Bha mi ag innse dhuibh mu bhaile Chromdhail faisg air Baile nan Granndach. Bha cath an sin anns a’ bhliadhna sia ceud deug is naochad (1690). Bha am Màidsear-Seanalair Tòmas Buchan os cionn arm nan Seumasach. Bha na Seumasaich a’ feuchainn ri Seumas VII a chur air ais air an rìgh-chathair.
As t-Earrach bha na daoine trang air obair-fearainn. Mar sin, cha b’ urrainn do Bhuchan armailt mhòr a chur ri chèile. Bha dùil gum biodh còrr math is mìle saighdear aige, ach dh’fhalbh feadhainn dhiubh. Tha cuid dhen bheachd nach robh aige ach ochd ceud saighdear. Bha iad ann am meadhan na Gàidhealtachd – ann am Bàideanach is Srath Spè. Bha iad air an rathad don ear-thuath far an robh iad an dòchas tuilleadh shaighdearan a lorg. Bha iad a’ leantainn Uisge Spè leis an t-sruth.
Ged a bhuineadh e do Shiorrachd Obar Dheathain, bha Buchan air a bhith thall thairis airson ùine mhòr. ʼS dòcha nach robh e cho eòlach air suidheachadh na h-Alba ʼs a bu chòir. Thug na h-oifigearan Albannach aige rabhadh dha – gun a bhith a’ dol seachad air Uisge Neithich. Ach cha do ghabh e ris a’ chomhairle aca. Chum e dol seachad air Uisge Neithich gus an do ràinig e Crom Dhail.
Thog an armailt aige campa an sin air an latha mu dheireadh dhen Ghiblean. ʼS dòcha gun robh cuid de na h-oifigearan a’ fuireach ann an Caisteal an Leathann-ruigh, a tha an-diugh na thobhta.
Gu mì-fhortanach dhaibh, bha armailt na bu mhotha aig an riaghaltas a’ teannadh dlùth. Bha i fo chomannd an Ridire Thòmais Mhic an Lèigh a bha stèidhichte ann an Inbhir Nis. Ràinig iad bruach thall na h-aibhne gu sear air far a bheil Baile nan Granndach an-diugh. Cha robh eadar iad fhèin agus armailt nan Seumasach ach Uisge Spè. Agus bha gu leòr de na saighdearan air muin-eich. Cha bhiodh an abhainn a’ cur stad orra.
Sheinn cuideigin an clag anns an eaglais mar rabhadh. Thòisich na saighdearan Seumasach air gluasad gu talamh na b’ àirde. Ràinig iad leathad a tha a’ dol a dh’ionnsaigh Beinn Chromdhail. Agus sin far an robh an t-sabaid fhuilteach. Cha do sheas na Seumasaich fada.
Gu fortanach dhaibh thàinig ceò a-nuas orra bhon mhonadh. Chuir sin stad air a’ mharc-shluagh bho bhith gan leantainn. Agus theich feadhainn aca. Ach chaill na Seumasaich mu leth dhen armailt aca, eadar mairbh agus prìosanaich.
Air blàr a’ chatha an-diugh, thathar a’ comharrachadh ‘Clach nam Pìobair’ – clach a sheasas leatha fhèin. Thathar a’ cumail a-mach gun do sheinn pìobairean an cuid phìoban an sin mar bhrosnachadh do na saighdearan. Is iongantach mura robh iad air am marbhadh le saighdearan an riaghaltais.
B’ e Cath Chromdhail an cath mòr mu dheireadh ann am Breatainn anns an t-seachdamh linn deug. Thug e gu crìch iomairt nan Seumasach ann an Alba mus do dh’èirich iad a-rithist ann an seachd ceud deug is còig-deug (1715) às leth mac Sheumais VII.
Cha robh cùisean uile-gu-lèir seachad airson Sheumais VII le Cath Chromdhail, ge-tà. Lean an seann Rìgh air airson greis ann an Èirinn. Ach dìreach dà mhìos an dèidh a’ chall ann an Cromdhail bha Cath na Bóinne ann an Eirinn, far an do chaill Seumas gu dubh. Trì mìosan an dèidh sin, theich e don Fhraing. Cha do thill e a-chaoidh.