FaclairDictionary EnglishGàidhlig

786: Fionnlagh MacRath agus Gleann Afraig

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Fionnlagh MacRath agus Gleann Afraig

Gaelic Gàidhlig

Bidh a roghainn fhèin aig gach duine air a’ ghleann as brèagha ann an Alba. B’ e roghainn Fhionnlaigh MhicRath nach maireann – Gleann Afraig. Chaochail Fionnlagh o chionn beagan sheachdainean. Le a bhàs dh’fhalbh ceangal sònraichte a bh’ againn le gleidheadh na coille anns a’ ghleann sin. Tha feadhainn eile air an obair a thòisich Fionnlagh a ghabhail os làimh. Tha iad air a leudachadh, agus a’ choille leatha. Ach bha Fionnlagh ann aig an toiseach.

Bha mi riamh dhen bheachd gun robh coille ghiuthais na h-Alba coltach ris a’ Ghàidhlig. Uaireigin bha i sgapte air feadh earrann mhòr dhen dùthaich. Anns an fhicheadamh linn, bha i air a lughdachadh cho fada ’s gun robh i ann an cunnart a dhol à bith. Thòisich mac-an-duine air a dìon, agus tha i air a dhol am meud bhon uair sin. ’S e modail a th’ ann airson aiseirigh na Gàidhlig.

Chuala mi mu Fhionnlagh MacRath anns na seachdadan nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia. ’S e Sgitheanach a bh’ ann, à Port Rìgh, agus bha Gàidhlig aige. Shaoil mi gum biodh e inntinneach coinneachadh ris latha brèagha air choreigin.

Thàinig an cothrom nuair a bha mi ag obair aig Radio nan Gàidheal, tràth sna naochadan. Bha mi airson prògram aithriseil a dhèanamh mu ghlèidheadh na coille dùthchasaich ann an Gleann Afraig. Bha mi air leth toilichte nuair a dh’aontaich Fionnlagh a bhith anns a’ phrògram.

Choinnich sinn air latha brèagha samhraidh agus thug e mi timcheall nan àiteachan far an do rinn e oidhirp, aig toiseach nan seasgadan, a’ choille nàdarrach a dhìon. Bha Fionnlagh air thoiseach air càch. Cha robh e a’ tomhas na coille a-mhàin a rèir na thigeadh aiste de dh’fhiodh. Bha e a’ tuigsinn gun robh a’ choille ghiuthais cho gann, agus cho prìseil, ’s gun robh e mar uallach air Coimisean na Coilltearachd a bhith ga dìon ann an Gleann Afraig.Mo bheannachd air.

Abair an spòrs a bh’ againn an latha sin. Thug Fionnlagh a chù – labrador mòr bàn – leis. Aig toiseach an latha, dh’fhosgail Fionnlagh tiona sardines agus thug e sin mar bhiadh don chù. Agus, airson a’ chòrr dhen latha, cha b’ urrainn dhuinn dhol faisg air a’ chù oir bha e a’ brùchdail s a’ bramadaich, agus samh sgriosail an èisg a’ tighinn bhuaithe aig an dà cheann dheth! Nuair a bha e sa chàr cuide rinn, b’ fheudar dhuinn na h-uinneagan a chumail làn fhosgailte. Gu fortanach, bha i teth agus cha robh sgeul air a’ mheanbh-chuileig.

Thug Fionnlagh a phìob-mhòr leis. Bha e ealanta air a’ phìob agus bha e air port a sgrìobhadh a bha air leth fonnmhor – Fàgail Ghleann Afraig. Chlàr mi e a’ seinn a’ phuirt sin, ann am meadhan na coille. Bha rudeigin air leth mu na beagan mhionaidean sin cuide ri Fionnlagh nuair a thàinig duine, ceòl is àite còmhla.

Agus cànan. ‘Tha a’ choille coltach ris a’ Ghàidhlig,’ thuirt Fionnlagh, a’ cur an cèill nan dearbh smuaintean a bh’ agam fhìn. ‘Feumaidh sinn oidhirp a dhèanamh airson a glèidheadh ach ’s fhiach e. Oir cò sinn às aonais ar coille agus cò sinn às aonais ar cànain?’ Bha e na thlachd agus na urram dhomh an latha sin a chur seachad cuide ri Fionnlagh ann an Gleann Afraig nan craobh.

Faclan na Litreach: coille ghiuthais: pine wood(s) [can be used collectively]; na seachdadan: the seventies; dùthchasach: native, indigenous; ealanta: skilful; fonnmhor: tuneful.

Abairtean na Litreach: B’ e roghainn Fhionnlaigh MhicRath nach maireann – Gleann Afraig: the choice of the late Finlay MacRae was Glen Affric; chaochail Fionnlagh o chionn beagan sheachdainean: Finlay passed away a few weeks ago; le a bhàs dh’fhalbh ceangal sònraichte a bh’ againn le gleidheadh na coille: with his death a special link we had to the conservation of the forest left us; tha feadhainn eile air an obair a thòisich Fionnlagh a ghabhail os làimh: others have taken over the work Finlay began; sgapte air feadh earrann mhòr dhen dùthaich:scattered throughout a large part of the country; ’s e modail a th’ ann airson aiseirigh na Gàidhlig: it’s a model for the revitalization of Gaelic; latha brèagha air choreigin: some day or other; bha mi airson prògram aithriseil a dhèanamh: I wanted to make a documentary programme; far an do rinn e oidhirp a’ choille nàdarrach a dhìon: where he made an effort to protect the natural forest; air thoiseach air càch: ahead of the field; a’ tomhas na coille a-mhàin a rèir na thigeadh aiste de dh’fhiodh: measuring the forest solely in terms of what timber could be harvested; gun robh e mar uallach air Coimisean na Coilltearachd: that it was the responsibility of the Forestry Commission; abair an spòrs a bh’ againn: what fun we had; cha b’ urrainn dhuinn dhol faisg air a’ chù: we couldn’t go near the dog; bha e a’ brùchdail s a’ bramadaich: he was burping and farting; samh sgriosail an èisg: the awful smell of the fish; cha robh sgeul air a’ mheanbh-chuileig: there were no midges; a’ seinn a’ phuirt: playing the tune [on the pipes]; a’ cur an cèill nan dearbh smuaintean a bh’ agam fhìn: expressing the same thoughts I had myself; cò sinn às aonais ar cànain?: who are we without our language?; bha e na urram dhomh: it was an honour for me.

Puing-chànain na Litreach: Tha iad air a leudachadh, agus a’ choille leatha: they have expanded it, and the forest with it. Why have I used the feminine form of the third person singular prepositional pronoun, based on ‘le’ ie leatha? The reason is that it refers back to the feminine noun obairin the previous sentence. It is also the feminine possessive pronoun in front of leudachadh – tha iad air a leudachadh lit. ‘they are after her expanding’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bidh a roghainn fhèin aig gach duine : each person will have his own choice

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 482

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean