FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Càr Albannach anns an Antartaig

Bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn nan carbadan Argyll, a bh’ air an togail ann an Alba o chionn còrr is ceud bliadhna

Audio is playing in pop-over.

Càr Albannach anns an Antartaig

Bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn nan carbadan Argyll, a bh’ air an togail ann an Alba o chionn còrr is ceud bliadhna. Cha b’ e sin an aon chompanaidh Albannach a bha a’ togail chàraichean mun àm sin. Mar eisimpleir, bha an Arrol-Johnston ann. Bha sin air a thogail le Seòras MacIain ann an Glaschu. Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a sia (1896), chaidh càin a chur air Seòras airson a bhith a’ dràibheadh carbad ann am meadhan Ghlaschu. Bha e an aghaidh an lagh an uair sin!

Tha mi airson innse dhuibh mu aon charbad a thog Arrol-Johnston. B’ e sin am fear a thug Ernest Shackleton leis don Antartaig ann an naoi ceud deug ʼs a seachd (1907) air ‘Triall an Nimrod’. B’ e an Nimrod an soitheach-mara aca. ʼS e mo thuigse gum b’ e càr Albannach a’ chiad chàr riamh a chuir a chuibhlichean air sneachd na h-Antartaig. Ma tha sibh airson dealbhan fhaicinn dheth, gheibh sibh sin air an eadar-lìon.

Chan e càr àbhaisteach a bh’ ann. Bha einnsean ceithir-siolandair aige, a bha a’ dèanamh suas ri còig horsepower deug. Ach, eucoltach ris a’ chuid as motha de charbadan, bha an t-einnsean air fhionnarachadh le èadhar, seach uisge. Bha e air a bhith do-dhèanta rèididheatar làn uisge a chumail bho bhith a’ reothadh ann am fuachd na h-Antartaig.

Chaidh seacaid a thogail timcheall a’ chàrbradair. Chaidh na gasaichean traoghaidh à aon siolandair a chur tron t-seacaid airson an càrbradair a bhlàthachadh. Chaidh na gasaichean bho na siolandairean eile a chur tro chiùineadair-fuaim a bha cuideachd na theasadair-coise don dràibhear.

Thug an sgioba aig Shackleton ola shònraichte leotha nach biodh a’ reothadh. Thug iad tòrr phàirtean spèir aca, agus grunn seòrsaichean chuibhlichean.

Ach saoil an robh an carbad soirbheachail? Airson an fhìrinn innse, cha robh. Anns a’ chiad dol a-mach, bha e ro throm. Thug iad a h-uile rud dheth ach a-mhàin a chassis agus aon suidheachan airson an dràibheir. Bha iad ag iarraidh a chur gu feum dìreach airson slaodan a bha làn bathair a tharraing air an deigh. Ach, eadhon airson sin, cho luath ʼs a bha sneachd bog ann, bhiodh na cuibhlichean a’ dol an sàs ann.

Bha pàirtean dhen charbad a’ reothadh agus bha na daoine a’ cur seachad mòran ùine ag obair air. A bharrachd air sin, agus a dh’aindeoin fuachd na h-àrainneachd, bhiodh einnsean a’ chàir uaireannan a’ fàs ro theth!

Ach dh’ionnsaich daoine gu leòr bhon Arrol-Johnston sin. Thuig iad gum biodh tragaichean, seach cuibhlichean, riatanach air carbadan dhen t-seòrsa sin anns an Antartaig. Agus bha tragaichean air na carbadan a thug Raibeart F Scott leis air a thriall Antartaigeach ann an naoi ceud deug ʼs a deich (1910).

Cha robh Shackleton soirbheachail ann a bhith a’ ruigsinn a’ Phòla a Deas. Ach chuir e buidheann gu mullach Beinn Erebus – a’ chiad fheadhainn a bha riamh an sin. Agus chaidh feadhainn na b’ fhaide deas na buidheann sam bith romhpa – taobh a-staigh ceud mìle bhon Phòla.

Ràinig buidheann eile aige am Pòla Magnaiteach a Deas cuideachd. Mar sin, bha an triall soirbheachail ann an iomadach dòigh. Nuair a dh’fhalbh an Nimrod airson tilleadh gu Sealainn Nuadh aig deireadh gnothaich, bha an Arrol-Johnston air bòrd. Dè thachair dha? Gu mì-fhortanach, chan eil càil a dh’fhios a’m.

Litir 1022 Litir 1022 Litir 1024 Litir 1024

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!