FaclairDictionary EnglishGàidhlig

845: Srath Àrdail (4)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Srath Àrdail (4)

Gaelic Gàidhlig

Mus fhàg sinn Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt tha mi airson innse dhuibh mu chath eadar fineachan a tha ainmeil ann an eachdraidh na Gàidhealtachd. Tha e a’ toirt a-steach Srath Àrdail agus Inbhir Nis.

Thachair e anns a’ cheathramh linn deug, ann an trì cheud deug, trithead ’s a trì (1333). Bha buidheann de Rothaich à taobh sear Rois a’ tilleadh dhachaigh, an dèidh dhaibh a bhith ann an Dùn Èideann. Bha iad a’ siubhal tro Shrath Àrdail agus Gleann Feàrnaid.

Champaich iad airson na h-oidhche ach cha do dh’iarr iad cead bhon uachdaran. Ghabh muinntir an àite air an t-sròin e. Thàinig iad air an oidhche agus gheàrr iad na h-earbaill far eich nan Rothach. Chun an latha an-diugh, ’s e Dail nan Earball a th’ air an àite, ged nach fhaicear sin air mapaichean an OS.

Bha na Rothaich air an uabhasachadh. Chuir an ceann-cinnidh feachd ri chèile de thrì cheud gu leth duine. Thill iad gu Srath Àrdail agus rinn iad sgrios. Mharbh iad mòran daoine agus thug iad air falbh an crodh gu lèir. ’S ann às an tachartas seo a thàinig an seanfhacal Àrdalach ‘ Cha tàinig nì math riamh on tuath, ach a’ ghaoth fhuar as t-fhoghar’.

Cha deach cùisean cho math sin do na Rothaich, ge-tà. Air an rathad dhachaigh, chaidh iad tron Mhòigh, dùthaich Mhic an Tòisich. Dh’iarr Mac an Tòisich pàirt dhen chreich – ‘staoig creich’ mar a chanadh iad aig an àm. Thabhainn an Rothach cuibhreann dhith ach bha Mac an Tòisich ag iarraidh leth dhith.

Dhiùlt na Rothaich sin agus lean iad air an slighe gun dad a thoirt seachad. Bha Mac an Tòisich feargach agus chuir e feachd ri chèile. Chaidh na Rothaich tro Inbhir Nis. Bha iad air an rathad don Mhanachainn agus ceann Poll an Ròid nuair a fhuair Clann ’ic an Tòisich grèim orra aig Clach na h-Aithrigh.

Chuir an Rothach an leth-chuid de na daoine aige dhachaigh leis an fheudail. Thionndaidh càch airson cath a chur ri Clann ’ic an Tòisich. Bha bàs uabhasach ann. Bha ceann-cinnidh nan Rothach air a dhroch leòn agus chaill Mac an Tòisich a bheatha. Tha an cath sin fhathast ann an cuimhne nan daoine ann an Inbhir Nis.

Ged nach eil Dail nan Earball, far an do thòisich an sgeul seo, comharraichte air na mapaichean, tha fios againn far a bheil e. Faodaidh sinn a bhith taingeil airson sin do Theàrlach MacFhearghais à Srath Àrdail, a sgrìobh mu dheidhinn airson Comunn Gàidhlig Inbhir Nis.

Tha Teàrlach ag innse dhuinn gun do bhruidhinn e ri seann daoine anns an sgìre, feuch faighinn a-mach cà’ robh Dail nan Earball. Airson aon bhliadhn’ deug, dh’fhàilnich air agus bha e an amharas gun robh an t-eòlas sin air chall.

An uair sin, fhuair e litir bhon t-seann mhaighstir-sgoile aige ann an Cill Mhìcheil, fear Moireasdan. Dh’inns am Moireasdanach dha gun robh e air a bhith a’ bruidhinn ri bodach, Raibeart Fleming ann an Gleann Sìth. Bha Fleming a’ fuireach ann an Gleann Feàrnaid nuair a bha e òg. Bha e eòlach air Dail nan Earball.

Tha e gu tuath air a’ Chreig Loisgte, air bruach tuath Allt Feàrnach aig bonn tom cruinn, agus le alltan beag a’ lùbadh troimhe. Leis an fhiosrachadh sin fhathast beò, tha ar stòiridh slàn.

Faclan na Litreach: Srath Àrdail: Strathardle; Siorrachd Pheairt: Perthshire; Gleann Feàrnaid: Glen Fernate; Clach na h-Aithrigh: Clachnaharry; Teàrlach MacFhearghais: Charles Fergusson.

Abairtean na Litreach: cath eadar fineachan: a battle between clans; tha e a’ toirt a-steach: it takes in; anns a’ cheathramh linn deug:in the fourteenth century; Rothaich à taobh sear Rois: Munros from Easter Ross; an dèidh dhaibh a bhith ann an Dùn Èideann:after they had been in Edinburgh; champaich iad airson na h-oidhche ach cha do dh’iarr iad cead bhon uachdaran:they camped for the night but they didn’t seek permission from the landlord; ghabh muinntir an àite air an t-sròin e: the local people were upset by it; gheàrr iad na h-earbaill far eich nan Rothach: they cut the tails from the Munros’ horses; ged nach fhaicear sin: although that is not seen; bha na Rothaich air an uabhasachadh: the Munros were disgusted; thug iad air falbh an crodh gu lèir: they took away all the cattle; chaidh iad tron Mhòigh: they went through Moy; thabhainn an Rothach cuibhreann dhith: Munro offered a portion of it; bha Mac an Tòisich ag iarraidh leth dhith: The Mackintosh wanted half of it; lean iad air an slighe gun dad a thoirt seachad: they continued on the way without giving anything away; air an rathad don Mhanachainn agus ceann Poll an Ròid:on the way to Beauly and the head of the Beauly Firth; chuir an Rothach an leth-chuid de na daoine aige dhachaigh leis an fheudail:The Munro sent half of his men home with the booty; thionndaidh càch airson cath a chur: the others turned to fight; air a dhroch leòn: badly wounded; airson aon bhliadhn’ deug, dh’fhàilnich air: for eleven years, he failed; litir bhon t-seann mhaighstir-sgoile aige ann an Cill Mhìcheil: a letter from his old schoolmaster in Kirkmichael; aig bonn tom cruinn: at the base of a round hillock; le alltan beag a’ lùbadh troimhe: with a small stream bending through it; tha ar stòiridh slàn: our story is complete.

Puing-chànain na Litreach: Dail nan Earball: ‘the field of the tails’. The Gaelic word for ‘tail’ is an interesting one. It appears to arise from two roots – eàrr ‘end’, perhaps related to air ‘after’, and ball ‘organ’. The ‘terminal organ’ – pretty much sums it up!

Seanfhacal na Litreach: Cha tàinig nì math riamh on tuath, ach a’ ghaoth fhuar as t-fhoghar: nothing good ever came from the north, except a cold wind at harvest time.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 541

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean