FaclairDictionary EnglishGàidhlig

915: Creutairean Macmeanmnach a’ Chuain (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Creutairean Macmeanmnach a’ Chuain (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu chreutairean macmeanmnach na mara – an Cìrean Cròin agus an Cionaran-crò. Tha iad – no bha iad – le chèile uabhasach fhèin mòr. Bha iad cho mòr ʼs gun robh iad ag ithe mhucan-mara. Thug mi an rann seo dhuibh|:

Seachd sgadain sàth bradain,

Seachd bradain sàth ròin,

Seachd ròin sàth muc-mhara bheag,

Seachd mucan-mara beaga, sàth muc-mhara mhòr,

Seachd mucan-mara mòra, sàth Cionarain-crò,

Seachd Cionarain-crò, sàth Mial Mhòr a’ Chuain.

Fhuaireadh cunntas dhen Chionaran-crò bho fhear ann an Nis ann an Leòdhas, Aonghas Gunnach. Ged a bha e ochdad ʼs a ceithir bliadhna a dh’aois, bha Aonghas fhathast làidir na cheann ʼs na bhodhaig. Fad ùine mhòr, bha e a’ fuireach ann an Rònaigh, eilean beag anns a’ chuan, tuath air Leòdhas. Bha tòrr sgeulachdan aige. Seo agaibh tè dhiubh.

O chionn fhada, thàinig Naomh Rònan a Leòdhas airson na daoine a thoirt gu Crìosd. Thog e cealla bheag dha fhèin ann an Eòropaidh far am biodh e ag adhradh agus a’ dèanamh ùrnaigh. Ach cha robh ùidh aig na daoine anns an obair aige. Bhiodh na fir a’ connsachadh ri chèile mun a h-uile rud agus bhiodh na mnathan a’ connsachadh ri chèile mu ghnothaichean suarach nach b’ fhiach. Bha Rònan troimhe-chèile agus cha b’ urrainn dha an soisgeul a sgaoileadh no eadhon ùrnaighean a dhèanamh dha fhèin.

Bha e a’ fàs seachd searbh dhen t-suidheachadh agus rinn e ùrnaigh don Tighearna a bhith air a thoirt air falbh bho mhuinntir Eòropaidh. Thàinig aingeal Dhè agus dh’iarr e air Rònan a dhol a-bhàn don laimrig far an robh an Cionaran-crò a’ feitheamh ris. Rinn Rònan air an laimrig na dheann. Cha tug e leis ach ‘pollaire’ – satchel – leis an Leabhar na bhroinn – am Bìoball, tha mi a’ ciallachadh. Agus an sin bha an Cionaran-crò, le a dhà shùil a’ deàrrsadh mar rionnagan anns an iarmailt.

Chaidh Rònan air muin a’ Chionarain-chrò agus dh’fhalbh e leis ag astar thar na mara os cionn nan stuaghan. Ach cha robh mòran stuaghan ann – bha a’ mhuir iongantach ciùin. Ann am priobadh na sùla ràinig an Cionaran-crò Eilean Rònaigh. Aig an àm sin bha an t-eilean làn nathraichean beumnach, ghrìbheanan ìneach agus leomhann beucach. Seadh – ʼs e tèarmann nàdair a bhiodh ann an-diugh, gu cinnteach!

Co-dhiù, cha do mhair na beathaichean annasach sin ann fada. Theich iad ron fhear naomh (gun luaidh air a’ Chionaran-chrò!), agus chaidh iad thar nan creagan chun na mara. ʼS e sin a dh’fhàg gu bheil sgrìoban air na creagan ann an Rònaigh. ʼS iad na creutairean sin a dh’fhàg na sgrìoban len ìnean, agus iad ann an cabhaig teicheadh. Bha an t-eilean a-nise sìtheil agus thog Rònan cealla ann dha fhèin, far am biodh e ag adhradh ann an sìth.

Gu mì-fhortanach, chan eil an stòiridh ag innse dhuinn dè thachair don Chionaran-chrò. Saoilidh mi gun deach e air ais don chuan mhòr. Agus dè mun chreutair eile anns an rann? Seachd Cionarain-crò, sàth Mial Mhòr a’ Chuain. Mo chreach – feumaidh gu bheil Mial Mhòr a’ Chuain iongantach fhèin mòr is làidir is acrach. ʼS dòcha gu bheil e a cheart cho math nach fhaca duine tè dhiubh ann an uisgeachan na h-Alba airson ùine mhòr!

Faclan na Litreach: Aonghas Gunnach: Angus Gunn; Rònaigh: (North) Rona; ùrnaighean: prayers; ciùin: calm.

Abairtean na Litreach: mu chreutairean macmeanmnach na mara: about imaginary maritime creatures; seachd sgadain sàth bradain: seven herring, a feed for a salmon; seachd ròin sàth muc-mara bheag: seven seals, a feed for a small whale; làidir na cheann ʼs na bhodhaig: strong in (his) mind and body; thàinig Naomh Rònan a Leòdhas airson na daoine a thoirt gu Crìosd: St Ronan came to Lewis to bring the people to Christ; thog e cealla bheag dha fhèin ann an Eòropaidh: he built a small cell for himself in Eoropie; bhiodh na mnathan a’ connsachadh ri chèile mu ghnothaichean suarach nach b’ fhiach: the women would argue with each other about trifling matters of no account; cha b’ urrainn dha an soisgeul a sgaoileadh: he couldn’t spread the gospel; rinn e ùrnaigh don Tighearna: he prayed to the Lord; le a dhà shùil a’ deàrrsadh mar rionnagan anns an iarmailt: with its two eyes shining like stars in the heavens; thar na mara os cionn nan stuaghan: across the sea above the waves; ann am priobadh na sùla: in the wink of an eye; làn nathraichean beumnach, ghrìbheanan ìneach agus leomhann beucach: full of damaging snakes, clawed griffons and roaring lions; ʼs e tèarmann nàdair a bhiodh ann an-diugh: it would be a nature reserve today; cha do mhair na beathaichean annasach sin ann fada: those unusual animals didn’t last long there; theich iad ron fhear naomh: they fled before the holy man; a dh’fhàg na sgrìoban len ìnean: who left the scratches with their claws; ann an cabhaig teicheadh: in a hurry to flee; feumaidh gu bheil Mial Mhòr a’ Chuain iongantach fhèin mòr: the Great Leviathan of the Ocean must be incredibly big.

Puing-chànain na Litreach: a-bhàn don laimrig : down to the landing place (perhaps a natural rock, or a constructed jetty). You won’t hear a-bhàn so commonly today but it is a notable feature of Gaelic in a number of mainland dialects. It involves motion. You can’t be a-bhàn, but you can move a-bhàn. Thèid mi a-bhàn don bhaile feasgar ‘I’ll go down to the village this afternoon’. It usually refers to altitude of position, but can also be used figuratively eg chaidh an cùr a chur a-bhàn ‘the dog was put down’ although this idiom is likely to have its origins in English.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ fàs seachd searbh dhen t-suidheachadh: getting fed up of, disenchanted with, the situation.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 611

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean