Bha mi a’ toirt sùil air an leabhar ainmeil aig an Oll. Somhairle MacIain, no Samuel Johnson – A Journey to the Western Islands of Scotland. Tha e mu dheidhinn turas a ghabh e fhèin agus Seumas Boswell air a’ Ghàidhealtachd ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773).
Nise, ʼs e fear de na lusan beaga as fheàrr leam fear ris an canar ‘cairt-làir’. Tha flùraichean beaga buidhe air. Anns gach flùr tha ceithir flùr-bhileagan. Tha cairt-làir a’ ciallachadh ‘rùsg a tha a’ fàs air an talamh’. Ann am Beurla, canaidh daoine tormentil ris.
Carson as e ‘cairt-làir’ a th’ air an lus? Uill, anns an t-seann aimsir, bhiodh daoine a’ cleachdadh cairt craoibhe – no rùsg craoibhe, gu h-àraidh rùsg-daraich – airson leathar agus lìn a chartadh. To tan leather and nets. Airson leathar agus lìn a chartadh. Tuigidh sibh gu bheil cartadh a’ ciallachadh tanning. Ge-tà, far an robh craobhan-daraich gann, bhiodh daoine a’ cleachdadh freumhaichean na cairt-làir airson cartadh.
Chòrd e rium anns an leabhar aig Somhairle MacIain gun do rinn e iomradh air sin. Bha e anns an Eilean Sgitheanach agus sgrìobh e gum fac’ e daoine a’ cur bhrògan dhen t-seann seòrsa gu feum. Bha e a’ ciallachadh le sin ‘brogues’.
Sgrìobh e gun robh iad a’ dìon chasan daoine bho chlachan ach nach robh iad a’ cumail uisge a-mach. Bha iad air an dèanamh roimhe de pheallagan – seichean amh. Leis nach robh an leathar air a chartadh, cha robh na ‘brògan’ a’ maireachdainn fada – tha MacIain ag ràdh dìreach dà latha.
Saoilidh mi gu bheil e a’ dèanamh tuairisgeul de chuarain, seach brògan. Tha Dwelly a’ toirt seo dhuinn: Cuaran – sock, brogue of untanned skin, commonly worn with the hairy side outwards. Tha MacIain ag ràdh, ge-tà, gur ann an rathad eile a bha iad – leis an taobh ròmach air an taobh a-staigh, seach air an taobh a-muigh.
Co-dhiù, tha MacIain ag ràdh gun robhar a’ cartadh an leathair le rùsg-daraich mar a bhitheadh ann an ‘àiteachan eile’ no le bèilleag no freumhaichean na cairt-làir.
Nise, dh’ionnsaich mi rud ùr bhon chunntas aig MacIain. Sgrìobh e gun robh freumhaichean na cairt-làir air am moladh do luchd-cartaidh na h-Èireann le cuideigin a fhuair duais air a shon bho phàrlamaid na dùthcha sin.
A bheil sin a’ ciallachadh gur e rud ùr a bh’ ann aig an àm sin ann an Alba cuideachd? Nach robh fios aig muinntir na h-Alba roimhe sin gum biodh freumhaichean na cairt-làir feumail airson cartadh? Chan eil fhios a’m.
Co-dhiù, tràth anns an ochdamh linn deug, bha craobhan-daraich a’ fàs gann ann an Èirinn. Rinn Uilleam Maple rannsachadh air a’ chùis. Sgrìobh e agus dh’fhoillsich e leabhran mu a deidhinn ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a naoi (1829). Fhuair e duais luach dà cheud not bhon Phàrlamaid airson a chuid obrach. ʼS e an tiotal a th’ air an leabhran ‘A Method of Tanning without Bark’.
Saoilidh mi gur e fear na Beurla a bh’ ann am Maple. Ach, anns a’ chunntas aige, tha e a’ toirt dhuinn còig diofar ainmean air an lus ann an Gàidhlig na h-Èireann. Rinn e obair mhath.