FaclairDictionary EnglishGàidhlig

538: Gobhair

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gobhair

Gaelic Gàidhlig

Dè cho tric agus a chunnaic sibh gobhar ann an Alba? Chan eil mi a’ ciallachadh gobhar mòr geal air cùl feansa, ach an fheadhainn a tha a’ fuireach sa mhonadh. Chunnaic mi fhìn a leithid grunn tursan, mar eisimpleir anns an Eilean Dubh, ann an Colbhasa, ann an Srath Spè agus – o chionn ghoirid – faisg air Ceann Loch Iù ann an Siorrachd Rois.

Bha mi a’ coiseachd còmhla ri feadhainn eile eadar an Lochan Fada ann am Frìth Leitir Iù agus Loch Maruibhe. Bha sinn ann an gleann ris an canar Gleann Bianasdail. Faisg air làimh tha meall air a bheil Meallan Ghobhar mar ainm. Chunnaic mi ceumannan tron fhraoch air taobh thall an uillt. Bha an talamh gu math cas. Dè eile a dhèanadh slighean mar sin ach gobhair?

Bha mi a’ smaoineachadh gur ann air taobh thall an uillt a bhiodh na gobhair fhèin. Ach bha an cù agam air thoiseach orm, a’ ruith gu sunndach. Gu h-obann, stad e. Bha e a’ coimhead air rudeigin. Bha amharas agam gur e gobhar a bh’ ann. Agus ’s e – boc mòr le adharcan mòra. Cha robh an cù ro dheònach dhol faisg air. Is beag an t-iongnadh!

Bha mi a’ leughadh rudeigin annasach o chionn ghoirid mu ghobhair ann an Alba. Bha easbaig Èireannach air turas a dh’Alba ann an seachd ceud deug is trì fichead. B’ esan Ridseard Pococke – easbaig Pròstanach agus mac aig clèireach Sasannach. Bha e air leabhar a sgrìobhadh mu thràth mun Ear-mheadhanach, bha e air a bhith ann an Arcaibh bliadhnaichean roimhe agus a-nise bha e airson a dhol a choimhead air ceann a tuath tìr-mòr na Gàidhealtachd.

Chaidh Pococke a thadhal air uaislean na sgìre agus sgrìobh e cunntas mu mhuinntir an àite. Mhol e na daoine. Bha iad tapaidh is beòthail, shaoil e. Chaidh e air chuairt air a’ Pharbh agus ’s ann an sin a dh’ionnsaich e rud annasach mu ghobhair. Bidh gobhair a’ marbhadh is ag ithe nathraichean. Chan fhaca mi fhìn a leithid idir, ach saoil a bheil e fìor?

Uill, chlàir Alasdair MacNeacail seanfhacal co-cheangailte ri sin: Cleas na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach. The goat’s trick is to eat the snake, eating away and still complaining. Cleas na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìor thalach.

Tha MacNeacail ag innse dhuinn gun robh na Gàidheil – ann an cuid de cheàrnaidhean co-dhiù – dhen bheachd gun itheadh gobhair nathraichean. Bhiodh gobhar a’ stampadh air ceann na nathrach an toiseach. An uair sin bhiodh e ga h-ithe, earball an toiseach. Fhad ’s a bhios gobhar a’ dèanamh sin, bidh e a’ dèanamh fuaim mar gu bheil e a’ talach, no a’ gearain.

Bha mi airson faighinn a-mach a bheil a leithid clàraichte ann an àiteachan eile. Mar sin, chaidh mi gu màthair-uisge an fhiosrachaidh – an t-eadar-lìon. Seadh – tha fhios a’m – ’s e cleachdadh cunnartach a th’ ann.

Tha bhidiothan goirid mì-thlachdmhor air an eadar-lìon de nathraichean ag ithe ghobhar. Ach lorg mi aon chunntas de ghobhar a dh’ith nathair. Tha fear anns na h-Innseachan air a bheil Mohammed Pasha. Bidh Mohammed a’ reic èisg. Bha gobhar aige ceangailte ri teadhair faisg air an àite far an robh e a’ reic an èisg. Agus bha a ghobhar ag ithe an èisg! A-nise bidh e ag ithe còrr air còig cileagraman èisg gach latha! Aon turas dh’ith an gobhar nathair. Nam biodh Mohammed còir eòlach air an t-seanfhacal Ghàidhlig, cha bhiodh iongnadh sam bith air!

Faclan na Litreach : gobhar: goat; Ceann Loch Iù: Kinlochewe; Frìth Leitir Iù: the Letterewe deer forest; Loch Maruibhe: Loch Maree; uaislean: gentry; a’ gearain: complaining; na h-Innseachan: India.

Abairtean na Litreach: chunnaic mi fhìn a leithid grunn tursan: I myself saw the like on several occasions; ceumannan tron fhraoch: paths through the heather; taobh thall an uillt: the far side of the burn; dè eile a dhèanadh slighean mar sin?: what else would make routes like that?; air thoiseach orm, a’ ruith gu sunndach: ahead of me, running happily; boc mòr le adharcan mòra: a big buck with big horns; is beag an t-iongnadh: it’s hardly surprising; easbaig Pròstanach agus mac aig clèireach Sasannach: a Protestant bishop and son of an English cleric; mun Ear-mheadhanach: about the Middle East; tapaidh is beòthail: well built and energetic; air chuairt air a’ Pharbh: on a journey to Cape Wrath; saoil a bheil e fìor?: do you reckon it’s true?; a’ stampadh air ceann na nathrach an toiseach: stamping on the snake’s head to start with; earball an toiseach: tail first; màthair-uisge an fhiosrachaidh – an t-eadar-lìon: the wellspring of [all] knowledge – the internet; cleachdadh cunnartach: a dangerous practice; bhidiothan goirid mì-thlachdmhor: short unpleasant videos; aon chunntas de ghobhar a dh'ith nathair: one account of a goat that ate a snake; ceangailte ri teadhair: tied to a tether; faisg air an àite far an robh e a’ reic an èisg: close to the place where he was selling fish; còrr air còig cileagraman èisg gach latha: more than 5 kg of fish every day; cha bhiodh iongnadh sam bith air: he would not be surprised.

Puing-chànain na Litreach: gleann ris an canar Gleann Bianasdail: a glen called Gleann Bianasdail. You might wonder why I haven’t followed the guidelines of the Gaelic Orthographic Conventions (GOC) and replaced the sd in Bianasdail with st ( èisd has become èist and an-dràsda has become an-dràsta , for example). In fact I have followed GOC guidelines. They also tell us where the sd is part of a name of Norse origin in which the final element is dal/dail eg Lacasdal, Baghasdail, that the dal/dail should be preserved for the sake of its etymology.

Seanfhacal na Litreach Cleas na goibhre ’g ith’ na nathrach, ga sìor itheadh, ’s a’ sìorthalach: the goat’s trick is to eat the snake, eating away and still complaining.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 234

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean