FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sigurd Eysteinsson agus Maelbrigte Fiacail

Tha mòran de sheann eachdraidh Arcaibh ri lorg anns an

Audio is playing in pop-over.

Sigurd Eysteinsson agus Maelbrigte Fiacail

Tha mòran de sheann eachdraidh Arcaibh ri lorg anns an t-seann mhòr-sgeul, Orkneyinga Saga. Cha b’ e Arcaich a sgrìobh e, ge-ta, ach feadhainn à Innis Tìle. Rinn iad an sgrìobhadh aig deireadh an dàrna linn deug.

Anns an Orkneyinga Saga, tha stòiridh ann mu dheidhinn batail eadar an t-iarla Arcach, Sigurd Eysteinsson (Sigurd Cumhachdach), agus an t-iarla Albannach Maelbrigte Fiacail. Bha fiacail mhòr a’ stobadh a-mach à beul Mhaelbrigte. Bha i coltach ri starr-fhiacail tuirc.

Bha an dithis air aontachadh coinneachadh ri chèile ann am Moireibh. Bha iad nan nàimhdean ach bha iad air aontachadh gum feuchadh iad ri rèite fhaighinn. Dh’aontaich iad gun toireadh gach duine aca ceathrad fear còmhla ris.

Ge-tà, cha do chuir Sigurd earbsa anns na h-Albannaich. Bha e dhen bheachd nach gabhadh earbsa cur annta. Thug e a dhà uiread de dh’fhir còmhla ris oir bha e a’ smaoineachadh gun dèanadh na h-Albannaich an aon rud. Chuir e dithis air gach each.

Nuair a thàinig an dà fheachd faisg air a’ chèile, chunnaic Maelbrigte gun robh Sigurd ri cealg. “Rinn Sigurd amadain dhinn,” thuirt e. “Chì mi casan dithis fhear air cliathaich gach eich. Feumaidh gu bheil a dhà uiread de dhaoine ann ’s a tha de dh’eich. Gidheadh, feumaidh sinn ar misneachd a dhearbhadh. Feumaidh gach duine againn feuchainn ri co-dhiù aon duine a mharbhadh mus fhaigh e fhèin bàs.”

Misneachd ann no às, cha robh cothrom aig na Gàidheil. Nuair a bha an t-sabaid seachad, bha Maelbrigte agus a chompanaich marbh air a’ bhlàr.

Ach chan e sin deireadh an sgeòil. Rinn Maelbrigte Fiacail dìoghaltas air Sigurd. Ciamar? Uill, bha Sigurd ag iarraidh sealltainn mar a thug e buaidh. Gheàrr na Lochlannaich cinn nan laoch Albannach dhiubh. Cheangail iad na cinn do na dìollaidean aca. Cheangail Sigurd ceann Mhaelbrigte don dìollaid aige fhèin.

Cha robh an t-each aig Sigurd a’ dol luath gu leòr. Chuir e a spor an sàs na chliathaich. Ach bhuail e a chalpa anns an fhiacail a bha a’ stobadh a-mach à beul Mhaelbrigte. Fhuair e lot na chois. Bha an lot air a phuinnseanachadh. Chaidh e air at. Mus d’ fhuair e dhachaigh, chaochail Sigurd Cumhachdach. Chaidh a thiodhlacadh air bruach Abhainn Oiceall.

Tha sgeulachd dhen t-seòrsa seo a’ mìneachadh mar a thòisich an Kirkwall Ba’ Game - gèam ainmeil anns a bheil na ceudan an sàs air an latha ron Nollaig agus air Latha na Bliadhn’ Ùire gach bliadhna. Feuchaidh gach sgioba ri ball car coltach ri ball-coise a thoirt gu taobh thall a’ bhaile. Tha an cluich gu math gargail.

Thathar ag ràdh gun robh fear òg à Arcaibh air a dhol gu tìr-mòr na h-Alba airson sabaid le fear air an robh “Tusker” – fear le fiacail mhòr. Rinn an gille òg a’ chùis air Tusker, gheàrr e a cheann dheth agus cheangail e a cheann ri a dhìollaid.

Air an rathad dhachaigh, rinn an fhiacail mhòr lot ann an cas a’ ghille. Chaidh an lot a phuinnseanachadh. Ràinig an gille Kirkwall. Bha mòran a’ feitheamh ris. Thilg e ceann a nàmhaid don t-sluagh. Ach goirid às dèidh sin, chaochail e. Bha an sluagh cho feargach mu bhàs a’ ghille ’s gun do bhreab iad an ceann tro na sràidean. Agus ’s ann mar sin a thòisich an Kirkwall Ba’ Game. Aidh, ceart, mar a thuirt am fear eile.

Litir 474 Litir 474 Litir 476 Litir 476

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!