Dè am fuaim a bhios luchag a’ dèanamh? Am bi i a’ beucaich no a’
comhartaich? No am bi i a’ crònan, no a’ donnalaich? A bheil e gu diofar ma
tha an luchag toilichte seach mì-thoilichte? No misneachail an àite
eagallach? Uill, feumaidh mi aideachadh nach eil mi ro eòlach air cainnt
nan luchag. Ach faodaidh mi a ràdh, an ìre mhath le cinnt, nach bi luchag
a’ beucaich no a’ comhartaich!
A bheil sibh eòlach air a’ bhriathrachas co-cheangailte ri fuaim? Anns an
Litir seo, tha mi a’ dol a dh’innse feadhainn dhiubh dhuibh. Anns a’ chiad
dol a-mach, chanamaid bìogail no bìdil ris an fhuaim a
bhios luchag a’ dèanamh – squeaking no chirping ann am
Beurla. Bidh eòin bheaga a’ bìogail cuideachd.
Dè th’ ann am beucaich, ma-thà? Ann am Beurla, canaidh sinn roaring no bellowing ris. ʼS e beucaich am fuaim a nì a’
mhuir air latha stoirmeil – beucaich na mara. Nam biodh sibh a’ tighinn car
faisg air eas mòr mòr, mar Eas Niagara no Eas Bhictòria, bhiodh sibh a’
cluinntinn beucaich an easa. Ge-tà, bidh sinn cuideachd ag ràdh ‘beucaich’
ris an fhuaim a bhios boc-earba a’ dèanamh.
Agus comhartaich? ʼS e sin am fuaim a nì cù, seach luchag. Agus crònan?
Uill, seo agaibh pìos bàrdachd anns a bheil am facal: sei l
lein riabhacha, breaca, srianach, len crònan cianail as fiadhta srann
‘brindled, speckled, striped bees, with their mournful droning of the
wildest buzz’.
Tha seo às an dàn Coire a’ Cheathaich le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.
Seillein riabhacha, breaca, srianach, len crònan cianail as fiadhta srann.
Tha crònan a’ ciallachadh ‘the buzzing of a fly or bee’.
Tha e cuideachd a’ ciallachadh fuaim a nì allt – ‘purling’ ann am
Beurla. Cha bhi luchag a’ dèanamh crònan fhad ʼs as aithne dhomh. Ach nan cluinneadh luchag crònan,
ʼs dòcha gum biodh i a’ gabhail eagail. Carson? Uill, ʼs e sin am fuaim a
nì cat nuair a tha e toilichte. Crònan cait ‘the purring of a cat
’. Tha seanfhacal ann: ʼS ann air a shon fhèin a nì an cat crònan ‘it’s for itself the cat purrs. ʼS ann air a shon fhèin a nì an
cat crònan.
Tha dùrdan cuideachd a’ seasamh airson purring. Seo
seanfhacal eile: Nuair a bhios nì aig a’ chat, nì e dùrdan ‘when the cat has got hold of something, it purrs’. Bidh sinn ag ràdh sin mu dhaoine beartach a bhios a’
bruidhinn gu tric mun cuid ionmhais. Nuair a bhios nì aig a’ chat, nì e
dùrdan.
Dè mu dheidhinn donnal no donnalaich? ʼS e sin am fuaim àrd a bhios cù a’
dèanamh nuair a tha e ann am pian. Howling. Bidh
madaidhean-allaidh a’ donnalaich gu nàdarrach.
Agus dè chanas sinn ris an fhuaim mhòr a bhios daimh a’ dèanamh? ʼS e sin langanaich. Lowing, bellowing. Langanaich. Aig àm na dàra, canaidh
sinn bùirich ris. Bùirich – loud bellowing. Dè am
beathach eile, a bharrachd air damh, a bhios a’ bùirich? Chanainn fhèin –
tarbh. Mar sin leibh an-dràsta.