FaclairDictionary EnglishGàidhlig

691: Cè Tormod Dòmhnallach agus Puirt-à-Beul (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cè Tormod Dòmhnallach agus Puirt-à-Beul (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Chè Tormod Dòmhnallach a dh’fhoillsich The Gesto Collection of Highland Music ann an ochd ceud deug, naochad ’s a còig (1895). B’ aithne dha Màiri Mhòr nan Òran. Mhol Màiri gun sgrìobhadh e gu tè Sgitheanach eile a bha a’ cruinneachadh seann òrain – Frangag, no Frances, Tolmie. Coltach ri Cè Tormod, bha Gàidhlig aig Tolmie bho dhùthchas, agus bhuineadh i do theaghlach a bha rudeigin beartach.

Fhuair Cè Tormod ceathrad ’s a còig òrain bho Tholmie. Nochd feadhainn dhiubh ann an leabhar a dh’fhoillsich e nuair a bha e a’ fuireach ann an Dùn Èideann ann an naoi ceud deug ’s a h-aon (1901). B’ e ainm an leabhair Puirt-a-Beul: or Songs for Dancing as Practised from a Remote Antiquity by the Highlanders of Scotland.

An robh Cè Tormod ceart ann a bhith ag ràdh gu robh puirt-à-beul àrsaidh? Feumar tuigsinn gun robh e fhèin, agus a charaid, Alasdair MacIlleMhìcheil, a dh’fhoillsich Carmina Gadelica, a’ strì an aghaidh beachd ann am Breatainn nach robh anns na Gàidheil ach daoine aineolach, gun chultar a b’ fhiach. ’S dòcha nach bi fios againn a-chaoidh, ge-tà, dè cho sean ’s a tha puirt-à-beul.

Brochan lom, tana, lom, brochan, lom sùghain – bidh sibh eòlach air an òran sin. Tha e anns a’ chruinneachadh aig Cè Tormod Dòmhnallach. Bha mi a’ bruidhinn ri fear an-uiridh agus thuirt e gun robh e air aon òran Gàidhlig ionnsachadh na òige, ach nach robh fios aige dè bha na faclan a’ ciallachadh. Agus ghabh e Brochan Lom. “It means,” thuirt mise ris, “bare, thin, bare gruel, bare sowans gruel.” “Aha,” ars’ esan, “it’s a song of great philosophical depth, then!”

Sin mar a tha mòran de phuirt-à-beul. Chan eil iad a-mach air cuspairean mòra. Ach tha an ruitheam annta cudromach. Agus tha iad a’ dèanamh iomradh air rudan a bha mar phàirt de bheatha nan Gàidheal – daoine, gaol, sealg, an àirigh, eilthireachd, gaisgeachd, nàdar is mar sin air adhart. Tha na h-òrain sin am measg nan rudan as prìseile a bhuineas dhuinn mar shluagh.

Thàinig eagran ùr a-mach dhen leabhar aig Cè Tormod – Puirt-à-Beul – na bu tràithe dhen bhliadhna seo, air fhoillseachadh le Taigh na Teud anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh a dheasachadh le Uilleam Lamb. Chuir Lamb aiste inntinneach is fiosrachail an cois an leabhair mu phuirt-à-beul fhèin – cuin agus carson a dh’èirich an stoidhle seinn seo?

Bha Cè Tormod a’ ceangal “Gille Calum” ri fear a bha a’ cruinneachadh nan cìsean airson Calum a’ Chinn Mhòir, Righ na h-Alba, a bha beò mìle bliadhna air ais. Tha Lamb ag ràdh, ge-tà, nach urrainn a bhith cinnteach a bheil susbaint anns a’ bheachd sin.

Gu deireadh an t-siathamh linn deug, bha am facal port a’ ciallachadh “fonn airson na clàrsaich”. Às dèidh do chluich na clàrsaich a chrìonadh, bhiodh daoine a’ cleachdadh an fhacail airson fonn-dannsaidh a dh’fhaodadh a bhith air a chluich air ionnsramaid no air a sheinn leis a’ ghuth.

Tha dà bheachd-smuain air a bhith gu tric co-cheangailte ri tùs phort-à-beul. ’S e a’ chiad tè dhiubh gun do dh’èirich an dòigh-sheinn sin an cois Achd an Toirmisg às dèidh Blàr Chùil Lodair. ’S e an dàrna tè gun do dh’èirich i an cois dùsgadh anns an Eaglais anns an naoidheamh linn deug. Bheir sinn sùil orra sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Cè Tormod Dòmhnallach: Keith Norman MacDonald; àrsaidh: ancient; Alasdair MacIlleMhìcheil: Alexander Carmichael; an-uiridh: last year; eagran: edition.

Abairtean na Litreach: feumar tuigsinn: it must be understood; a’ strì an aghaidh beachd: struggling against an opinion; nach robh anns na Gàidheil ach daoine aineolach: that the Gaels were just an ignorant people; ’s dòcha nach bi fios againn a-chaoidh, ge-tà:perhaps we’ll never know, however; gun robh e air aon òran Gàidhlig ionnsachadh na òige: that he had learned one Gaelic song in his childhood; tha an ruitheam annta cudromach: the rhythm in them is important; a’ dèanamh iomradh air rudan a bha mar phàirt de bheatha nan Gàidheal: saying something about things that were part of the life of the Gaels; gaol, sealg, an àirigh, eilthireachd, gaisgeachd, nàdar: love, hunting, the shieling, emigration, heroism, nature; chaidh a dheasachadh le: it was edited by; aiste inntinneach is fiosrachail an cois an leabhair: an interesting and informative essay in the book; cuin agus carson a dh’èirich an stoidhle seinn seo?: when and why did this singing style arise?; fear a bha a’ cruinneachadh nan cìsean airson Calum a’ Chinn Mhòir: a man who was collecting taxes for Malcolm Canmore; nach urrainn a bhith cinnteach a bheil susbaint anns a’ bheachd sin:that [we] can’t be certain that opinion has substance; às dèidh do chluich na clàrsaich a chrìonadh:after the playing of the harp diminished; fonn-dannsaidh a dh’fhaodadh a bhith air a chluich air ionnsramaid no air a sheinn leis a’ ghuth: a dance tune that could be played on an instrument or sung with the voice; dà bheachd-smuain: two ideas; an cois Achd an Toirmisg às dèidh Blàr Chùil Lodair: along with the Act of Proscription after the Battle of Culloden; dùsgadh anns an Eaglais: a rise of evangelism in the Church.

Puing-chànain na Litreach: puirt-à-beul: literally tunes from [the] mouth’ and sometimes called mouth music’ in English, although the Gaelic term is generally preferred, even in English. The singular is port-à-beul, the plural is puirt-à-beul. While port was once used, it appears exclusively, for a classical Gaelic tune played on the harp, in the days when the harp was king’ in Gaelic musical circles, it is now used more generally for a tune played on any musical instrument, often as an accompaniment to dance. The sense that puirt-à-beul have a strong link to dance is still alive in our culture, although the origins of such songs remain a matter of debate.

Gnàthas-cainnt na Litreach: gun chultar a b’ fhiach: without a culture worth talking about.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 387

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean