba, eadhon air a’ Ghàidhealtachd, bho sin a-mach. Dh’fhaodar a ràdh gu bheil sinn fhathast a’ fulang a bhuaidh.

Innsidh mi dhuibh dè bh’ ann. As t-samhradh sia ceud deug ’s a naoi (1609), chaidh Reachdas Eilean Ì a chur an sàs. Ann am Beurla thathar eòlach air mar The Statutes of Iona. An ath-bhliadhna bu chòir do na Gàidheil a bhith a’ foillseachadh dè dìreach a bh’ ann an Reachdas Ì oir lean faisg air ceithir cheud bliadhna de leth-bhreith leis an stàit an aghaidh ar cànain, ar cultair ’s ar dearbh-aithneachaidh.

Bha Seumas VI air an rìgh-chathair aig an àm. Bho fhuair e crùn Shasainn, a bharrachd air crùn na h-Alba, ann an sia ceud deug ’s a trì (1603), thòisich e air a bhith cruaidh air na Gàidheil. Bha an dubh-ghràin aige air muinntir na Gàidhlig anns an fharsaingeachd, ach gu seachd àraidh air na h-eileanaich. Ann an sia ceud deug ’s a naoi (1609), ghluais e gus fineachan an taobh an iar a chur fo a smachd.

Chaidh na cinn-chinnidh mar a leanas a chur an grèim le foill. À Ìle bha Aonghas Dòmhnallach. À Muile bha Eachann MacIlleathain às an Dubh-àird agus a bhràithrean Lachlann is Ailean, agus Lachlann MacIlleathain an Locha Bhuidhe. Às an Eilean Sgitheanach bha Dòmhnall Gorm Dòmhnallach à Slèite agus Ruairidh MacFhionghain às an t-Srath. À Uibhist bha Dòmhnall Dòmhnallach Chlann Raghnaill. A bharrachd air sin bha Ruairidh MacLeòid às Na Hearadh, Gilleasbaig MacGuaire à Ulbha agus Dòmhnall Mac-a-Phì à Colbhasa.

Chaidh na cinn-chinnidh sin a thoirt gu dàil, no co-labhairt, ann am Muile. Chaidh cuireadh a thoirt dhaibh dhol air bòrd soitheach anns am biodh Easbaig nan Eilean, Anndra Knox, a’ searmonachadh. Chaidh iad ann, gu neoichiontach, agus chaidh an cur an grèim. Dh’aontaich iad dhol gu dàil eile ann an Ì.

Choinnich iad ann an Ì anns an Iuchar sia ceud deug ’s a naoi (1609). Bha dusan earrann anns an reachdas. Seo feadhainn dhiubh:

1. Dh’fheumadh na cinn-chinnidh an taic a thoirt don Eaglais Phròstanaich agus am ministearan a phàigheadh.

2. Bhiodh spidealan no taighean-òsta air an stèidheachadh far am faigheadh daoine àite-fuirich.

3. Cha robh cead aig na cinn-chinnidh mòran uaislean a chumail san dachaigh aca tuilleadh.

4. Chan fhaodadh eileanach tuilleadh a bhith a’ ceannach fìon bho thall thairis, ged a bhiodh cead aca uisge-beatha a dhèanamh dhaibh fhèin.

5. Cha robh cead aig duine gunna a chleachdadh eadhon airson losgadh air fèidh, maighich no eòin.

Ach bha dà earrainn eile ann an Reachdas Ì a bha na bu mhiosa na gin dhiubh sin oir shàth iad sgian ann an cridhe nan Gàidheal air taobh an iar na h-Alba. Bheir sinn sùil orra sin anns an ath Litir.

Litir 480 Litir 480 Litir 482 Litir 482

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!