FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Earrann anns a’ Bhìoball Ghàidhlig

Halò a-rithist a chàirdean. Ruairidh MacIlleathain an seo le Litir

Audio is playing in pop-over.

Earrann anns a’ Bhìoball Ghàidhlig

Halò a-rithist a chàirdean. Ruairidh MacIlleathain an seo le Litir dà cheud is leth-cheud (250). Chan eil fhios agam cia mheud agaibh a chunnaic am film ainmeil aig Mel Gibson, The Passion of The Christ, a thàinig a-mach o chionn ghoirid. Chan fhaca mi-fhìn e, ach tha feadhainn dhen bheachd gur e film air leth math a th’ ann, ged a tha cuid eile ag ràdh gu bheil e mì-thlachdmhor is gu bheil e a’ toirt droch chliù do na h-Iùdhaich a bha an sàs ann an ceusadh Iosa Chrìosd.

Leis gum bi mòran agaibh, a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, a’ còmhradh air a’ film ann am Beurla, shaoil mi gum biodh e iomchaidh pìos beag às a’ Bhìoball Ghàidhlig a chur mur coinneimh an t-seachdain seo. Gheibh sibh, mar sin, cothrom beagan de bhriathrachas a’ ghnothaich a chluinntinn is a leughadh ann an Gàidhlig. Thagh mi pìos à Leabhar Mhata, Caibideil fichead ’s a seachd (27), a’ tòiseachadh aig Earrann fichead ’s a seachd.

“An sin thug saighdearan an uachdarain leotha Iosa do thalla a’ bhreitheanais, agus chruinnich iad a’ bhuidheann uile mu thimcheall. Agus air dhaibh a rùsgadh, chuir iad uime fallaing sgàrlaid. Agus air dhaibh crùn droighinn fhigheadh, chuir iad mu cheann e, agus slat chuilce na làimh dheis: agus lùb iad an glùn na làthair, agus rinn iad fanaid air, ag ràdh, Gum beannaichear thu, a Rìgh nan Iùdhach.

Agus thilg iad smugaid air, agus ghlac iad an t-slat chuilce, agus bhuail iad sa cheann e. Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad an fhallaing dheth, agus chuir iad aodach fhèin uime, agus thug iad leotha e chum a cheusadh. Agus nuair a chaidh iad a-mach, fhuair iad duine o Chirene, dom b’ ainm Simon: is esan a dh’èignich iad gu a chrann-ceusaidh-san a ghiùlan. Agus an uair a thàinig iad gu ionad dhen ainm Golgota, ’s e sin ri ràdh, ‘àite-claiginn’, thug iad dha ri òl fìon geur measgaichte le domblas: agus air dha a bhlasad, chan òladh e e.”

Tha sin gar toirt gu deireadh Earrainn trithead ’s a ceithir (34), agus tha mi a’ dol a leantainn le tuilleadh ann an tiotan. Gu ruige seo, tha an cunntas air a bhith ann an Gàidhlig air fad. Ach tha e inntinneach gun do dh’aithris Mata air a’ ghnothach le bhith a’ cleachdadh faclan ann an Aramais aig Iosa fhèin, agus tha na faclan sin a’ nochdadh, mar a nochd iad bho thùs, ann an Aramais eadhon anns a’ Bhìoball Ghàidhlig. Seo tuilleadh dhen chunntas a’ tòiseachadh aig Earrann ceathrad ’s a trì (43), agus na h-àrd-shagartan a’ fanaid air Iosa:

“Chuir e a dhòigh ann an Dia; saoradh e a-nis e, ma tha toil aige dha; oir thuirt e, Is mise Mac Dhè. Agus thug na gadaichean, a cheusadh maille ris, am beum ceudna dha. A-nis on t-siathamh uair bha dorchadas air an tìr uile gus an naoidheamh uair. Agus mu thimcheall na naoidheamh uaire, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eli, Eli, lama sabachtani? Is e sin ri ràdh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?”

B’ iad sin na faclan mu dheireadh a chualas bho Iosa Crìosd air a’ chrann-cheusaidh, agus tha mi an dùil gur iad sin na faclan a chanas an cleasaiche a tha a’ cluich Iosa anns a’ film, oir tha an sgriobt ann an seann Aramais is seann Laideann. Is a bharrachd air ceistean creideimh, nach eil sin a’ togail ceist mu chànan? Ma ghabhas film mòr dèanamh ann an Aramais is Laideann, carson nach gabhadh a leithid, stèidhichte ann an Alba, dèanamh ann an Gàidhlig?

Litir 249 Litir 249 Litir 251 Litir 251

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!