FaclairDictionary EnglishGàidhlig

760: Murt ann an Srath Spè (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Murt ann an Srath Spè (1)

Gaelic Gàidhlig

Còig bliadhn’ deug airson Poileas a Mharbhadh . B’ e sin an tiotal air pìos-naidheachd air duilleag aghaidh a’ New Zealand Herald air a’ chiad latha dhen Ghiblean anns a’ bliadhna mu dheireadh dhen naoidheamh linn deug. Chan e gogaireachd a bh’ ann, ge-tà. Bha an naidheachd dhuilich mu bhàs a’ Chonstabal King ann an Srath Spè ann an Alba. Feumaidh gur e naidheachd mhòr a bh’ innte. Co-dhiù bha ùidh mhòr aig muinntir na Gàidhealtachd innte.

B’ e am ‘murtair’ fear Ailean MacCaluim. Thogadh Ailean ann an Loch Abar agus bha e cianail measail air poidseadh, ged a bha athair na gheamair. Feumaidh nach robh cùisean rèidh anns an taigh aig amannan!

Nuair a bha e na dhuine òg, dh’fhalbh Ailean a dh’fhuireach ann am Patagonia – slighe a ghabh mòran eile às a’ Ghàidhealtachd. Bha e ann fad seachd bliadhna. Tha dùil gun robh e ri cìobaireachd an sin. ’S dòcha gun robh e anns na h-Eileanan Faclanach cuideachd airson greis.

Timcheall air a’ bhliadhna ochd ceud deug is naochad (1890), thill Ailean a dh’Alba. Bha athair air bàs fhaighinn agus bha a mhàthair air gluasad a Dhrochaid na Cuing-leum ann an Srath Spè. Bha bràthair Ailein – Dòmhnall – ag obair do Ghranndach Rat Mhurchais mar gheamair. Chaidh Ailean a dh’fhuireach aca. Cha b’ fhada gus an robh e air ais na sheann dòighean, a’ poidseadh.

Bha e eòlach air sgìre mhòr eadar am Monadh Ruadh agus Monadh Nibheis, agus rinn e bith-beò à poidseadh. Bha e a’ reic sitheann do luchd-ceannach air feadh na dùthcha. A rèir choltais, bha e ga cur air an trèana ann an Coit Ghartain.

Chan e duine dòigheil a bh’ ann an Ailean. Bhiodh e a’ maoidheadh air geamairean. Agus latha a bha seo, chaidh e fhèin is Dòmhnall a-mach air a chèile gu dubh mun phoidseadh a bha e a’ dèanamh. Mhaoidh Ailean air Dòmhnall. Thuirt Dòmhnall ris gun robh e às a rian. Theich Ailean ach bha dragh air Dòmhnall gur e fòirneart a bha fa-near do dh’Ailean agus dh’inns e do na poilis anns an Aghaidh Mhòir mun ghnothach.

Cho luath ’s a thòisich na poilis air rannsachadh a dhèanamh air Ailean, fhuair iad a-mach gun robh eagal air muinntir an àite roimhe. ’S e fear tapaidh a bh’ ann, làidir na bhodhaig, ceathrad ’s a trì bliadhna a dh’aois agus gun dlùth-charaid ach a-mhàin an cù aige. Bha e cuideachd, mar a bhiodh dùil, fìor sgileil le gunna.

Lean MacCaluim le a phoidseadh. Chaidh a dhìteadh ach cha do nochd e sa chùirt. Chaidh binn a chur air – càin còig sgillinn a phàigheadh no seachd latha sa phrìosan. Chaidh iarraidh air poileas à Drochaid Neithich a dhol thuige, airson an t-airgead iarraidh. B’ esan an Constabal Tòmas King. Bha e àrd, foghainteach agus pòsta le ochdnar cloinne. Fhuair e taic bho phoileas eile, Iain MacGilleNaoimh.

Bha Ailean MacCaluim a-nise a’ fuireach ann an taigh beag dà-sheòmrach aig tè Marsaili Nic a’ Phearsain, Marsaili Dhubh mar a chante rithe, ann am Baile Mhuilinn an Tulaich ann an Obar Neithich. Chaidh na poilis don taigh.

‘Hai, MhicCaluim!’ dh’èigh iad.

‘Dè tha sibh ag iarraidh?’ dh’èigh MacCaluim air ais.

Chaidh na poilis a-steach don taigh, MacGilleNaoimh don t-seòmar-chadail agus King don chidsin. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair sin anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: murtair: murderer; Ailean MacCaluim: Allan Macallum; cìobaireachd: shepherding; Na h-Eileanan Faclanach:The Falkland Islands; Drochaid na Cuing-leum: Coylumbridge (‘the bridge of the narrow leap’); sitheann: venison; Coit Ghartain: Boat of Garten; a’ maoidheadh air: threatening; Drochaid Neithich: Nethy Bridge; foghainteach: powerful; Iain MacGilleNaoimh: John MacNiven; dà-sheòmrach: two-roomed.

Abairtean na Litreach: Còig bliadhn’ deug airson Poileas a Mharbhadh: fifteen years for killing a policeman; pìos-naidheachd air duilleag aghaidh:a news item on [the] front page; gogaireachd: April fool’s matter; naidheachd dhuilich mu bhàs a’ Chonstabal King:sad news about the death of Constable King; bha ùidh mhòr aig muinntir na Gàidhealtachd innte:the people of the Highlands were very interested in it; bha e cianail measail air poidseadh, ged a bha athair na gheamair:he was really keen on poaching, although his father was a gamekeeper; dh’fhalbh Ailean a dh’fhuireach ann am Patagonia:Allan went to live in Patagonia; bha athair air bàs fhaighinn: his father had died; ag obair do Ghranndach Rat Mhurchais:working for Grant of Rothiemurchus; cha b’ fhada gus an robh e air ais na sheann dòighean: it wasn’t long until he was back in his old ways; eadar am Monadh Ruadh agus Monadh Nibheis: between the Cairngorms and the Nevis Range; rinn e bith-beò à poidseadh: he made a living from poaching; às a rian: insane; bha dragh air Dòmhnall gur e fòirneart a bha fa-near do dh’Ailean: Donald was worried that Allan was intent on violence; dh’inns e do na poilis anns an Aghaidh Mhòir:he told the police in Aviemore; gun robh eagal air muinntir an àite roimhe: that the local people were afraid of him; làidir na bhodhaig:bodily strong; gun dlùth-charaid ach a-mhàin an cù aige: without a close friend except for his dog; chaidh a dhìteadh:he was prosecuted; càin còig sgillinn a phàigheadh: to pay a fine of five shillings; pòsta le ochdnar cloinne: married with eight children.

Puing-chànain na Litreach: Baile Mhuilinn an Tulaich: Milton of Tulloch . There are many Miltons (Milltowns) scattered around the Gàidhealtachd. The English is a simplified form of the translation of Baile a’ Mhuilinn ‘the town of the mill’. In some cases the locality specific also exists in the name in order to distinguish it from other Miltons. The article before Mhuilinn is then dropped and the location specific goes in the genitive case eg Baile Mhuilinn Ruadh-shruth ‘Milton of Roro’, Baile Mhuilinn Eònain ‘Milton Eonan’, Baile Mhuilinn Eadar Dhà Dhobhar ‘Milton of Edradour’ (all Perthshire).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Feumaidh nach robh cùisean rèidh: matters can’t have been plain-sailing.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 456

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean