O chionn grunn bhliadhnaichean, ann an Litrichean còig ceud ochdad ʼs a
h-ochd (588) agus ochdad ʼs a naoi (589), dh’inns mi dhuibh mun Bhrataich
Shìth no Fairy Flag aig Clann ʼic Leòid. Tha i gu math sònraichte,
agus tha i air Clann ʼic Leòid a chumail sàbhailte.
Nise, feumaidh mi seo aideachadh dhuibh – agus nàire orm – cha robh mi air
a’ bhratach fhaicinn gu o chionn ghoirid nuair a chaidh mi timcheall
Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach. Chan eil mi cinnteach
carson a thug e cho fada dhomh a dhol ann ach, co-dhiù, choilean mi sin
am-bliadhna. Agus chòrd mo thuras rium.
Cha chanainn gun robh a’ bhratach cho brèagha ʼs a bha mi an dùil. Gu
dearbh tha i ann an droch staid, le tuill gu leòr innte. Ach tha i fhathast
gu math cumhachdach, co-dhiù ann an inntinn Leòdach air feadh an
t-saoghail.
Tha mi ag ràdh ‘i’ oir, dhòmhsa, tha am facal ‘bratach’ boireanta. Mar sin,
ʼs e ‘A’ Bhratach Shìth’ a chanainn rithe, agus ʼs e sin a th’ anns na
faclairean. Ach tha muinntir a’ chaisteil a’ gabhail ‘Am Bratach Sìth’
oirre, anns na leabhraichean is soidhnichean, mar gu bheil am facal bratach fireanta. ʼS dòcha gu bheil ann an dualchainnt Dhùn
Bheagain, no ʼs dòcha gur e mearachd a th’ ann. Ma tha Gàidhlig na sgìre
agaibh fhèin, bhiodh e math cluinntinn bhuaibh air a’ chuspair sin.
Co-dhiù, bha e math a’ bhratach fhaicinn. Tha coltas annasach, iongantach
oirre. Tha eòlaichean clò ag innse dhuinn gun deach a dèanamh ann an Siria
no Eilean Rhodes anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosda. Tha i air a
dèanamh de shìoda.
Thug an seachdamh ceann-cinnidh Leòdach air fhichead a’
bhratach a Lunnainn turas airson obair-glèidhidh a dhèanamh oirre. Ann an
Taigh-tasgaidh a V and A, thug eòlaiche sùil gheur oirre. Thuirt
esan gun robh e dhen bheachd gum buineadh i don Ear-mheadhanach agus gur
dòcha gur i a’ bhratach a thug an Rìgh Lochlannach, Harald Hadrada,
dhachaigh leis, an dèidh dha a bhith ri spùinneadh thall anns na
dùthchannan sin.
‘Ist,’ fhreagair an ceann-cinnidh Leòdach, ‘’s dòcha gun creid thu fhèin
sin, ach tha fios agams’ gun deach a toirt do mo shinnsirean leis na
sìthichean.’
‘A, uill,’ thuirt an t-eòlaiche, ‘ ’s ann agads’ a tha fios nas fheàrr na th’ agams’!’
Ach ciamar a fhuair na Leòdaich a’ bhratach bho na sìthichean? Uill, tha
ceithir diofar stòiridhean air an toirt seachad ann an Caisteal Dhùn
Bheagain. Anns a’ chiad dol a-mach, thathar ag innse mu thuras a chaidh an
ceann-cinnidh a-null don Tìr Naoimh mar phàirt de Chogaidhean na Croise.
Thachair e ri aonaran a bha a’ fuireach ann am bealach anns na beanntan.
Thug an t-aonaran rabhadh dha gun robh spiorad boireann olc a’ fuireach air
mullach a’ bhealaich. Bhiodh i a’ marbhadh duine sam bith a bha na fhìor
chreidmheach. Chan fhaigheadh duine seachad mura robh pìos dhen fhìor
chrann-cheusaidh aca.
Uill, cha do ghabh an Leòdach ri sin. Mharbh e an spiorad. Mus do chaochail
i, dh’iarr i air an clò a bha timcheall a meadhain mar chrios a thoirt
leis, agus bratach a dhèanamh dheth. Agus ’s e sin a’ Bhratach Shìth. Ach
tha stòiridhean eile ann mu a deidhinn, agus innsidh mi iad sin dhuibh
an-ath-sheachdain.