FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mac Gill’ Eonaidh agus MacIllEathain

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu chriomag a leugh mi anns an leabhar ainmeil aig an Oll. Somhairle MacIain – A Journey to the Western Islands of Scotland.

Audio is playing in pop-over.

Mac Gill’ Eonaidh agus MacIllEathain

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu chriomag a leugh mi anns an leabhar ainmeil aig an Oll. Somhairle MacIain – A Journey to the Western Islands of Scotland. Mus fhàg mi an leabhar sin, tha mi airson cunntas a dhèanamh de rudeigin eile a leugh mi ann.

Bha MacIain ann an Colla, agus a’ fuireach aig an uachdaran agus ceann-cinnidh, MacIllEathain. Bha an taigh aige spaideil. Ach, faisg air làimh, bha seann chaisteal far an robh na cinn-chinnidh a’ fuireach o shean. B’ e sin Caisteal Bhreac-achaidh.

Air balla a’ chaisteil anns an t-seann aimsir bha seo air a shnaigheadh air clach: Ma nochdas duine sam bith a bhuineas do Chlann Ghill’ Eonaidh mu choinneimh a’ chaisteil seo, ged a thigeadh e aig meadhan-oidhche, le ceann duine na làimh, gheibh e fasgadh agus dìon an aghaidh a h-uile duine ach a-mhàin an Rìgh.

Tha MacIain a’ mìneachadh a’ ghnothaich. Ri linn Sheumais II (tha mi a’ dèanamh dheth gun robh e a’ ciallachadh Seumas VII na h-Alba) bha fearann air a thoirt seachad leis an Rìgh do na Leathanaich. B’ e fearann a bh’ ann a bhuineadh do na Camshronaich.

Cha robh na Camshronaich deònach am fearann a thoirt seachad. Mar sin, chaidh MacIllEathain le feachd airson a ghabhail thairis aig bior a’ chlaidheimh. Airson adhbhar air choreigin, thug e a bhean leis.

Bha cath ann aig ceann Loch Nis faisg air Cille Chuimein. Chaill na Leathanaich gu dubh. Chaidh bean a’ chinn-chinnidh a thoirt am bruid. Bha i trom le leanabh. Bha i air a cur fo smachd aig fear Mac Gill’ Eonaidh – fear a bhuineadh do na Camshronaich. Bha esan fo òrdugh aig ceann-cinnidh nan Camshronach, nuair a bhiodh an leanabh air a bhreith, gum biodh e air a chur gu bàs nam b’ e gille a bh’ ann. Bhiodh nighean air a fàgail beò.

Aig an dearbh àm sin, bha a’ bhean aig Mac Gill’ Eonaidh cuideachd trom. Rugadh leanabh-nighinne dhi. Rugadh gille don bhanntraich aig ceann-cinnidh nan Leathanach. Agus rinn Mac Gill’ Eonaidh suaip eatarra. Mar sin, mhair an Leathanach òg beò. Thogadh e anns an taigh aig Mac Gill’ Eonaidh.

Tro thìde, fhuair e a cheannas aig na Leathanaich air ais. Bha e cho taingeil do Mhac Gill’ Eonaidh ʼs gun do chuir e roimhe an caisteal aige fhèin a bhith na thèarmann do dhuine sam bith dhen chinneadh sin a bh’ ann an cunnart. A bharrachd air sin, bhiodh ceann-cinnidh nan Leathanach a’ pàigheadh airson foghlam oighre Mhic Gill’ Eonaidh.

Tha Somhairle MacIain ag innse dhuinn gun do thachair gun do ghabh fear de Chlann Ghill’ Eonaidh brath air a’ chùmhnant sin. B’ esan Eòghann Camshron. Bha e air a bhith an sàs ann an dòigh air choreigin ann am bàs fir air an robh MacMhàrtainn mar ainm.

Mar pheanas, bha Loch Iall, ceann-cinnidh nan Camshronach, air Eòghann a chur air fògradh don Fhraing airson ùine. Nuair a bha an ùine sin seachad, thill Eòghann dhachaigh. Ach cha robh Clann ʼic Mhàrtainn riaraichte leis a’ pheanas a fhuair e. Mhaoidh iad air gun robh iad a’ dol ga mharbhadh. Agus theich Eòghann a Cholla far an d’ fhuair e tèarmann ann an Caisteal Bhreac-achaidh.

Litir 1206 Litir 1206 Litir 1208 Litir 1208

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!