Bha mi ag innse dhuibh mun Bhrataich Shìth no Fairy Flag aig Clann
ʼic Leòid. Tha i ann an Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach.
Tha trì stòiridhean eile ann mun bhrataich agus mar a thàinig i gu bhith
cho cudromach do Chloinn ʼic Leòid.
Bha fear MacDhiarmaid, a bha na threabhaiche. Thug sìthiche bogsa dha
airson a’ chinn-chinnidh. Thug an treabhaiche am bogsa a Chaisteal Dhùn
Bheagain. Bha a’ Bhean-uasal NicLeòid air bhioran faighinn
a-mach dè bha am broinn a’ bhogsa. Bha a’ bhean-uasal an dùil leanabh aa
bhith aice an ceann ùine gun a bhith fada. Ach, nuair a thug i sùil air a’
bhrataich, ʼs ann a ghabh i eagal a beatha agus thòisich an spàirn-bhreith
sa mhionaid! Agus nochd an leanabh goirid an dèidh sin. A rèir aithris,
thachair an aon rud do na beathaichean gu lèir ann an dùthaich MhicLeòid –
na bà, na làirichean, na caoraich agus na mucan. Bha breith gu leòr a’ dol
an latha sin!
Tha stòiridh eile ann mun bhrataich. Oidhche a bha seo, bha cuirm mhòr ann
an Caisteal Dhùn Bheagain. Bha tè-altraim a’ cumail sùil air mac òg a’
chinn-chinnidh fhad ʼs a bha càch ri hòro-gheallaidh. Chuir i an leanabh na
chreathail anns an t-seòmar aige anns a’ phìos dhen chaisteal ris an canar
Tùr nan Sìthichean no Fairy Tower. Bha e na chadal agus dh’fhalbh
an tè-altraim a ghabhail pàirt anns a’ chuirm ann an daingneach a’
chaisteil.
Fhad ʼs a bha i air falbh, dh’fhàs an gille an-fhoiseil. Bhreab e a phlaide
dheth agus bha e a’ fàs fuar. Thàinig sìthiche airson cobhair a dhèanamh
air. Chuir e seàla shìoda timcheall a’ ghille. Nuair a thill an nighean don
t-seòmar, thog i an gille, fhathast leis an t-seàla timcheall air, agus
dh’fhalbh i don chuirm leis. Tuigidh sibh gum b’ i an t-seàla a’ Bhratach
Shìth. Nuair a chaidh an dithis a-steach far an robh càch,
lìonadh an seòmar le guthan shìthichean, ged nach fhaicte iad, agus iad a’
seinn tàladh sònraichte.
Agus tha aon stòiridh eile ann. Uair a bha seo, phòs ceann-cinnidh nan
Leòdach bean-shìth. Bha iad a’ fuireach còmhla ann an tìr nan sìthichean.
Bha an Leòdach ag iarraidh tilleadh do a mhuinntir fhèin. Leig iad soraidh
le chèile aig an drochaid tarsainn an uillt aig Beul-atha nan Trì Allt.
Canaidh daoine Fairy Bridge rithe ann am Beurla.
Thug a’ bhean-shìth a’ Bhratach Shìth don cheann-chinnidh. Thuirt i ris,
nam biodh e ann an èiginn aig àm catha, nach leigeadh e leas ach a’
bhratach a thoirt a-mach agus a crathadh. Agus bhiodh buaidh aige. Ach thug
i rabhadh dha nach obraicheadh i ach trì tursan.
A rèir muinntir a’ Chaisteil, chrath an ceann-cinnidh a’ Bhratach Shìth dà
thuras ann an cath nuair a bha na Leòdaich ann an èiginn. Gach turas bha
buaidh aca.
Agus ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a naoi (1939) bha teine anns a’
Chaisteal. Bha a’ ghaoth àrd agus bha cunnart ann gum biodh an caisteal air
a sgrios. Ach, nuair a thugadh a’ Bhratach a-mach às a’ chaisteal, ʼs ann a
shocraich a’ ghaoth agus chaidh an caisteal a shàbhaladh! Mas breug bhuam
e, ʼs breug thugam e!