Tha ceàrnaidhean de thaobh an iar na Gaidhealtachd àraidh. Faodaidh tu a bhith a’ coiseachd ann an àite far a bheil glè bheag ri fhaicinn de mhac an duine
an là an-diugh. Ach, aig an aon àm, faodaidh an t-àite a bhith loma-làn eachdraidh. Sin mar a tha e air taobh an iar Loch Abair.
Chaidh mi air chuairt o chionn dà mhìos eadar Loch Airceig agus Loch Nibheis tro Ghleann Deiseirigh. ’S e loch uisge a th’ ann an Loch Airceig agus ’s e
loch mara a th’ ann an Loch Nibheis, a tha dìreach gu deas air Cnòideart. Eatarra, no eadar Gleann Deiseirigh agus Loch Nibheis, tha bealach ann air a
bheil Màm na Cloich Àirde. ’S e slighe uabhasach brèagha a th’ ann.
Bha còignear anns a’ chòmhlan agam, agus ’s e glè bheag de dhaoine a chunnaic sinn anns na beagan làithean a chuir sinn seachad anns an sgìre. Ach chòrd e
rium tachairt ri aon duine, fear Sasannach a tha a’ fuireach ann an Dùn Eideann, agus a chuir seachad oidhche ann am bothan air cladach Loch Nibheis.
Bha mise a’ campachadh ann an teanta, làimh ris a’ bhothan ach, a’ chiad char anns a’ mhadainn, agus mi fhathast nam leth-chadal, chaidh mi a-steach don
bhothan airson mo bhracaist ullachadh, oir bha an t-uisge ann. Bha am fear a dh’ainmich mi na shuain nuair a dh’fhosgail mi an doras, no ’s e sin an coltas
a bh’ air co-dhiù. Ach nuair a chunnaic e mi, thog e cheann far na leaba agus thuirt e rium ann an Gàidhlig, “madainn mhath.”
Nise, mar a thuirt mi, bha mi nam leth-chadal, agus cha b’ urrainn dhomh a bhith cinnteach co-dhiù chuala mi sin gu ceart, oir bha mi air tachairt ris an
oidhche roimhe, agus mi a’ cabadaich ann an Gàidhlig le mo chompanaich, agus cha robh e air bìog a ràdh a leigeadh fhaicinn dhomh gu robh Gàidhlig aige.
“Tha Gàidhlig agaibh, ma-thà,” thuirt mi ris. “Tha beagan,” thuirt e. “An sibhse Ruairidh MacIlleathain?” “Is mi,” fhreagair mi. “Uill,” thuirt e, “bidh mi
ag èisteachd ri Litir do Luchd-ionnsachaidh a h-uile seachdain.” Nach eil e iongantach far an nochd luchd-leughaidh na Litreach! Co-dhiù, ma tha e ag
èisteachd an t-seachdain seo, mo dhùrachd dha.
Nuair a bha Teàrlach Òg Stiùbhart ann an Alba, bha muinntir Cheann Loch Airceig seo taiceil dha. B’ iad na h-uachdarain ann an Gleann Deiseirigh aig an àm
Camshronaich a bha càirdeach don cheann-cinnidh, Mac Dhòmhnaill Dhuibh. Mharcaich tè à Gleann Deiseirigh, Sìneag Chamshron, aig ceann na feachd à Ceann
Loch Airceig nuair a chaidh iad a choinneachadh ris a’ phrionnsa aig Gleann Fhionghain aig toiseach an ar-a-mach. A rèir aithris, bha seacaid uaine oirre
agus bha i air muin eich ghil. Agus, as dèidh a’ chogaidh, chaidh Teàrlach Òg tron dùthaich seo, agus e a’ teicheadh bho na saighdearan dearga.
Bha sluagh mòr ann aig an àm sin agus, eadhon anns na ficheadan anns an linn sa chaidh, bha timcheall air ochd taighean anns an robh daoine a’ fuireach ann
an Gleann Deiseirigh. Bha teaghlach de Stiùbhartaich a’ fuireach ann an Srathan, aig bonn a’ ghlinne, far an robh iad nan tuathanaich is nan cìobairean,
agus bha iad air leth math, a rèir choltais, air òrain a ghabhail agus sgeulachdan innse ann an Gàidhlig.
Chan eil fhios agam dè cho tric ’s a chluinnear Gàidhlig anns an sgìre sin an-diugh. Glè ainneamh, chanainn, agus is duilich sin. Ach, eadar mi-fhìn is mo
chompanaich, agus ar caraid à Dùn Eideann, bha gu leòr dhith ann airson beagan làithean anns a’ Chèitean.