FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (2)

Tha mi ag aithris na sgeulachd ‘An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh’. Cha robh an cupall an dùil clann a bhith aca.

Audio is playing in pop-over.

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (2)

Tha mi ag aithris na sgeulachd ‘An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh’. Cha robh an cupall an dùil clann a bhith aca. Ach rugadh leanabh-gille dhaibh. Chuir iad ‘Iain’ air mar ainm. Bha iad fhathast a’ fuireach leotha fhèin air cùl a’ chladaich. Thug iad fhèin sgoil don ghille.

Bha seachd bliadhna air a dhol seachad on a thug an duine an gealltanas don bhodach. Thuirt e ri a bhean, ‘Tha mi a’ falbh an-diugh a thoirt a’ bhalaich seachad a chionn ʼs gur e sin a gheall mi airson na tubhailt.’ Bidh cuimhne agaibh gun d’ fhuair an duine tubhailt dhraoidheil bhon bhodach. Mar sin, bha biadh an-còmhnaidh aca.

Thòisich a bhean air caoineadh. ‘Chan eil cothrom air,’ thuirt an duine aice. ‘Feumaidh mi a dhèanamh.’ Dh’fhalbh an duine ʼs am balachan agus an ceann ùine ràinig iad am bothan aig bonn na beinne. Cha robh sgeul air an t-seann duine liath ach bha am bòrd ann mar a bha roimhe, le botal fìona agus lof arain air. Ghabh an duine agus an gille balgam às a’ bhotal agus crioman às an lof.

Aig a’ mhionaid sin, cò thàinig a-steach ach am bodach. ‘Thàinig thu mar a gheall thu,’ thuirt e.

‘Thàinig,’ dh’aontaich am fear eile.

‘Dè an t-ainm baistidh air a’ bhalachan?’

‘Iain,’ thuirt athair.

‘Gum meal e ainm,’ ars am bodach. ‘A bheil sgoil aige?’

‘Bha mi fhìn a’ toirt beagan sgoile dha,’ fhreagair am fear eile.

‘Bheir mise deagh sgoil dha,’ ars am bodach. ‘Nì mi mar gum bu mhac dhomh fhìn e. Nì mi duine fortanach dheth fhathast.’

Dh’fhan athair an oidhche sin aig bonn na beinne. An làrna-mhàireach, dh’fhàg e beannachd aig a’ bhalachan agus thill e dhachaigh. Bha a bhean brònach, muladach mu chall a mic.

Air ais aig bonn na beinne, dh’fhàs am balachan na ghille mòr, gasta. Bha e còrr is fichead bliadhna còmhla ris a’ bhodach agus fhuair e deagh sgoil bhuaithe. Latha a bha seo, dh’iarr am bodach air a dhol còmhla ris gu mullach na beinne. Thuirt e gun robh srian eich os cionn an dorais agus dh’iarr e air a toirt leis.

Ràinig iad mullach na beinne. Thuirt an seann duine ri Iain, ‘Crath an t-srian rium. Bidh mis’ a’ tionndadh nam each. Leum air mo mhuin an uair sin.’

Rinn Iain sin. Thionndaidh am bodach na each agus leum Iain air a mhuin. Dh’fhalbh an t-each aig astar. Chùm e a dol fad an latha gus an do ràinig e leathad uabhasach cas – ri taobh loch. ‘Thig far mo mhuin, Iain,’ thuirt an t-each ris.

Thàinig Iain far an eich, agus thuirt an t-each ris, ‘Thalla suas gu uamh an sin. Gheibh thu trì famhairean nan sìneadh. Tha iad a’ dol bàs leis an acras. Seall a-steach nam chluais.’

Thug Iain sùil na chluais agus chunnaic e botal fìona agus trì lofan arain. ‘Thoir lof an duine do na famhairean,’ ars an t-each, ‘agus roinn am botal eatarra.’

Rinn Iain sin agus bha na famhairean air leth toilichte. ‘Bidh cuimhne againn air seo,’ thuirt iad.

Thill Iain don t-seann duine a bha fhathast ann an riochd eich. Agus leanaidh an sgeul an-ath-sheachdain.

Litir 1194 Litir 1194 Litir 1196 Litir 1196

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!