FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (4)

Anns an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh, dh’fhàg sinn Iain agus am bodach, a bh’ ann an riochd eich, mu choinneimh a’ chaisteil phràise le caolas eatarra.

Audio is playing in pop-over.

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (4)

Anns an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh, dh’fhàg sinn Iain agus am bodach, a bh’ ann an riochd eich, mu choinneimh a’ chaisteil phràise le caolas eatarra. Thug am bodach slat do dh’Iain. ‘Buail an t-slat ormsa,’ thuirt e, ‘agus bidh mi nam long. Bheir mi don chaisteal thu. Cuiridh a’ bhaintighearna a ceann a-mach agus canaidh i “cò às a thàinig thu, a sheòladair?” Freagraidh thusa gun tàinig thu às na h-Innsean.’ Agus mhìnich am bodach mar a bhiodh an còrr dhen chòmhradh.

ʼS ann mar sin a thachair e. Dh’inns Iain gun tàinig e às na h-Innsean. ‘Dè an luchd a th’ agad air bòrd?’ dh’fhaighnich a’ bhaintighearna.

‘Tha sìoda,’ fhreagair Iain. ‘Tha e freagarrach airson aodach a dhèanamh do bhaintighearnan.’

‘An toir thu ultach dheth a-steach?’ dh’fhaighnich am boireannach.

‘Chan eil fhios agam dè an seòrsa a b’ fheàrr leibh,’ fhreagair Iain. ‘Nach tig sibh a-mach don t-soitheach airson na th’ agam fhaicinn.’ Dh’aontaich a’ bhaintighearna gun dèanadh i sin.

Bha i cho fada air bòrd a’ coimhead air na h-ultaichean sìoda ʼs nach do mhothaich i gun robh an soitheach a’ dèanamh a shlighe gu socair. Bha i a-nise pìos mòr air falbh bhon chaisteal. Bha i feargach. Thug i a-mach iuchraichean a’ chaisteil agus thilg i a-mach air an loch iad. ‘Ge brìth dè dh’èireas dhòmhsa,’ thuirt i, ‘cha tèid duine eile a-steach don chaisteal às mo dhèidh.’

Chaidh iad gu lùchairt an Rìgh. Thuirt a’ bhaintighearna nach pòsadh i an Rìgh gus am biodh an caisteal pràise aig ceann na lùchairt. Thuirt an Rìgh ri Iain gu feumadh esan sin a chur an sàs no gum biodh e air a chrochadh. Chaidh Iain don bhodach. Chaidh an dithis aca gu uamh nam. Thog na famhairean an caisteal pràise agus chuir iad aig ceann na lùchairt e.

Ach cha robh a’ bhaintighearna riaraichte. ‘Cha phòs mi thu,’ thuirt i ris an Rìgh, ‘gus am faigh mi na h-iuchraichean a thilg mi don loch.’ Bha an Rìgh a’ dol a chrochadh Iain mura faigheadh e na h-iuchraichean. Chaidh Iain agus am bodach don tràigh far an robh an t-iasg. Bha Iain air beatha an èisg a shàbhaladh roimhe. Lorg an t-iasg na h-iuchraichean. Thug Iain na h-iuchraichean don bhaintighearna.

Cha robh i sàsaichte, ge-tà. ‘Cha phòs mi thu,’ thuirt i ris an Rìgh, ‘gus am faigh mi trì botail de dh’uisge à Tobar nam Buadh.’

‘Gheibh Iain an t-uisge dhut,’ ars an Rìgh.

Chaidh am bodach, a bh’ ann an riochd eich, agus Iain gu àite fad air falbh. ‘Nise, Iain,’ thuirt am bodach, ‘faigh clach agus buail mi am bun na cluaise. Marbhaidh tu mi. Sgolt mo bhrù agus leig pàirt de mo chaolain a-mach air mo chliathaich. Thig còig fithich. Beir air dithis dhiubh. Can ris na trì eile nach leig thu am bràithrean mu sgaoil gus an toir iad dhut còig botail de dh’uisge à Tobar nam Buadh.’

Thachair an gnothach mar a mhìnich am bodach e. Thill na fithich le còig botail de dh’uisge. Agus dè rinn Iain an uair sin? Chì sinn anns an ath Litir.

Litir 1196 Litir 1196 Litir 1198 Litir 1198

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!