An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu thuras a chaidh Gàidheil a thoirt am bruid le maraichean. An t-seachdain seo tha mi a’ dol a dh’innse
dhuibh mu thachartas eile anns an robh cuideigin air a thoirt am bruid le maraiche. Thachair e ann an Leòdhas.
As t-earrach ochd ceud deug, seachdad ’s a ceithir (1874), nochd long ann an Camas Ùige. Tha sin ann an Sgìre Ùige ann an taobh an iar Leòdhais. Leig i a
h-acair ann an àite ris an canar am Poll Gorm. Chan e acarsaid mhath a th’ innte, ge-tà. Chunnaic feadhainn ann am baile Chradhlastadh an long. Bha iad a’ gabhail uallach mu a deidhinn oir bha i ann an droch àite.
Chaidh feadhainn a-mach ga h-ionnsaigh ann an geòla. Dh’èigh iad air a’ chriutha gu robh iad ann an droch àite. B’ e an sgiobair an aon duine air bòrd aig
an robh Beurla – agus cha robh mòran dhen chànan sin aig fir Chradhlastadh. Thuirt an sgiobair gur e La Marie de Dunquerque an t-ainm a bh’ air an
t-soitheach. Bha i a’ dèanamh air Innis Tìle far am biodh i a’ cumail biadh is bathar ris na bàtaichean-iasgaich Frangach.
Thuirt na Leòdhasaich ris an sgiobair gu feumadh iad feitheamh gus am biodh làn na mara ann. An uair sin, shealladh iad slighe dhaibh gu ruige acarsaid na
bu shàbhailte.
Gu mì-fhortanach, ge-tà, tharraing an soitheach a h-acair agus chaidh i air sgeir. Thug muinntir Chradhalstadh cuireadh do na Frangaich dhol a dh’fhuireach
nan dachannan fhad ’s a bhathar a’ càradh na luinge. Ach airson a càradh, b’ fheudar don chriutha an luchd gu lèir a chur air tìr. Am measg a’ bhathair bha
branndaidh gu leòr agus bha na Frangaich gu math fialaidh leis.
Bha na h-Albannaich is na Frangaich a’ faighinn air adhart gu math. Bha na Frangaich ag ionnsachadh Gàidhlig agus bha na h-Albannaich ag ionnsachadh
Fraingis. Ach bha aon rud a’ cur sgreamh air muinntir Chradhlastadh, a rèir choltais. B’ e sin cho measail ’s a bha na Frangaich air a bhith ag ithe feòil
nam faoileagan.
Latha a bha seo, bha buidheann de chloinn-nighean a’ nighe aodaich anns an allt. Thàinig còmhlan de mharaichean Frangach seachad agus
chaidh rudeigin a ràdh eatarra. Theich na caileagan, agus ruith na Frangaich às an dèidh. Ràinig a’ chlann-nighean taigh aig seann bhoireannach air an robh
Peigi Dhòmhnaill.
Chuir Peigi suas an staidhre iad agus nuair a nochd na Frangaich dh’innis i dhaibh nach fhaca i a’ chlann-nighean. Ach bha na Frangaich amharasach agus
chaidh iad am falach air cùl cnuic faisg air an taigh. Nuair a thàinig na caileagan a-mach, ruith na Frangaich às an dèidh. Fhuair a’ chuid a bu mhotha de
na caileagan air falbh, ach fhuair aon Fhrangach grèim teann air tè bhrèagha air an robh Anna Ruairidh. Cha leigeadh e às i.
Thug am maraiche Anna am bruid agus dh’fhalbh e gu taigh leatha. Dhiùlt e a leigeil air falbh. Bha cuid de na fir airson am Frangach a dhochann ach bha an
t-eagal orra gum biodh Anna air a goirteachadh anns an t-sabaid.
Fhuair muinntir an àite taic bho na Frangaich eile. Bha iadsan air an nàrachadh mu dhol a-mach an companaich. Mu dheireadh, gu h-anmoch air an oidhche,
chaidh Anna a shaoradh. Dh’fhalbh an soitheach Frangach. Chan ann do dh’Innis Tìle, ge-tà, ach air ais don Fhraing. Bha na h-iasgairean ann an Innis Tìle
às aonais a’ bhìdh is a’ bhranndaidh ris an robh dùil aca as t-samhradh sin.