Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun turas a ghabh mi o chionn ghoirid gu Dùn Dearduil faisg air Loch Nis – cnoc is seann làrach a tha
co-cheangailte ri Deirdre agus Clann Uisne. Faisg air an dùn, chuala mi fuaim neònach dha-rìreabh. Bha e car coltach ri beathach a’ sgreuchail. Dè bh’ ann?
Dà chraoibh a’ suathadh na chèile sa ghaoith? Beathach ann an ribe? No taibhs?
Uill, chan eil fhios agam a bheil sibh fhèin a’ creidsinn ann an taibhsean. Tha gu leòr ann an Alba a chreideas, no co-dhiù nach canadh a-muigh no mach
nach eil a leithid ann. Ach nan robh taibhs air Dùn Dearduil, cò bhiodh ann?
Leugh mi o chionn ghoirid mu bhoireannach air an robh Nighean an Tomaidh. Bha i beò aig deireadh an ochdamh linn deug. A rèir beul-aithris
cha robh i slàn na h-inntinn. Feumaidh, ge-tà, gun robh i slàn na bodhaig oir bhiodh i a’ dol a h-uile latha dhen bhliadhna gu mullach Dhùn Dearduil.
Bhiodh i a’ coiseachd timcheall air mullaichean nan cnoc. Agus bhiodh i a’ seinn fhad ’s a bha i a’ coiseachd.
Am measg na sheinneadh Nighean an Tomaidh air Dùn Dearduil bha an rann bheag a leanas. Nuair a ruigeas mi an deireadh, cuiridh mi a’ cheist oirbh: an robh
craobhan a’ fàs air an dùn aig an àm? Seo an rann:
Hò, thèid mi a Dhùn Dearduil,
An Dùn as docha leam sa choill
.
Togaidh mi taigh air Dearduil Ghuanach,
Togaidh mi sabhal air a’ Chreig Dheirg,
Cìridh mi m’ fhalt dualach donn air Creag nan Gobhar.
An robh craobhan a’ fàs ann, ma-thà? Bha, oir bhiodh am boireannach a’ seinn, An Dùn as docha leam sa choill. Mar sin tha e freagarrach gu leòr gu
bheilear a’ leagail nan craobh neo-dhùthchasach, agus gu bheilear a’ feuchainn ris an àrainneachd a chur air ais mar a bha i aig an àm sin – le dìreach
craobhan dùthchasach ann.
Chan eil fhios agam am bi taibhs Nighean an Tomaidh fhathast a’ dol an dèidh còrr is dà cheud bliadhna. Ach nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh air an
sgìre, às dèidh dhomh a bhith ann, lorg mi fiosrachadh a bha gu math inntinneach. Tha aithrisean ann gun robh taibhs no taibhsean ann an àite ris an canar
Glac an Amair, faisg air Bail’ an Lagain. Tha baile-fearainn fhathast ann am Bail’ an Lagain, às a bheilear a’ faighinn sealladh math de Dhùn Dearduil
faisg air làimh.
Anns an t-seann aimsir bhiodh na daoine a’ faicinn bodachan an sin, gun cheann, agus còta dearg air. ’S e an t-ainm a thug iad don taibhs “Bodach a’
Charbh-dhuin”. Aon turas, chunnaic treabhaiche à Bail’ an Lagain e. Bha an treabhaiche air fear de na h-eich aige a chur a-mach gu feurachadh fad na
h-oidhche ann an Glac an Amair. Bha e a’ dol ga cheangal ann le dà chorraich. Cheangail e tè de na corraich agus thionndaidh e a choimhead airson na
corraich eile. A-mach às an dorchadas thàinig guth – “Seo i” – agus thilg an taibhs a’ chorrach eile a dh’ionnsaigh an treabhaiche.
Agus leugh mi rud eile. Bha fuaran ainmeil ann an Glac an Amair air an robh Fuaran Glac an Amair (dè eile?). Bhathar a’ creidsinn gu robh an t-uisge ann
math do shlàinte dhaoine. Agus a rèir beul-aithris, bha tàcharan a’ fuireach ann. Saoil, ma-thà, cò no dè dìreach a rinn am fuaim neònach a chuala mi an
latha sin aig bonn Dùn Dearduil?