An latha eile, thàinig mi tarsainn air seann alt anns an iris ‘An Gàidheal’. Chaidh fhoillseachadh as t-Sultain naoi ceud deug, trithead ʼs a trì (1933). B’ e an t-ùghdar Ruairidh Caimbeul à Mionaird air cladach Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal. Nochd an t-alt an toiseach mar aiste ann am farpais aig Mòd Dhùn Omhain trì bliadhna roimhe sin.
B’ e an cuspair ‘An Clò Mòr’. Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gach pàirt dhen phròiseas eadar smeuradh no smiùradh nan caorach agus luadhadh a’ chlò.
Tha Ruairidh a’ sgrìobhadh seo: ‘Chan eil a leithid de rud agus smiùradh air a chleachdadh an àite sam bith an-diugh, a chionn, le Achd lagha, feumaidh caoraich a bhith air an tumadh ann an stuth-glanaidh dà uair sa bhliadhna.’ Ach tha e ag innse dhuinn mar a bhiodh gach teaghlach anns an t-seann aimsir a’ comharrachadh oidhche shònraichte anns a’ gheamhradh airson smiùradh nan caorach.
Tha Ruairidh a’ leantainn: ‘Bhiodh prais mhòr, ris an cainte a’ phrais-thearra, air a cumail, gu daonnan, anns gach dachaigh, agus nuair nach biodh feum dhith, bhiodh i air a cumail air a beul fòidhpe an cùil air choreigin mun taigh. Dh’fheumadh an teàrr a bhith aig tigheadachd shònraichte agus b’ e ola èisg, mar bu trice, a bha air a cleachdadh gu a tanachadh.’
Tha e laghach a bhith a’ leughadh Gàidhlig Loch Fìne – dualchainnt nach cluinnear ach ainneamh an-diugh. Agus tha Ruairidh ag innse dhuinn, ged a bha an obair-smiùraidh gu math cruaidh, gum b’ e sin deagh àm airson sgeulachdan innse.
B’ e an ath ìre dhen phròiseas an rùsgadh. B’ e latha faing-an-rùsgaidh latha glè mhòr anns a’ choimhearsnachd. Anns an latha an-diugh, bidh sinn gu tric ag ràdh ‘meadhan-latha’ airson noon. Ach tha Ruairidh Caimbeul a’ cleachdadh seann abairt – tràth-nòin. Seo na th’ aige anns an alt aige: ‘bhiodh na caoraich gu cumanta anns an fhaing aig tràth-nòin agus mu leth-uair an uaireadair an dèidh sin, bhiodh a chaoraich fhèin ceangailte aig gach fear air an rèidhlean ghorm ri taobh na fainge ...
Tha Ruairidh a’ dèanamh aithris air na fuaimean a bhiodh ann. An toiseach fuaim nan deamhaisean. A bheil sibh eòlach air an fhacal sin? Fuaim nan deamhaisean – the sound of the hand shears. Tha e cuideachd ag innse dhuinn na bhiodh na rùsgadairean ag èigheachd air a chèile. Mar eisimpleir, ‘Thoir dhomh spearrach!’ Give me a fetter. Thoir dhomh spearrach.
‘’S e caora fhuadain a tha seo.’ This sheep is a straggler. ’S e caora fhuadain a tha seo. Bhiodh na croitearan ag aithneachadh nan caorach, agus cò bu leis iad, air na comharraidhean-cluaise – ear marks. Seo cuid de na comharraidhean air an robh Ruairidh eòlach – beum, bàrr na cluaise, clisinn, toll agus sùbhlag.
Tha na faclan air am mìneachadh ann am faclair Dwelly: Beum – pìos leth-chearcallach air a ghearradh à taobh fodha na cluaise; bàrr na cluaise – am pìos as fhaide a-mach dhen chluais air a ghearradh dheth; clisinn – tha mi an dùil gu bheil seo co-ionann ri slisinn – sliseag air a ghearradh de thaobh na cluaise; toll – toll cruinn ann am meadhan na cluaise; agus mu dheireadh, sùbhlag – cumadh-V air a ghearradh à bàrr na cluaise. Bidh tuilleadh agam air caoraich, clòimh agus an clò mòr anns an ath Litir.