Èirich agus tiugainn o,
Èirich agus tiugainn o,
Èirich agus tiugainn o,
Mo shoraidh slàn le Fionnairigh
Tha mi an dùil gu bheil a’ chuid mhòr agaibh eòlach air na faclan sin, agus air an òran às an tàinig iad. Seo a’ chiad rann dheth:
Tha an latha math, ’s an soirbheas ciùin,
Tha an ùine a’ ruith, ’s an t-àm dhuinn dlùth,
Tha am bàt’ gam fheitheamh fo a siùil,
Gam thoirt a-null à Fionnairigh.
’S e tiotal an òrain “Soraidh Slàn le Fionnairigh” agus tha e mu dheidhinn àite ann Morbhairne, mu choinneamh Eilein Mhuile. Ach cò sgrìobh e? Dh’fhaodainn
a ràdh gun deach a sgrìobhadh leis an Ollamh Urramach Tormod MacLeòid, air an robh am frith-ainm, “Caraid nan Gàidheal”, agus a bha uaireigin gu math
ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig, ach cha bhiodh sin buileach ceart. Feumaidh mi mìneachadh.
Bha Tormod MacLeòid beò eadar na bliadhnaichean seachd ceud deug, ochdad ’s a trì (1783) agus ochd ceud deug, seasgad ’s a dhà (1862). ’S e gille a’ mhans’
a bh’ ann. Rugadh e agus thogadh e ann am Fionnairigh far an robh athair na mhinistear.
Chaidh Tormod a-steach don mhinistrealachd e fhèin, agus bha e an toiseach ann am Muile, agus an uair sin ann an àiteachan eile air tìr-mòr Earra-Ghàidheal.
Ghluais e don Ghalldachd às dèidh sin agus bha e greis ann an Siorrachd Shruighlea agus ann an Glaschu, far an do ghabh e ceum-ollaimh ann an
Diadhaireachd. Bha e na Mhodaràtair do dh’Eaglais na h-Alba ann an ochd ceud deug, trithead ’s a sia (1836).
Bha e math math mar shearmonaiche, gu h-àraidh ann an Gàidhlig, agus choisinn e cliù dha fhèin ann an Èirinn, far an d’ rachadh e bho àm gu àm. Bha Gàidhlig
na h-Èireann aige gu fileanta, agus chruthaich e fhèin is fear Èireannach, eatarra, leabhar de shailm ann an Gaeilge airson Eaglais na h-Èireann.
Ach tha e air a chuimhneachadh an-diugh gu seachd àraidh airson dà rud – an obair a rinn e airson na Gàidhlig ann an Alba, agus na rinn e às leth nan
daoine bochda air a’ Ghàidhealtachd. ’S ann air sgàth sin a chuireadh am frith-ainm air “Caraid nan Gàidheal”. Tha an teacs airson òraid a thug e seachad
turas ann an Lunnainn fhathast againn, agus tha e a’ togail dealbh dhuinn dhen dòrainn a bha a’ bualadh air an t-sluagh aig an àm. Sluagh gun obair, gun
airgead is, ann an cuid de dh’àiteachan, gun bhiadh. Bha Tormod MacLeòid ag iarraidh an cuideachadh.
Agus bha e na shàr-Ghàidheal. Thòisich e iris Ghàidhlig, an Teachdaire Gaelach, ann an ochd ceud deug is naoi ar fhichead (1829). Bha i làn artaigilean mu
dheidhinn cuspairean cho farsaing ri eachdraidh, poilitigs an latha, cruinn-eòlas, saidheans is creideamh. Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha do mhair an
Teachdaire ach dà bhliadhna.
Dh’fheuch e a-rithist le iris eile, Cuairtear nan Gleann, ann an ochd ceud deug is ceathrad (1840) ach mhair sin dìreach trì bliadhna. Anns an eadar-ama,
ge-tà, rinn e obair air faclair agus air grunn leabhraichean eile. Agus bha e an sàs ann a bhith a’ brosnachadh Eaglais na h-Alba gus barrachd a dhèanamh
airson foghlam nan Gàidheal.
Ach dè mu dheidhinn “Soraidh Slàn le Fionnairigh”? Carson a thuirt mi nach b’ e Tormod MacLeòid fhèin a bha buileach air a sgrìobhadh? Bha mi a’
ciallachadh gun do sgrìobh e ann am Beurla e, mar “Farewell to Fiunary” agus gur e Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich a dh’eadar-theangaich gu Gàidhlig e. Ach
chanainn gum biodh Tormod MacLeòid toilichte gu bheil an t-òran nas ainmeile an-diugh anns a’ chànan aige fhèin dhan do rinn e uiread o chionn còrr is ceud
gu leth bliadhna.