Seo sgeulachd à Dùthaich MhicAoidh ann am fìor cheann a tuath na Gàidhealtachd. Bha fear Sandaidh Rothach às Armadal, sear air a’ Bhlàran Odhar. Bha e na iasgair. Bha e ag iasgach a-mach à Loch an Inbhir. Bha bean Shandaidh an dùil leanabh.
Chuir Sandaidh agus a bhràthair-chèile, Seumas, romhpa coiseachd dhachaigh. Thug e beagan làithean. Ghabh iad an rathad tro Shrath Nabhair. Bha iad ag amas air a dhol gu dannsa anns a’ Bhlàran Odhar. An ath latha, bhiodh iad a’ coiseachd dhachaigh a dh’Armadal.
Bha Seumas sgìth. Chunnaic e tom a bha còmhdaichte le fraoch fada. Thuirt e gum biodh e math nan gabhadh iad fois an sin. Ràinig iad an tom agus laigh iad sìos. Bha an latha blàth.
Cha mhòr nach robh an dithis nan cadal nuair a chuala iad fuaim – ceòl dannsa. Thug iad sùil mun chuairt. Bha an ceòl a’ tighinn às uamh bheag air cliathaich an tuim.
Chaidh Sandaidh agus Seumas a-null gu sàmhach agus thug iad sùil a-steach. Chunnaic iad solais gheala mar gun robh mìle coinneal lasaichte ann.
Bha Sandaidh gu math dèidheil air dannsa agus spòrs. Mus robh cothrom aig Seumas stad a chur air, a-steach leis, agus sìos tunail cumhang far an deach e à fianais. Dh’èigh Seumas air ach cha d’ fhuair e freagairt. Cha robh Seumas deònach a dhol a-steach ann. Lean e air a thuras. Ràinig e am Blàran Odhar aig ciaradh an fheasgair.
Dh’aithris Seumas na thachair ach cha do chreid duine e. An dèidh seachdain, nuair nach do nochd Sandaidh, bha daoine dhen bheachd gun robh Seumas air a mhurt.
Chaidh daoine a choimhead air an uaimh. Cha deach e fada a-steach don tom idir. Cha robh sgeul air ceòl no dannsa. Chaidh latha is bliadhna a thoirt do Sheumas airson dearbhadh gun robh e neoichiontach.
Thill Seumas don uaimh agus thog e bothan aig a beul. Tro mhìosan an fhoghair ʼs a’ gheamhraidh, cha mhòr gun do ghluais e bhon àite sin.
Thàinig an t-earrach agus an samhradh. An uair sin bha an ìre mhath bliadhna air a dhol seachad bhon a dh’fhalbh Sandaidh. Cha robh ach aon latha air fhàgail aig Seumas airson a neoichiontachd a dhearbhadh.
Nuair a dh’èirich a’ ghrian, chuala Seumas fuaim. Ceòl dannsa a bh’ ann! Dh’èirich e bho a leabaidh agus ruith e a-steach don uaimh. Chunnaic e solais agus chuala e gàireachdaich. Dh’èigh e air Sandaidh ach cha do nochd Sandaidh.
Chaidh ùine seachad. An uair sin, mun àm dhen fheasgar a bha Sandaidh air a dhol à fianais bliadhna roimhe, nochd e. ‘Dè a’ chabhag a th’ ort?’ thuirt e ri Seumas. ‘Bha mi ag iarraidh crìoch a chur air an ruidhle!’
Nuair a dh’inns Seumas dha gun robh e air a bhith sìos an tunail airson bliadhna, cha do rinn Sandaidh ach gàire. ʼS ann nuair a ràinig e Armadal a dh’ionnsaich e gun robh an fhìrinn aig Seumas. Bha Sandaidh na athair aig gille a bha faisg air bliadhna a dh’aois!