985: Gràinne agus am Buidseach Glas (3)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Gràinne agus am Buidseach Glas (3)
Bha am Buidseach Glas an tòir air Fionn agus Gràinne nuair a ràinig iad an Abhainn Dearg. Air an taobh thall bha Gleann Eilg agus sàbhailteachd. Bha sruth agus leud na h-aibhne ro mhòr eadhon airson Fionn, a bha math air snàmh. Cha robh fios aca dè dhèanadh iad oir cha robh fiodh sam bith ann airson bàta a thogail. Ach bha leug dhearg aig Gràinne na falt. Nan toireadh Gràinne an leug a-mach, gheibheadh i aon rùn agus bhiodh an draoidheachd air a caitheamh.
Ghabh Gràinne grèim air an lèig na làimh agus dh’iarr i oirre bàta a dhèanamh dhaibh gus am faigheadh i fhèin is Fionn a-null. Nochd bàta air am beulaibh agus dh’fhalbh Gràinne is Fionn innte. Mun àm a ràinig am Buidseach Glas an abhainn bha an cupall ro fhada a-mach.
Thill Fionn is Gràinne a Ghleann Eilg a dh’fhuireach . Bha iad an dùil leanabh a bhith aca agus bha iad gu math sona. Goirid ro latha a bhreith, chaidh iarraidh air Fionn a dhol a thoirt taic do Chlann Mòrna, a bh’ ann an cunnart. Chan ann le deòin Gràinne a dh’fhalbh e, ach bha e air gealltanas a thoirt do Chlann Mòrna gun toireadh e taic dhaibh nam biodh iad ann an cunnart. Agus cha robh Fionn Mac Cumhail a’ dol a dh’àicheadh a bhòidean .
Cha robh e air falbh ach trì latha. Ach, tron ùine sin, nochd am Buidseach Glas a-rithist agus thug e Gràinne air falbh an aghaidh a toil. Nuair a thill Fionn bha Gràinne air falbh. Chuir Fionn a chorrag fo a dheud-fios agus fhuair e a-mach gun deach cruth-atharrachadh a dhèanamh air Gràinne. Bha i a-nise a’ ruith nan coilltean ann an Gleann Afraig ann an cruth èilde – fiadh boireann. Agus cha robh i ruadh no donn. Bha i bàn.
Chaidh dusan bliadhna seachad agus, latha a bha seo, bha iad a’ sealg faisg air doire nuair a dh’fhàs Bran, cù Fhinn, fiadhaich. Cha leigeadh e le cù no duine, ach a-mhàin Fionn, a dhol a-steach am measg nan craobh.
Nuair a chaidh Fionn ann, lorg e gille mu dhusan bliadhn’ a dh’aois. Cha robh cànan sam bith aige ach cànan nam fiadh. Ann am meadhan a bhathais, bha dos de ghaoisidean fèidh far an robh a mhàthair air imlich. Thuig Fionn gum b’ e seo a mhac – agus chuir e an t-ainm Oisean air, a’ ciallachadh ‘fiadh beag’.
Ged a dh’ionnsaich Oisean cànan nan daoine – cànan nan Gàidheal, gu dearbh – cha do dhìochuimhnich e gun do thogadh e am measg nam fiadh. Turas a bha seo, bha e air Eilean Fladaigh agus bha a chompanaich ag ithe sitheann. Cha robh Oisean deònach an fheòil ithe. ‘Nach ith thu an fheòil?’ thuirt iad.
‘An itheadh sibhse calpa ur màthar?’ dh’fhaighnich Oisean dhiubh.
Nuair a chaochail Gràinne, leig am Buidseach Glas le Oisean dhol gu Tìr an Dorchadais airson dust a mhàthar a thoirt dhachaigh. Bha i a-nise ann an cruth caillich. Thog na Fianna àite-tiodhlacaidh dhi air mullach beinne faisg air Gleann Eilg, air taobh an Eilein Sgitheanaich dhen chaolas. ʼS e Beinn na Caillich a chanas sinn ris a’ bheinn sin chun an latha an-diugh. Tha i ainmichte airson Gràinne.
Faclan na Litreach: : Buidseach Glas: Grey Magician; leanabh: baby; doire: copse; Eilean Fladaigh: The Isle of Fladday; àite-tiodhlacaidh: burial place.
Abairtean na Litreach : Air an taobh thall bha Gleann Eilg agus sàbhailteachd: on the far side was Glenelg and safety; bha sruth agus leud na h-aibhne ro mhòr eadhon airson Fionn, a bha math air snàmh: the current and width of the river was too great even for Fionn, who was a good swimmer; bha leug dhearg aig Gràinne na falt: Gràinne had a red jewel in her hair; gheibheadh i aon rùn agus bhiodh an draoidheachd air a caitheamh: she would get one wish and the magic would be used up; dh’iarr i oirre bàta a dhèanamh dhaibh: she asked it to make them a boat; bha an cupall ro fhada a-mach: the couple were too far out; chan ann le deòin Gràinne a dh’fhalbh e: it wasn’t with Gràinne’s assent that he went; bha e air gealltanas a thoirt do: he had promised; an aghaidh a toil:against her will; chuir Fionn a chorrag fo a dheud-fios: Fionn put his finger under his tooth of knowledge; gun deach cruth-atharrachadh a dhèanamh air X: that X was transformed; a’ ruith nan coilltean ann an Gleann Afraig ann an cruth èilde: running the forests in Glen Affric in the form of a hind; chan fhac’ iad eilid bhàn: they didn’t see a white hind; ann am meadhan a bhathais, bha dos de ghaoisidean fèidh far an robh a mhàthair air imlich: in the middle of his forehead, he had a tuft of deer hair where his mother had licked; chuir e an t-ainm Oisean air: he called him Oisean; cha do dhìochuimhnich e gun do thogadh e am measg nam fiadh: he didn’t forget that he was raised among the deer; bha a chompanaich ag ithe sitheann: his companions were eating venison; an itheadh sibhse calpa ur màthar?: would you eat your mother’s shank?; airson dust a mhàthar a thoirt dhachaigh: to take his mother’s remains home.
Puing-chànain na Litreach: Thill Fionn is Gràinne a Ghleann Eilg a dh’fhuireach: Fionn and Gràinne returned to Glenelg to live. This is another way of saying ‘thill iad a dh’fhuireach ann an Gleann Eilg’. Here’s another example: chaidh mi a Ghlaschu a dh’fhuireach nuair a bha mi òg ‘I went to Glasgow to live when I was young.’
Gnathas-cainnt na Litreach: cha robh Fionn Mac Cumhail a’ dol a dh’àicheadh a bhòidean: Fionn Mac Cumhail wasn’t going to deny his pledges.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 681
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn