Bha mi ag innse dhuibh mu alt Gàidhlig anns an iris ‘An Gàidheal’. Bha e le Ruairidh Caimbeul à Mionaird air cladach Loch Fìne. B’ e an cuspair ‘An Clò Mòr’. Tha an t-ùghdar a’ mìneachadh gach pàirt dhen phròiseas airson clò a dhèanamh. An t-seachdain sa chaidh, thug sinn sùil air smeuradh agus rùsgadh nan caorach.
’S e an t-ath cheum anns a’ phròiseas – nigheadh na clòimhe. A rèir Ruairidh, bhiodh na boireannaich ‘cas-rùisgte a’ bogadh na clòimhe le ’n casan ann an tubaichean mòra ri taobh na h-aibhne’.
Tha e inntinneach na chanas e mu na bhiodh a’ chlann a’ dèanamh nuair a bha an nigheadh a’ dol air adhart. Bhiodh an fheadhainn òga ‘ri màgaran san fheur ghorm mun cuairt’. A bheil an abairt sin agaibh? Tha a’ chlann bheag ri màgaran. The young children are crawling on all fours.
Agus na gillean na bu shine? Dè bhiodh iadsan a’ dèanamh fhad ’s a bha am màthraichean a’ nigheadh na clòimhe? Uill, bhiodh iad a’ dèanamh leum-loga anns an abhainn. A bheil an abairt sin agaibh? Tha e a’ ciallachadh ‘the lads were skimming stones on the water – bha iad a’ dèanamh leum-loga.
Nuair a bha a’ chlòimh glan, bha i air a tiormachadh. An uair sin, bha i air a cur ann am pocannan anns an t-sabhal gus an tigeadh àm a’ chalanais anns a’ gheamhradh. Tha an calanas a’ ciallachadh ‘cìreadh agus snìomh na clòimhe’. Bha sin a’ tachairt an tac an teine anns a’ gheamhradh nuair nach robh daoine ag obair a-muigh.
An uair sin, bhiodh an dathadh ann. Tha Ruairidh Caimbeul ag ràdh ‘dath na clòimhe’ seach ‘dathadh na clòimhe’. The dyeing of the wool. Tha e ag ràdh gu bheil e duilich ‘aideachadh nach eil boireannaich an latha seo idir cho ealanta ann an obrachadh nan dathan spèisealta a chunnaic sinn nuair a bha sinn òg’. Bha seo anns na tritheadan, cha mhòr ceud bliadhna air ais. Feumaidh gun robh Ruairidh dhen bheachd gur e obair nam ban a bh’ ann an dathadh.
Nuair a bha Ruairidh beò, bha na Gàidheil mu thràth gu ìre mhòr air a dhol gu cleachdadh ‘dathan bùtha’ leis gun robh iad cho ‘goireasach’. Ach tha e ag innse dhuinn gun robh cùisean eadar-dhealaichte thairis air na ceudan roimhe sin. Bha mòran lusan dùthchasach air an cur gu feum. Fhuair Ruairidh eòlas air cuid dhiubh na òige – agus seo iad.
Bha na seann daoine a’ cleachdadh còig lusan airson clòimh a dhathadh dubh. B’ iad sin seileastair, feàrna, grainnseag, preas nan àirneag agus copag. A bheil sibh eòlach air na lusan sin? Seileastair – flag iris; feàrna – alder; grainnseag – bearberry; preas nan àirneag – blackthorn; agus copag – docken. Gu mì-fhortanach, chan eil Ruairidh ag innse dhuinn dè am pàirt de na lusan a bhathar a’ cleachdadh.
Bha dà lus air an cur gu feum airson clòimh a dhathadh gorm. B’ iad sin an droman ‘elder’ agus braoileagan ‘blaeberries’. Tha e a’ toirt trì ainmean Gàidhlig eile airson blaeberries – dearc an fhraoich, curra-mhiag agus lus nan dearc. Airson curra-mhiag, bidh cuid ag ràdh caora-mhitheag. Chuala mi sin ann an Eilean Leòdhais. Sin, ma-thà, dubh agus gorm. Bheir sinn sùil air dathan eile an-ath-sheachdain.