FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fearchar Lichiche (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Fhearchar Lighiche. Thug e an nathair gheal a fhuair e aig bonn na craoibhe-calltainn don duin-uasal.

Audio is playing in pop-over.

Fearchar Lichiche (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Fhearchar Lighiche. Thug e an nathair gheal a fhuair e aig bonn na craoibhe-calltainn don duin-uasal. Ach dh’fheuch e fhèin – mar thuiteamas – brot na nathrach.

Thill an duin-uasal far an robh Fearchar. Thog e an ceann far na poite. Chuir e corrag a-steach agus chuir e na bheul i. ‘Obh obh,’ ars esan, ‘chan eil feum sam bith anns a’ bhrot seo.’ Bha fios aige gun robh Fearchar air a chorrag fhèin a chur a-steach, a’ faighinn a h-uile maitheas a bha sa phoit.

Bha Fearchar an dùil duais fhaighinn airson an nathair gheal a thoirt don duine, ach dhiùlt am fear eile dad a thoirt dha. Ge-tà, cha robh cùisean ro dhona oir bha Fearchar air gibht fhaighinn – bha e comasach air tinneas sam bith a leigheas. Mar a chanadh na seann sgeulaichean ann an Dùthaich MhicAoidh – bha sùilean a thuigse air am fosgladh nuair a chuir e a chorrag na bheul. B’ e sin an comas a bha am fear eile a lorg – comas sàr-lighiche. A-nise bha an comas sin aig Fearchar.

Air an rathad dhachaigh a Dhùthaich MhicAoidh, thachair Fearchar ri feadhainn a bha tinn. Rinn e leigheas orra uile. Ràinig e baile far an robh Rìgh a’ fuireach. Bha an Rìgh a’ fulang gu mòr le cas ghoirt. Bha neasgaidean uabhasach oirre. Cha robh comas aig an Rìgh coiseachd tuilleadh agus bha e ann am pian fad na h-ùine. Ged a rinn na lighichean aige a h-uile nì a b’ urrainn dhaibh – gan rèir fhèin – dh’fhàilnich orra feabhas sam bith a thoirt air a chois.

Chuala Fearchar mu dheidhinn seo. Chaidh e gu doras a’ chaisteil agus dh’èigh e, ‘A’ bhiast-dubh air a’ chnàmh gheal.’ Chuala an rìgh e. Dh’fhaighnich e de na h-oifigearan aige cò bha sin aig doras a’ chaisteil. ‘Fear a bha a’ dol seachad,’ thuirt oifigear. ‘Tha e a’ cumail a-mach gur e lighiche a th’ ann.’

‘Thoir thugam e,’ ars an Rìgh. Chaidh Fearchar a thoirt a-steach. ‘An e lighiche a th’ annad?’ dh’fhaighnich an Rìgh.

‘’S e, ur Mòrachd,’ fhreagair Fearchar.

‘Ma nì thu leigheas orm gus nach bi mi ann am pian tuilleadh,’ ars an Rìgh, ‘bheir mi dhut duais sam bith a dh’iarras tu, eadhon an dàrna cuid dhen rìoghachd agam.’ Feumaidh gun robh a chas gu math goirt!

Thug Fearchar sùil air cas an Rìgh. Fhuair e a-mach gun robh na lighichean eile air na neasgaidean a chumail fosgailte le bhith a’ cur daolagan orra a bha ag ithe na feòla. Fhuair e cuidhteas na daolagan. Chuir e fuar-lite air cas an Rìgh. An ceann greis thàinig feabhas oirre. Cha robh i goirt tuilleadh.

Bha an Rìgh toilichte agus taingeil. ‘Dè an duais a tha thu ag iarraidh?’ dh’fhaighnich e de dh’Fhearchar.

‘A h-uile eilean anns a’ mhuir eadar Rubha an Stòir ann an Asainte agus an Rubha Dearg ann an Arcaibh,’ thuirt Fearchar.

‘Bidh iad sin agad,’ ars an Rìgh, ‘agus fearann a bharrachd anns an dùthaich agad fhèin.’ Chùm an Rìgh ris a’ chùmhnant agus bha Fearchar an uair sin na uachdaran, agus eileanan is fearann gu leòr aige. Agus bha na dùthchannan sin ann an làmhan a shliochd fad iomadach bliadhna.

Litir 1164 Litir 1164 Litir 1166 Litir 1166

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!