FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Cruithnich ’s na Gaidheil

Tha mapa mu mo choinneimh an-dràsta a tha a’ sealltainn

Audio is playing in pop-over.

Na Cruithnich ’s na Gaidheil

Tha mapa mu mo choinneimh an-dràsta a tha a’ sealltainn nan làrach airceòlach a chaidh a lorg anns a’ Mhonadh Ruadh. Tha dà sheòrsa de chomharra air – cearcaill bheaga dhubha a tha a’ riochdachadh làraich co-cheangailte ris na Meadhan Aoisean, no ri linntean nas fhaisg air an là an-diugh; agus cearcaill bheaga gheala a tha a’ comharrachadh làraich a bhuineas don linn mus robh eachdraidh air a sgrìobhadh.

’S e rud a tha inntinneach mu dheidhinn a’ mhapa gu bheil pìos dheth anns a’ mheadhan anns a bheil glè bheag de chearcaill. Sin na beanntan a tha aig meadhan Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Bha iad a-riamh ro àrd is ro fhuar airson leigeil le sluagh fuireach orra. Ach chan eil sin a’ ciallachadh nach robh sluagh a’ fuireach anns na glinn eadar na beanntan. Is, gu dearbh, tha na h-uibhir de chearcaill dhubha anns na glinn sin, a’ sealltainn gu robh daoine a’ fuireach annta, co-dhiù aig àmannan sa bhliadhna, bho na Meadhan Aoisean a-mach. Na Cruithnich ’s na Gaidheil, tha fhios.

Chan eil ann, ge-tà, ach aon chearcall beag geal anns na beanntan sin. Is chan eil am mapa sean. Chaidh fhoillseachadh o chionn trì bliadhna. Tha sin a’ ciallachadh nach eil fianais ann gu robh daoine a’ fuireach no a’ siubhal thairis air a’ Mhonadh Ruadh anns na linntean ro-eachdraidheil.

Uill, bu chòir dhomh ràdh – cha robh fianais ann. Oir, o chionn ghoirid, chaidh pìosan cloiche a lorg gu h-àrd ann an Gleann Dè, a tha a’ dearbhadh gu robh sluagh anns an sgìre sin timcheall air seachd mìle bliadhna air ais. Agus innsidh mi dhuibh ann am mionaid mun dòigh annasaich anns an tàinig iad gu aire airceòlaichean.

’S e a bh’ annta ach ceithir fichead pìos de chloich – clach-spor agus clach-èiteig – is feadhainn dhiubh air an deach cumadh ùr a dhèanamh a dh’aona-ghnothach le mac an duine. Chan eil clach-spor a’ nochdadh gu nàdarrach anns a’ Mhonadh Ruadh, agus thathar a’ smaoineachadh gu robh na clachan sin air an toirt a-steach don sgìre bho àite eile ann an Alba, ’s dòcha bho àite air choreigin faisg air cladach an ear na dùthcha.

Ach ’s e an rud a tha air leth inntinneach mu dheidhinn a’ ghnothaich, gu robh daoine a’ dèanamh – a’ cruthachadh – acainn cloiche shuas an sin faisg air Uisge Dè. Ciamar a tha fios againn air sin? Uill, lorgadh pìosan beaga de chloich-spor anns an dearbh àite – pìosan a chaidh a bhriseadh far cloiche mòire nuair a bhathar a’ dèanamh nan acainn. Bhathar a’ cleachdadh nan acainn ann an sin cuideachd, oir chaidh feadhainn bhriste a lorg.

Tha airceòlaichean dhen bheachd gu bheil seo a’ sealltainn gu robh daoine a’ gluasad thairis air a’ Mhonadh Ruadh, no ’s dòcha tron Làirig Ghrù, a tha a’ ruith eadar na beanntan, o chionn seachd mìle bliadhna.

Chan e Albannach a lorg iad, ge-tà, ach airceòlaiche à Sasainn air a bheil Aonghas Wainwright mar ainm. Chunnaic e na pìosan cloiche nuair a chaidh e air chuairt ann an Gleann Dè, far an robhar a’ dèanamh obair-leasachaidh air frìth-rathad. Leis gu robh e cleachdte ri bhith a’ lorg acainn de chloich-spor gu tric air talamh ìosal ann an Sasainn, cha do smaoinich e cus mu dheidhinn a’ ghnothaich.

Bha e anns an sgìre airson co-labhairt air airceòlas agus, nuair a thill e don cho-labhairt, sheall e cuid de na clachan do dh’airceòlaichean eile. Abair co-labhairt bho sin a-mach! Le fhradharc geur, thòisich Aonghas Wainwright caibideil beag ùr ann an eachdraidh fhada na h-Alba.

Litir 250 Litir 250 Litir 252 Litir 252

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!