FaclairDictionary EnglishGàidhlig

643: Na h-Amhaisgean (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na h-Amhaisgean (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi ag innse na seann sgeulachd Na h-Amhaisgean no Na Trì Saighdearan. Fhuair am boireannach a-mach às a’ chaisteal, air falbh bho na h-Amhaisgean. Chaidh i dhachaigh do a h-athair a bha na Rìgh ann an Rìoghachd na Fuarachd. Gheall i don t-saighdear gun tilleadh i le maighdeannan coimheadach airson a phòsadh.

Dh’fhàg an saighdear an caisteal cuideachd. Chaidh e don taigh a b’ fhaisge air. ’S ann le bean-shìth a bha an taigh. Latha a bha seo, bha e a’ tarraing uisge às an tobar. Chunnaic a’ bhean-shìth an Rìgh, a nighean agus na maighdeannan coimheadach a’ tighinn dhan ionnsaigh. Thàinig i air cùlaibh an t-saighdeir gun fhiosta dha agus chuir i prìne draoidheachd ann an cùl a chinn.

Nuair a ràinig an Rìgh e, bha an saighdear na throm shuain. Mar a bu mhotha a chrathadh an Rìgh e, ’s ann a bu truime a chaidleadh e.

“Chan eil fhios a’m dè an seòrsa duine a tha seo,” ars an Rìgh, “nuair nach gabh e dùsgadh idir.” Dh’fhalbh an Rìgh dhachaigh.

An uair sin, spìon a’ bhean-shìth am prìne draoidheachd agus dhùisg an saighdear. Chaidh e don chaisteal agus lorg e a chompanaich, an dithis shaighdearan eile.

“A bheil sibh a’ tighinn còmhla rium a Rìoghachd na Fuarachd?” thuirt e.

“Chan eil,” ars iadsan, “tha sinn math gu leòr far a bheil sinn.”

Agus leig e an sin iad. Choimhead e timcheall agus lorg e trì cìrean-eich. Thug e na cìrean leis agus dh’fhalbh e air an rathad a dh’ionnsaigh Rìoghachd na Fuarachd. Stad e mu dheireadh aig bothan ri taobh an rathaid. Bha bodach liath ann. Bha e a’ cìreadh fheusaig le badan fraoich.

“Nach garbh a’ chìr a th’ agad!” thuirt an saighdear.

“Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.

“’S cinnteach gu bheil nas fheàrr agam fhìn,” thuirt an saighdear. Agus thug e tè de na cìrean-eich aige don bhodach.

“’S aithne dhomh fàth do thurais,” thuirt am bodach. “Tha thu air tòir do leannain, nighean an Rìgh, ann an Rìoghachd na Fuarachd. Cuiridh tu seachad an oidhche a-nochd cuide rium agus cha mhiste do thuras a-màireach e.”

Rinn e sin agus, an làrna-mhàireach, nuair a bha e a’ dèanamh deiseil airson falbh, thuirt am bodach liath ris, “’S e mo bhràthair as fheàrr a chuireas air do thuras thu. Tha e aig astar latha is bliadhna às a seo, ach bheir mise dhut paidhir bhrògan is bheir iad ann thu ann an aon latha. Nuair a ruigeas tu taigh mo bhràthar, thoirt dhìot na brògan, tionndaidh iad an rathad seo agus bidh iad air ais agam ro dhol-fodha na grèine.”

Dh’fhalbh an saighdear agus, aig ciaradh an fheasgair, chunnaic e bothan ri taobh an rathaid. Thug an saighdear na brògan dheth. Thionndaidh e iad agus dh’fhalbh iad leotha fhèin air an rathad dhachaigh. Nuair a bha iad a-mach à sealladh, chaidh an saighdear a-steach don bhothan. Bha bodach liath ann na shuidhe aig an teine air stoc craoibhe. Bha e a’ cìreadh fheusaig le badan giuthais.

“Nach garbh a’ chìr a th’ agad!” thuirt an saighdear.

“Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.

Feumaidh sinn an stòiridh fhàgail aige sin. Ach cuiridh sinn crìoch air an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: amhaisg: awisk; Rìoghachd na Fuarachd: The Kingdom of Coldness; bean-shìth: a fairy woman, banshee, spìon:plucked, pulled; dhùisg: awoke; bodach liath: an old grey-haired man; paidhir bhrògan: a pair of shoes; badan giuthais: a clump of pine (leaves/branches).

Abairtean na Litreach: le maighdeannan coimheadach airson a phòsadh: with attendant maids to marry him; bha e a’ tarraing uisge: he was drawing water; air cùlaibh an t-saighdeir gun fhiosta dha: behind the soldier without his knowing; chuir i prìne draoidheachd ann an cùl a chinn:she stuck a magic pin in the back of his head; nuair nach gabh e dùsgadh: when he can’t be woken; lorg e trì cìrean-eich:he found three curry (horse) combs; stad e mu dheireadh aig bothan: he finally stopped at a bothy; a’ cìreadh fheusaig le badan fraoich:combing his beard with a clump of heather; nach garbh a’ chìr a th’ agad!: what a rough comb you have; chan eil nas mìne agam:I have none smoother; ’s aithne dhomh fàth do thurais: I know the purpose of your journey; air tòir do leannain: in pursuit of your sweetheart; cha mhiste do thuras a-màireach e: your journey tomorrow will be none the worse for it; ’s e mo bhràthair as fheàrr a chuireas air do thuras thu: it is my brother who will best put you on your journey [show the way]; astar latha is bliadhna às a seo: a distance of a year and a day from here; ro dhol-fodha na grèine: before sunset; ciaradh an fheasgair: dusk.

Puing-chànain na Litreach: Mar a bu mhotha a chrathadh an Rìgh e, ’s ann a bu truime a chaidleadh e:the more the king shook him, the heavier he slept. When we use the mar as… ’s ann as idiom (a really useful one – practise it!). You will be familiar with an example like mar as motha am bàta, ’s ann as fheàrr (the bigger the boat, the better). In the example in the Litir, the verb is conditional/past habitual (chrathadh actually means “would shake” and chaidleadh means “would sleep”), meaning we must say mar a bu … ’s ann a bu. Here is another example: mar a bu trice a ghearrainn am feur, ’s ann a bu luaithe a dh’fhàsadh e (the more frequently I would cut the grass, the faster it would grow). And a non-conditional one: mar as trice a leughas tu an Litir, ’s ann as fheàrr a dh’fhàsas do chuid Gàidhlig (no sin an dòchas a th’ agam co-dhiù!)

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha an saighdear na throm shuain: the soldier was in a heavy slumber.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 339

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean