FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tòimhseachain (3)

An t-seachdain ’s a chaidh, thug mi tòimhseachan dhuibh. Agus

Audio is playing in pop-over.

Tòimhseachain (3)

An t-seachdain sa chaidh, thug mi tòimhseachan dhuibh. Agus seo e a-rithist: "Is truagh an fheadhainn aig a bheil iad. Is truagh an fheadhainn aig nach eil iad. Cò iad?" ’S e an fhreagairt - clann. Is truagh an fheadhainn aig a bheil clann, agus is truagh an fheadhainn aig nach eil clann! Uill, tha sin a rèir an tòimhseachain co-dhiù. Mar phàrant, chan eil beachd sam bith agamsa air a’ chùis!

Bidh tòimhseachain a’ còrdadh rium, agus tha mi an dòchas gu bheil sibh fhèin a’ faighinn tlachd asta. Ach chan eil mi idir cho dèidheil orra ri fear a chunnaic mi ann am fiolm an latha roimhe. ’S e a bh’ ann dotair Gearmailteach, an Dotair Lessing, agus bha e uabhasach dèidheil air tòimhseachain. Bhiodh e a’ cur seachad oidhcheannan, gun chadal, agus e a’ feuchainn ri fuasglaidhean fhaighinn airson feadhainn dhoirbh.

Ged a bha an Dotair Lessing Gearmailteach, bha am fiolm fhèin air a dhèanamh anns an Eadailt. Bha e ann an Eadailtis, le fo-thiotalan ann am Beurla, agus ’s e an t-ainm a bh’ air “La Vita è Bella”. Tha sin a’ ciallachadh, “Tha a’ Bheatha Brèagha”. ’S e fiolm air leth math a bh’ ann, air a stiùireadh le Roberto Benigni.

Anns a fiolm bha an tòimhseachan seo: “Can m’ ainm agus chan eil mi ann tuilleadh. Cò mi?” Can m’ ainm agus chan eil mi ann tuilleadh. Cò mi? Agus ’s e an fhreagairt – tosd. Ma chanas sibh am facal “tosd”, chan eil tosd ann.

Chaidh na Gàidheil a thosdachadh ann an iomadach àite ann an Alba far am b’ àbhaist don chànan aca a bhith làidir. Ach, far a bheil dualchas Gàidhealach aig sgìre, is far a bheil na h-ainmean-àite ann an Gàidhlig, is far a bheil cothrom aig clann Gàidhlig ionnsachadh anns an sgoil, chan eil iad buileach tosdach.

Tha Bàideanach is Srath Spè rudeigin mar sin. Tha aonad Gàidhlig ann am Bail’ Ur an t-Slèibh, is tha mòran dhen bheachd gu bheil an t-àm ann an cànan a phiobrachadh gu mòr anns an sgìre, gu h-àraidh an cois na pàirce nàiseanta a tha gu bhith sa Mhonadh Ruadh an ceann ùine nach bi fada.

Chuala mi clàr o chionn ghoirid de dhaoine à Srath Spè a’ bruidhinn ann an Gàidhlig agus bha e air leth inntinneach. Bha aon phìos dhen chòmhradh mu mhaigheach bhàn, neo geàrr bhàn, mar a thuirt iad fhèin. Tha iad bàn anns a’ gheamhradh leis gu bheil an dath gam falachadh anns an t-sneachd a tha a’ còmhdachadh nam beann.

Bha e an aghaidh an lagh geàrr a mharbhadh, agus bhiodh na geamairean gu math trom air poidsearan. Ach bu choma leis na balaich sin. Bha biadh gann agus ghlac iad geàrr. Chuir iad ann am poit air an teine i mus deach iad a-mach a dh’obair. Bhiodh i deiseil airson an diathaid nuair a thigeadh iad dhachaigh aig meadhan-latha.

Ach nuair a thill iad, cò bha nan cois ach an geamair?! Agus cha b’ urrainn dhaibh faighinn cuidhteas e. Chan fhaigheadh iad biadh fhad ’s a bha esan a-staigh. An uair sin, chuimhnich fear dhiubh nach bu toigh leis a’ gheamair salchair sam bith. Dh’fheumadh a h-uile nì a bhith glan dha.

Thog e bobhla. “Gabhaidh sinn ar biadh,” thuirt e. “Feumaidh mi am bobhla a ghlanadh, ach chan eil clobhd agam.” Choimhead e air a chù. “Trobhad,” thuirt e ris. Thog e earball molach salach a’ choin, agus ghlan e am bobhla leis. Dh’fhalbh an geamair sa bhad, agus dh’ith na balaich feòil na gearra. Ged a bha am bobhla salach, chòrd an fheòil riutha glan!

Litir 104 Litir 104 Litir 106 Litir 106

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!