FaclairDictionary EnglishGàidhlig

MacCodruim nan Ròn (1)

Sin sibh a-rithist. Tha mi a’ dol a dh’innse sgeulachd ainmeil dhuibh. Tha i às na h-Eileanan an Iar.

Audio is playing in pop-over.

MacCodruim nan Ròn (1)

Sin sibh a-rithist. Tha mi a’ dol a dh’innse sgeulachd ainmeil dhuibh. Tha i às na h-Eileanan an Iar. ʼS e an t-ainm a th’ oirre MacCodruim nan Ròn.

O chionn fhad an t-saoghail, bha iasgair anns na h-eileanan air an robh Niall MacCodruim mar ainm. Bha e a’ fuireach leis fhèin ann an taigh-croite eadar muir agus monadh. Bha an t-àite sàmhach ach a-mhàin gun cluinneadh Niall gairm nan eun-sgadain agus sluaisreadh nan tonn air a’ mhol. Tha fhios gun robh e aig amannan aonaranach, gu h-àraidh air oidhcheannan fada geamhraidh.

Feasgar earraich a bha seo, bha na fir a’ toirt an eathraichean gu tìr. Bha cliabh làn sgadan aig a h-uile iasgair. B’ e Niall am fear mu dheireadh a tharraing a bhàta suas am mol agus a chuir a chliabh air a ghualainn. Bha na fir eile air a dhol dhachaigh le ʼm mnathan. Ach cha robh bean aig Niall ann.

Bha e a’ smaoineachadh gun robh e leis fhèin air a’ chladach. Ach chuala e fuaim annasach. Bha e eadar-dhealaichte bho sgreadail nan eun. Chuala e a-rithist e. Bha e mar gàireachdaich – boireannaich a’ gàireachdaich.

Thug e a chliabh far a ghuailne agus dh’fhàg e air a’ mhol e. Chaidh e a dh’ionnsaigh an fhuaim eadar creagan mòra. Chaidh e am falach air cùl tè de na creagan. Agus chunnaic e rud a bha iongantach – seachdnar bhoireannach òga. Bha iad uile rùisgte agus bha falt fada aig a h-uile tè dhiubh. Bha an craiceann cho bàn ri eala air loch agus bha iad a’ dannsadh còmhla ann an cròileagan air a’ chladach.

An uair sin, chunnaic Niall rudeigin eile – meall de bhèin air creag faisg air na boireannach. Thuig e gur e maighdeannan-ròin a bh’ anns na boireannaich. Nuair a bha iad aig muir bha iad mar a bha ròin eile. Ach, nuair a thigeadh iad gu tìr, ʼs ann a chuireadh iad am bèin dhiubh. Bhiodh coltas boireannaich orra an uair sin.

Chrom Niall sìos a-nise agus shnàig e a dh’ionnsaigh nam bian. Gu socair, sàmhach ghabh e grèim air a’ chiad bhian agus chuir e fo achlais e. Ge-tà, chunnaic tè de na boireannaich e. Thug i èigh. Sguir iad uile a dhannsa. Ruith iad chun na creige, thog iad am bèin agus dh’fhalbh iad gu muir mar gur e ròin a bh’ annta a-rithist.

Ach a-mhàin aon tè. Sheas i air beulaibh Nèill. Bha a craiceann a’ deàlradh mar neamhnaid ann an solas na gealaich. An robh cainnt aice? Bha – agus bha Gàidhlig aice! Shìn i a làmh a dh’ionnsaigh Nèill. Thuirt i, ‘An toir thu thugam mo bhian? Le do thoil – mo bhian-ròin.’

Dhiùlt Niall sin a dhèanamh. Ghabh e ceum a dh’ionnsaigh na maighdinn-ròin. ‘Thig cuide rium,’ thuirt e. ‘Bheir mi dhut aodach ùr a chuireas tu ort.’ Cha robh taghadh aice. Agus ghabh i ri cùmhnant Nèill.

Phòs iad air latha brèagha aig àm fàs na gealaich agus lìonadh na tìde-mhara. Thàinig a h-uile duine anns a’ bhaile, agus bha biadh is deoch gu leòr aca. Bha Niall MacCodruim cho sona ri bròg. Ach a bhean ùr – uill, bha ise sàmhach mar gun robh i ag èisteachd ri fuaim na mara seach ceòl na fìdhle... Tuilleadh dhen sgeulachd an-ath-sheachdain.

Litir 1158 Litir 1158 Litir 1160 Litir 1160

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!