Bidh sibh eòlach air an fhacal tairbeart, tha mi cinnteach. ʼS aithne dhomh dusan àite ann an Alba a tha ainmichte mar ‘An Tairbeart’. ʼS e Tarbert no Tarbet an dreach air an ainm ann am Beurla.
Dè tha e a’ ciallachadh? Seo na chanas am Faclair Beag: Tairbeart – portage site no isthmus. Uill, ʼs e isthmus – pìos talmhainn a tha caol eadar pìosan a tha leathann – àite math airson bàta a ghiùlan eadar dà phìos uisge – an dearbh chiall a th’ air portage. ʼS e facal Frangach a th’ ann am portage – portage – a’ ciallachadh ‘giùlan’.
Tha sinn a’ saoilsinn gum biodh na Lochlannaich a’ cleachdadh tairbeartan na h-Alba. No cuid aca, co-dhiù. Le sin, tha beachd air èirigh anns a’ choimhearsnachd gur e facal Lochlannach a th’ ann an tairbeart. Ach chan e. ʼS e facal Gàidhlig a th’ ann. Tha e a’ tighinn bho dhà fhreumh – tar (mar ann an thar no tarsainn) a’ ciallachadh ‘over’ agus beir (math dh’fhaodte bert ann an seann Ghàidhlig) a’ ciallachadh ‘carrying’. Carrying over. Portage. Tairbeart.
A bheil am facal cho sean ʼs gu bheil e a’ toirt fianais dhuinn gun robh na Gàidheil a’ cleachdadh tairbeartan mus tàinig na Lochlannaich a dh’Alba anns an ochdamh is naoidheamh linn? Chanainn gu bheil sin coltach, gu h-àraidh nuair a tha sinn a’ cuimhneachadh gun robh na bàtaichean aig na seann Ghàidheil gu tric air an dèanamh de sheiche bà. Bha iad aotrom. Bha e air a bhith furasta gu leòr do dhaoine na bàtaichean a chur air rolairean no feamainn agus am putadh thairis air tairbeart.
Tha dà àite dheug ann an Alba far a bheil am facal tairbeart, no dreach na Beurla dheth, air a’ mhapa. Tha Tairbeart na Hearadh ainmeil ann an saoghal nan Gàidheal. Anns an t-seann aimsir, bha e a’ toirt cothrom do dhaoine bàta a ghluasad bhon Chuan Siar don Chuan Sgìth, gun a dhol tro Chaolas na Hearadh. Bha an caolas sin dùbhlanach do sheann mharaichean anns na làithean ro chairtean-mara agus GPS. Tha tòrr oitirean ann.
Tha Hearaich gu leòr a’ fuireach air an Tairbeart. ʼS e an Tairbeart am baile as motha anns na Hearadh. Bidh sibh a’ mothachadh gu bheil sinn ag ràdh ‘air an Tairbeart’ seach ‘anns an Tairbeart’. Tha an tairbeart sin a’ ceangal Ceann a Tuath na Hearadh ris a’ Cheann a Deas.
Tha trì tairbeartan eile ann an eileanan air taobh an iar na Gàidhealtachd. Tha tè ann am meadhan Eilean Dhiùra. Bhiodh cothrom aig daoine an eathraichean a thoirt thairis air an tairbeart eadar Linne Dhiùra agus an Linne Cholbhasach. Bhiodh sin a’ leigeil leotha Caol Ìle, deas air Diùra, a sheachnadh. Agus bhiodh iad a’ seachnadh a’ Choire Bhreacain gu tuath. Tha na sruthan-mara an sin cunnartach.
Faisg air Diùra, ann an Eilean Ghiogha, tha tairbeart ann. Tha e ann an ceann a tuath an eilein. Chan eil mi a’ faicinn gum biodh e ciallach bàtaichean a thoirt gu tìr an sin. Bhiodh e na b’ fhasa seòladh timcheall ceann a tuath an eilein. Chanainn, anns an eisimpleir seo, gu bheil ‘tairbeart’ a’ ciallachadh isthmus seach portage place. Bheir sinn sùil air a’ chòrr de na tairbeartan an-ath-sheachdain.