FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Taibhs Lachlainn mhic Mhaighstir Alasdair

Bha mi innse dhuibh mu Chailleach Bheag nam Bòcan – Ada Goodrich-Freer – a chruinnich beul-aithris bhon t-Sagart Èirisgeach, Mgr Ailein.

Audio is playing in pop-over.

Taibhs Lachlainn mhic Mhaighstir Alasdair

Bha mi innse dhuibh mu Chailleach Bheag nam Bòcan – Ada Goodrich-Freer – a chruinnich beul-aithris bhon t-Sagart Èirisgeach, Mgr Ailein. No a chleachd beul-aithris a chruinnich an sagart.

Bha Mgr Ailein dripeil ann a bhith a’ cruinneachadh sgeulachdan is naidheachdan bho dhaoine. Cha robh innealan-clàraidh fuaim ann agus b’ fheudar dha a h-uile càil a chuala e a sgrìobhadh.

Am measg na chruinnich e, bha sgeulachdan mu thaibhsean agus bòcain. Tha mi airson tè dhiubh innse dhuibh an-dràsta. ’S ann à Uibhist a Deas a tha i. ’S e an tiotal a th’ oirre ‘Lachlann mac Mhaighstir Alasdair agus an Geama Iomain’.

Bha Lachlann mac Mhaighstir Alasdair a’ fuireach ann an Dreumasdal ann an Uibhist a Deas. B’ e a bhràthair am bàrd ainmeil Alasdair mac Mhaighstir Alasdair. Bha Lachlann na fhear-taca ann an Dreumasdal. Aig aon àm, a rèir aithris, bha e na Chaitligeach, ach chuir e a chùl ris a’ chreideamh.

Nuair a bha e uchd bàis, chuir e fios a-mach gu sagart. Ach cha do leig feadhainn eile leis an t-sagart a dhol faisg air. Mar sin, chaochail e às aonais deas-ghnàth bàis na h-Eaglaise. Bha iad ag ràdh an uair sin gun robh a thaibhs gun fhois. Bhiodh a thaibhs air seachran gus an tigeadh Latha a’ Bhreitheanais.

Beagan bhliadhnaichean an dèidh sin, timcheall deireadh an ochdamh linn deug, bha gille òg à Dalabrog a’ cluich iomain air an tràigh. B’ esan Iain mac Dhòmhaill Òig ’ic Nìll. Bha ùpraid ann mu thadhal – an deach a chur gus nach deach. Bha Iain feargach agus bha e ri fìor dhroch chainnt. Fhad ’s a bha an ùpraid a’ dol, chunnaic na balaich fear iongantach mòr na sheasamh aig an tiùrr aig ceann shuas a’ chladaich. Ghabh a h-uile balach eagal agus theich iad cho luath ’s a bheireadh an casan iad.

Bliadhnaichean an dèidh sin, nuair a bha Iain na làn-duine, fhuair e obair mar sgalag aig an Urramach Rothach, ministear ann an Dreumasdal. B’ e an obair aig Iain a bhith a’ cumail sùil air an arbhar fad na h-oidhche, agus an crodh a chumail air falbh.

Oidhche a bha seo, thàinig mac a’ mhinisteir, Aonghas, don bhothan far an robh Iain. Dh’inns e do dh’Iain gun robh an crodh ag ithe an fheòir. Dh’fhalbh Iain a-mach. Chan fhac’ e an crodh, ach chunnaic e fear mòr mòr nach b’ aithne dha. Thionndaidh e agus ghabh e rathad eile, ach bha am fear mòr air a bheulaibh. Thionndaidh e a-rithist agus, a-rithist, bha am fear mòr na rathad.

Bha an t-eagal air Iain. Dh’èigh e, ‘A Dhia ’s a Mhoire, glacaibh m’ anam.’

Fhreagair am fear mòr, ‘Tha sin glè mhath, ach cha b’ e sin a’ chainnt a bh’ agad nuair a chuala mise mu dheireadh thu.’

Dh’aidich am fear mòr gur e e fhèin a chuir eagal air Iain agus càch nuair a bha iad a’ cluich iomain air an tràigh. Grunn tursan an dèidh sin, chunnaic Iain an dearbh thaibhs. Bha còmhradh eatarra, agus dh’aidich an creutair os-nàdarrach gum b’ esan taibhs Lachlainn mhic Mhaighstir Alasdair.

Litir 1358 Litir 1358 Litir 1360 Litir 1360

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!