Tha mi a’ dol a chur crìoch air mo chunntas mu Fhearchar a’ Ghunna. ʼS e falbhanach a bh’ 
   ann, ach bha deagh bheachd aige air fhèin. Ged nach robh
    Beurla aige, bhiodh e a’ dol gu seirbheisean Beurla ann an Eaglais Chill
    Iùrnain anns a’ Chaisteal Ruadh. Dh’fhaighnich am ministear dheth carson a
    bha e a’ dol ann.
‘Tha mi a’ feuchainn ri bhith mar mo choimeas inbhe,    daoine-uasal na dùthaich,’ fhreagair Fearchar. ‘Chan eil
    mòr-chùis ann a bhith a’ dol a chluinntinn searmon Gàidhlig a th’ air
    èisteachd le sluagh cumanta a-mhàin!’
    ʼS e duine doirbh a bh’ ann am Fearchar aig amannan. Turas a bha seo, leig
    boireannach leis oidhche a chur seachad anns a’ chidsin aice. Ach bha muc
    cuideachd anns a’ chidsin. Ann am meadhan na h-oidhche, thòisich a’ mhuc
    air ùidh a ghabhail ann agus bha Fearchar air a thàmailteachadh gun robh i
    a’ toirt pòg dha. Mharbh e a’ mhuc sa spot.
    Bha e a’ gabhail dragh gun robh daoine a’ briseadh a-steach don bhothan
    aige, agus an doras gun ghlas air. Bha iarann speala aig Fearchar os cionn
    an dorais. Nam biodh duine a’ dol a-steach gun chùram, bhiodh an t-iarann
    a’ tuiteam air mar ghuillotine!
    Bhiodh e cuideachd a’ fàgail phrìnichean anns an talamh air beulaibh doras
    a bhothain, leis na dealgan a’ stobadh suas. Bha sin airson stad a chur air
    feadhainn a bha a’ cur dragh air, agus a bha a’ coiseachd ann casruisgte.
    Bha Fearchar ainmeil airson a chuid eirmseachd. Thuirt fear òg anns an
    Eilean Dubh ris gun cuireadh e ceist air dha nach biodh freagairt aige.
    Thàinig iad cruinn còmhla air beulaibh mòran dhaoine. Chuir am fear òg a’
    cheist – ‘Dè an dath a th’ air falt Shàtain?’
    Gun dàil sam bith, fhreagair Fearchar, ‘A bheil thu cho fad ann an
    seirbheis Shàtain agus nach eil eòlas agad air dath falt do mhaighstir?!’
    Rinn a h-uile duine gàire.
    Latha a bha seo, thachair Fearchar ri ministear air an rathad.
    Dh’fhaighnich am ministear dheth an robh fios aige cà’ robh Dia. Fhreagair
    Fearchar sa mhionaid, ‘O, nach tu an t-amadan. Nach inns thu dhòmhsa càite
    nach eil E?’
    ‘Tha thu glè cheart,’ dh’aontaich am ministear. ‘Tha Dia anns a h-uile
    h-àite.’
    ‘O, chan eil mi a’ smuaineachadh gu bheil E anns a h-uile h-àite,’
    fhreagair Fearchar gu dìomhair. Agus dh’fhalbh e.
    Chuala am muillear anns a’ Chaisteal Ruadh mun chòmhradh seo. Nuair a
    chaidh Fearchar a chèilidh air (tha fhios gun robh e iarraidh min-fhlùr),
    chuir am muillear a’ cheist air, ‘An ainmich thu dhomh, Fhearchair, àite
    sam bith far nach eil Dia?’
    ‘Chan eil Dia ann an cridhe an duine neo-iompaichte,’ fhreagair Fearchar.
    Turas eile, bha Fearchar ann am mansa. Dh’fhaighnich am ministear dheth an
    robh am bàs a’ cur eagal air. ‘Chan eil, gu dearbh,’ arsa Fearchar.
    ‘Nach eil càil a’ cur eagal ort?’ thuirt am ministear.
    ‘O tha,’ fhreagair Fearchar. ‘Tha eagal orm ro sin a th’ air taobh eile
    dhen bhàs!’
    Ràinig Fearchar taobh eile a’ bhàis anns an t-Sultain ochd ceud deug,
    seasgad ʼs a h-ochd (1868) ann an Ospadal a’ Chinn a Tuath ann an Inbhir
    Nis. Bha e ochdad ʼs a ceithir. Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Thom na
    h-Iùbhraich ach chan eil clach no leac a’ comharrachadh uaigh.