Dè a’ Ghàidhlig air “pun”? Chan eil mi buileach cinnteach dè mholainn dhuibh, ach tha mi air dà rud fhaicinn – cainnt-chluich agus cainnt-mhire. Cainnt-chluich agus cainnt-mhire. Tha iad le chèile a’ dèanamh ciall, nach eil?
Chan eil fhios agam a bheil cànan sam bith eile cho math ris a’ Bheurla Shasannaich airson a leithid a dhèanamh. Gu dearbh, chan eil a’ Ghàidhlig cho math
rithe. ’S e as coireach ris a sin, chanainn, gu bheil uiread de dh’fhuaimean ann an Gàidhlig a tha rud beag eadar-dhealaichte o chèile. Tha dreach leathann
is caol air connragan, agus bidh na fuaimreagan fada agus goirid, leathann agus caol. Mar sin, chan eil uiread de dh’fhaclan a tha co-ionann ann am fuaim
ach aig a bheil ciall eadar-dhealaichte.
Ach chan eil a’ Ghàidhlig gu tur as aonais a leithid agus tha cuid de dhaoine gu math sgileil ann a bhith a’ cluich le faclan. Bha fear ann uaireigin a bha
fìor ainmeil airson a leithid agus ’s dòcha nach cuir e iongnadh sam bith oirbh nuair a chanas mi gu robh e na bhàrd.
B’ esan Iain MacCodrum à Uibhist a Tuath no, mar a b’ fheàrr a b’ aithne do dhaoine e, Iain MacFhearchair. Bha e beò aig an aon àm ris a’ bhàrd ainmeil,
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Bha e a’ sgrìobhadh a’ chuid bhàrdachd timcheall meadhan an ochdamh linn deug, agus as dèidh sin.
Bha e na bhàrd do Shir Seumas Dòmhnallach, a thug fearann dha leis gu robh e cho math air bàrdachd. Cha toir mi sùil air a bhàrdachd idir an-dràsta, ach bu
mhath leam blasad a thoirt dhuibh dhen sgil a bh’ aige ann a bhith a’ gabhail spòrs le cainnt.
A rèir choltais, bha Iain gu math eòlach air seann dàin Oisein – dhen t-seòrsa a chaidh fhoillseachadh le Seumas MacMhuirich, no Seumas Mac a’ Phearsain,
mar a tha mòran a’ gabhail air. Turas a bha seo, bha MacMhuirich ann an Uibhist, agus e ri tional sgeulachdan, nuair a thachair e ri fear anns a’ mhòintich
eadar Loch nam Madadh agus Beinn a’ Bhaoghla. Cha robh fios aige cò bh’ ann. ’S ann dìreach as dèidh làimh a fhuair e a-mach gur e Iain MacFhearchair a bh’
ann.
Co-dhiù, chuir MacMhuirich a’ cheist air – “a bheil dad agad air an Fhèinn?” Bha e a’ ciallachadh le sin an robh fios aige air sgeulachdan no beul-aithris
co-cheangailte ris an Fhèinn, na seann ghaisgich Ghaidhealach. Cha robh a’ cheist uabhasach snasail ’s dòcha, ach bha làn fhios aig MacFhearchair gu dè bha
am fear eile ag iarraidh. “A bheil dad agad air an Fhèinn?”
Ach seo mar a fhreagair e. “Chan eil agus, ged a bhitheadh, cha ruiginn a leas iarraidh a-nise.” Canaidh mi sin a-rithist gus an tuig sibh nas fheàrr na
thuirt e. “Chan eil, agus, ged a bhitheadh, cha ruiginn a leas iarraidh a-nise.” Bha e a’ ciallachadh le sin gu robh esan a’ tuigsinn bhon cheist gu robh
MacMhuirich a’ faighneachd dheth an robh e air airgead a thoirt don Fhèinn a bha e a-nise ag iarraidh air ais bhuapa! Agus leis gu robh iad air a bhith
marbh airson timcheall air dà mhìle bliadhna, bha e ag ràdh nach robh feum sam bith ann dha ann a bhith ga iarraidh!
Thathar ag aithris nach robh MacMhuirich idir toilichte le dol a-mach an fhir eile, agus e dhen bheachd gu robh e a’ magadh air. Thug e an còmhradh gu
crìch agus dh’fhalbh e ann an cabhaig thar na mòintich gu ruige Beinn a’ Bhaoghla.