FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fearchar Lighiche (1)

Cò bh’ ann am Fearchar Lighiche? An cuala sibh riamh ainm?

Audio is playing in pop-over.

Fearchar Lighiche (1)

Cò bh’ ann am Fearchar Lighiche? An cuala sibh riamh ainm? Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn oir bha e uaireigin car ainmeil, gu h-àraidh ann an Dùthaich MhicAoidh. Ach tha ceist ann – am buin e do bheul-aithris no an e fìor dhuine a bh’ ann?

Tha am facal lighiche a’ ciallachadh ‘dotair’ no ‘neach-slànachaidh’. Cha chuala mi riamh ainm Fhearchair ann am Beurla. Eadhon ann am Beurla, bidh daoine a’ bruidhinn air Fearchar Lighiche. Seo agaibh cunntas air an duine à beul-aithris:

Bha Fearchar na chìobair. Bha e a’ fuireach ann an Gleanna Gollaidh. Nise, ʼs dòcha nach eil sibh eòlach air Gleanna Gollaidh. Mura h-eil, tha mi cinnteach nach ann à Dùthaich MhicAoidh a tha sibh. Tha a h-uile duine anns an sgìre sin, aig a bheil ùidh ann an dualchas na Gàidhlig, eòlach air an òran Gleanna Gollaidh nan Craobh. Tha e mar gum biodh na laoidh-sgìre an sin. Bha e air a sgrìobhadh leis a’ bhàrd ainmeil, Rob Donn. Cò chì e nach mol e – Gleanna Gollaidh nan Craobh. Sgrìobh mi mun dàn ann an Litir 535.

Co-dhiù, air adhart leis an sgeulachd. Chaidh Fearchar gu fèill-reic air a’ Ghalltachd. Bha e a’ coimhead air an sprèidh agus bha bata calltainn na làimh. Thàinig fear thuige. Bha coltas duin-uasail air. Dh’fhaighnich e de dh’Fhearchar càʼn d’ fhuair e am bat’ aige.

‘Ann an Gleanna Gollaidh, ann an Dùthaich MhicAoidh,’ fhreagair Fearchar.

‘Am biodh tu ag aithneachadh na craoibh’ às an tàinig e?’ dh’fhaighnich an srainnsear.

‘Bhitheadh,’ dh’aontaich Fearchar, ‘nam bithinn faisg oirre.’

‘Uill,’ lean an duin-uasal, ‘bheir mi duais mhòr dhut ma thilleas tu don chraoibh ud ann an Gleanna Gollaidh. Thoir sùil airson toll nathrach fòidhpe. Ma bhios a leithid ann, fan greis agus chì thu sia nathraichean a’ tighinn a-mach às. Na dèan cron sam bith orra. Fan gus an till iad. ʼS i an tè mu dheireadh a thilleas – nathair gheal. Gabh greim oirre, thoir thugam i, agus bidh an duais agad.’

Nuair a thill Fearchar dhachaigh, chaidh e chun na craoibhe. Chunnaic e an toll agus, mar a dh’aithris an duin-uasal, ʼs ann a thachair e. Ghabh Fearchar greim air an nathair ghil agus thug e leis i. Choinnich e ris an fhear a bha a’ gealltainn duais dha.

Bha am fear sin uabhasach toilichte. Gun dàil chuir e poit air teine agus chuir e an nathair ann. Chuir e ceann air a’ phoit. Thuirt e gun robh aige ri falbh speileag. Dh’iarr e air Fearchar sùil a chumail air a’ phoit airson dèanamh cinnteach nach cuireadh i thairis. Ach thuirt e nach fhaodadh Fearchar buntainn ris an stuth a bha na broinn.

Cha robh am fear air falbh fada nuair a thòisich an t-uisge anns a’ phoit air goil. Bha e a’ coimhead coltach gun robh ceann na poite gu bhith a’ leum dhith. Dh’fheuch Fearchar ri stad a chur air. Ach chaidh uisge goileach às a’ phoit thairis air tè de na corragan aige. Chaidh a chorrag a losgadh.

Stob Fearchar a’ chorrag na bheul. Thàinig an dà latha air sa mhionaid sin. Thuig e bho sin a-mach mar a dhèanadh e leigheas air gach tinneas anns an t-saoghal. Ach an robh an duin-uasal toilichte? Uill, cha robh – mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

Litir 1163 Litir 1163 Litir 1165 Litir 1165

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!